Episode 58
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Rinn Arm Bhreatainn adhartas math ann am Mesopotamia aig toiseach mìos na Samhain 1917 is an t-Arm Turcach a' tarraing air ais gu Tekrit, seann bhaile ri taobh Abhainn Tigris. Bha amharas aig a' Chomanndair Bhreatannach, Sir Frederick Maude, gu robh na Turcaich an dùil tarraing air ais nas fhaide, a' toirt leotha nan goireasan a bh' aca air a stòradh ann an Tekrit, agus thug e òrdugh do chomanndair an Ochdamh Brigade, an Seanalair Cobbe, ionnsaigh a thoirt air a' bhaile. Tha fiosrachadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn mu na thachair.
Air an 6mh den t-Samhain 1917 thà inig Treas Blà r Ypres, no Blà r Passchendaele, gu ceann nuair a ghabh Corps Canèidianach Arm Bhreatainn sealbh air a' bhaile, ged a bha an t-sabaid dol a leantainn san sgìre mun cuairt airson ùine fhathast. Bha am blà r air tòiseachadh san Iuchair agus bha call-beatha mòr na lùib.
Bha sabaid chruaidh a' leantainn aig Passenchdaele sa Bheilg agus Gà sa ann am Palestine air an dà rna seachdain den mhìos, le Arm Breatainn a' togail air an adhartas a rinn iad san dà à ite air an t-seachdain ron a sin.
Chaidh sà bhaladh fortanach air seòladair às an Eilean Sgitheanach san t-Samhain 1917. Bha Eà irdsidh Dòmhnallach à Dùn Bheagain air trà lair ann am Portsmouth, tè dhen fheadhainn a bha sguabadh na mara airson mhèinnichean, ach bhiodh iad ga thoirt air falbh uaireannan gu oifis a' phuist sa bhaile on a bha e na phost ron Chogadh. Sin a thachair air an 11mh den t-Samhain 1917, mar a tha a mhac, Ailean Dòmhnallach, ag innse ann na sgeulachd chianail sa phrògram.
Thòisich Blà r Cambrai, an ceann-a-tuath na Frainge, air an 20mh den t-Samhain 1917. Bha am baile cudromach air sgà th na bha de loidhnichean-rèile mun cuairt air is mar sin rinn Breatainn oidhirp mhòr air a ghabhail thairis. Chuir Comanndair an Treas Arm, an Seanalair Julian Byng, dòigh-sabaid ùr an gnìomh an seo a bha gabhail a-steach ionnsaigh obann le tancaichean, le coisridh agus eachraidh a' tighinn dlùth às an dèidh. Cha do chleachd e na gunnachan-mòra aig toiseach a' bhlà ir mar a b' à bhaist gus nach toireadh iad rabhadh seachad gu robh ionnsaigh a' tighinn. An à ite sin, chleachd e na tancaichean airson uèir-bhiorach nan Gearmailteach a leagail.
Thà inig an ionnsaigh air na Gearmailtich gun fhiosta agus chaidh aig feachdan Bhreatainn air bristeadh tron loidhne-dìon aca is gluasad còig mìle air adhart ann am beagan uairean a thìde.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 27 Nov 2017 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Nov 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Dec 2017 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal