27/08/2017
Tha Ruairidh MacIllEathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo à ireamh 941.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 641
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 945
Duration: 05:00
Litir 945: Cladh Cille Choirill (1)
Dè an cladh as brèagha ann an Alba? ʼS e ceist dhoirbh a tha sin, nach e? ʼS iomadh buadh a th’ aig cladh – an t-à ite sa bheil e, na seallaidhean, cruth an à ite, coltas na h-eaglaise ma bhios eaglais ann – agus na daoine a th’ air an tiodhlacadh ann.
           Tha Cladh nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math snog – agus na thèarmann sìtheil ann an meadhan baile mòr trang. Tha an sà r-bhà rd, Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir, air a thiodhlacadh ann. Ma bhios mi faisg air a’ chladh nuair a tha mi ann an Dùn Èideann, bidh mi a’ dol a-steach airson urram a shealltainn do Dhonnchadh agus taing a thoirt dha airson na tlachd a thug a bhà rdachd dhomh.
Bha mi aig tiodhlacadh aig bana-charaid an-uiridh ann an Dùthaich MhicAoidh – air cladach Caolas Thunga, leis a’ chuan air aon taobh agus Beinn Laghail nam mullaichean drùidhteach aig a’ cheann eile. Bha Mairead gu math measail air nà dar agus abair gun robh an t-à ite far an deach a cur a laighe à lainn. Cha tèid mi seachad air a’ chladh a-nise gun a bhith a’ cuimhneachadh oirre, agus mo chridhe air a lìonadh le ionndrainn.
Agus chan urrainn dhomh ach Cladh a’ Chlachain air Comraich Ma-ruibhe ainmeachadh – far a bheil mòran de na sinnsirean agam fhìn air an tiodhlacadh. Aig bun nam beann a tha e, faisg air abhainn is cladach, agus seallaidhean à lainn às de Ratharsair agus Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich.
Sin trì cladhan a tha a’ tighinn gu m’ aire sa mhionaid, ged a dh’fhaodainn Cladh Hà llain ann an Uibhist a Deas agus Cladh Cille Bharra ann am Barraigh ainmeachadh cuideachd. Bidh ur roghainn fhèin agaibh fhèin, ʼs cinnteach.
O chionn ghoirid, bha mi ann an cladh ùr agus abair gun robh e à lainn. Nuair a chanas mi ‘cladh ùr’, chan eil an cladh fhèin ùr idir – tha e gu math sean. Ach bha e ùr dhòmhsa. Nà ire orm nach robh mi ann roimhe oir ʼs iomadh turas a chaidh mi seachad air.
Ach mu dheireadh thall, ghabh mi an cothrom, agus chaidh mi a choimhead air Cladh Cille Choirill ann am Brà igh Loch Abar. Tha e ann an Gleann Spiothain gu tuath air rathad an A86, a tha a’ dol eadar An Lagan agus Drochaid an Aonachain. Agus carson a tha an cladh cho drùidhteach? Uill, tha dà adhbhar ann.
Anns a’ chiad dol a-mach, tha e gu math mòr, timcheall seann eaglaise, agus air leathad os cionn a’ ghlinne. Tha e air a chuairteachadh le beanntan à rda brèagha. Gu deas, tha beanntan nan Coireachan Liatha agus monadh Locha Trèig a’ lìonadh an t-seallaidh. Sin aon adhbhar.
Ach tha adhbhar eile ann. Tha dithis bhà rd gu math ainmeil air an tiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill, co-dhiù a rèir beul-aithris. ʼS e fear dhiubh Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n – sealgair is bà rd a bhuineadh don t-siathamh linn deug agus a sgrìobh an dà n ainmeil – Òran na Comhachaig.
ʼS e am fear eile bà rd nan Dòmhnallach – Iain Lom, bà rd na Ceapaich, a sgrìobh òrain a bha a’ dèanamh luaidh air cinn-chinnidh nan Dòmhnallach, agus dìmeas air cinn-chinnidh nan Caimbeulach.
Ged nach eilear cinnteach cà ’ bheil an dithis bhà rd seo air an tiodhlacadh sa chladh, tha clachan-cuimhne ann dhaibh. Bidh tuilleadh agam mun chladh seo an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Cladh nam Manach Liath: Greyfriars’ Kirkyard; Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; an-uiridh: last year; luchdaich: loaded; Brà igh Loch Abar: The Braes of Lochaber; Gleann Spiothain: Glen Spean; bà rd na Ceapaich: the Keppoch bard.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼs iomadh buadh a th’ aig cladh: a graveyard has many virtues; tèarmann sìtheil: a peaceful refuge; airson urram a shealltainn do: to show respect for; airson na tlachd a thug a bhà rdachd dhomh: for the pleasure his poetry has given [gave] me; cladach Caolas Thunga: the shore of the Kyle of Tongue; Beinn Laghail nam mullaichean drùidhteach: Ben Loyal of the impressive summits; abair gun robh an t-à ite far an deach a cur a laighe à lainn: the place she was laid to rest is very beautiful; gun a bhith a’ cuimhneachadh oirre, agus mo chridhe air a lìonadh le ionndrainn: without remembering her, and me missing her greatly; Cladh a’ Chlachain air Comraich Ma-ruibhe: The Clachan Cemetery in Applecross [Maelrubha’s sanctuary]; far a bheil mòran de na sinnsirean agam fhìn air an tiodhlacadh: where many of my own ancestors are buried; seallaidhean à lainn às de Ratharsair agus Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich: beautiful views from it of Raasay and the Cuillin of Skye; bidh ur roghainn fhèin agaibh fhèin, ʼs cinnteach: you will have your own choice, to be sure; ùr dhòmhsa: new to me; ʼs iomadh turas a chaidh mi seachad air: many a time I went past it; eadar An Lagan agus Drochaid an Aonachain: between Laggan and Spean Bridge; air leathad os cionn a’ ghlinne: on a slope above the glen; beanntan nan Coireachan Liatha: the mountains of the Grey Corries; dithis bhà rd: two bards; a’ dèanamh luaidh air cinn-chinnidh: praising chiefs.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Aig bun nam beann a tha e: at the base of the mountains it is. You might have been told that a Gaelic sentence always starts with a verb but that is not necessarily the case. You can play with the word order a bit and sometimes start with a preposition, particularly in colloquial usage. In formal usage we’d start with ʼs ann ie ʼs ann aig bun nam beann a tha e but colloquially that can be left out. Here are some other examples with the initial ʼs ann missing: air an eadar-lìon a dh’ionnsaich e a h-uile cà il ‘on the internet he learned everything’; air bhioran a bha e, a’ feitheamh rithe ‘on tenterhooks he was, waiting for her’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Nà ire orm nach robh mi ann roimhe: shame on me I wasn’t there before.
Broadcasts
- Sun 27 Aug 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Aug 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.