20/08/2017
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo à ireamh 944.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 640
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 944
Duration: 05:00
Litir 944: Mar a Thà inig an Guirmean a dh’Alba (3)
Bha mi ag innse na sgeulachd ‘Mar a Thà inig an Guirmean a dh’Alba’. Bha an dìlleachdan Barrach anns na h-Innseachan. Lìon an triùir fhear am bara aige le slatan òir. Thill e dhachaigh don tuathanach. Bha e air a bhith air falbh beagan là ithean agus bha an t-eagal air an tuathanach gun robh e marbh. Bha e air gealltainn don mheat air an t-soitheach gun cumadh e sà bhailte e.
           Sheall an gille am bara – là n slatan òir – don tuathanach. ‘Dè tha thu a’ dol a dhèanamh le sin?’ dh’fhaighnich an tuathanach.
           ‘Tha mi a’ dol gam fà gail agaibh fhèin,’ ars an gille.
           ‘O,’ ars an tuathanach, ‘na fà g agams’ idir iad. ʼS ann leat fhèin a tha iad. ʼS tu am fear as beartaiche air an oighreachd an-diugh, is là n bara de shlatan òir agad.’
           Bha iad beagan là ithean aig an taigh is thà inig an tuathanach a dh’ionnsaigh a’ ghille. ‘Tha oighreachd mhòr ga reic,’ thuirt e. ‘ʼS e oighreachd ghuirmein a th’ innte. Thèid mise dhan rùp is ceannaichidh mi an oighreachd agus bidh d’ ainm fhèin oirre.’
           ‘Glè mhath,’ ars an gille òg.
           Chaidh an tuathanach don rùp agus cheannaich e an oighreachd leis na slatan òir. ‘ʼS ann leat fhèin a tha an oighreachd a-nise,’ thuirt e ris a’ ghille. ‘Faodaidh tu an luchd-obrach a chumail no faodaidh tu faighinn cuidhteas iad mar a thogras tu fhèin. Ach ʼs dòcha gum biodh e glic an cumail oir ʼs ann acasan a tha fios air mar a dh’fhà sas tu an guirmean.’ Chùm an gille an luchd-obrach agus chaidh gnothaichean gu math leis air an oighreachd.
           Chaidh bliadhnaichean seachad agus cò nochd latha a bha seo aig taigh an tuathanaich ach am meat. Bha e air tilleadh bho na seachd cuantan. ‘Ca’l an gille?’ dh’fhaighnich e.
           ‘Uill,’ ars an tuathanach, ‘tha an gille nas fheà rr dheth an-diugh na tha thusa no mise. Thèid sinn a chèilidh air.’
           ‘Glè mhath,’ ars am meat, agus chaidh iad a chèilidh air an dìlleachdan. Rà inig iad an taigh agus ʼs e taigh mòr a bh’ ann. Thà inig an gille chun an dorais. Rug e fhèin ʼs am meat air là imh air a chèile agus dh’fhaighnich am meat dheth gu dè a bh’ air èirigh dha.
           Mhìnich an gille an suidheachadh dha agus gun robh an oighreachd aige là n guirmein. Dh’fhaighnich an gille mun bhà ta ‘Cò th’ oirre an-diugh?’ dh’fhaighnich e.
           ‘Chan eil ach an t-seann fheadhainn air a bheil thu eòlach,’ ars am meat.
           ‘Glè mhath,’ ars an gille. ‘Tha mi airson ʼs gum fuirich thu agam a-nochd agus a-mà ireach lìonaidh sinn am bà ta le luchd de ghuirmean. Ach tha mi a’ dol a chur an sgiobair dhith, agus pà irt dhen chriutha leis – an fheadhainn a bha nam aghaidh. Gheibh thusa comannd air a’ bhà ta agus bidh i leat fhèin an uair sin.’
           ‘Glè mhath,’ ars am meat. Chuir iad a h-uile sìon air dòigh agus luchdaich iad am bà ta le guirmean. Chuir an gille an sgiobair agus pà irt dhen chriutha a-mach – an fheadhainn a bh’ air a bhith na aghaidh air a’ chiad bhòidse. Bha am meat na sgiobair agus sheòl iad am bà ta gu ruige Alba. Agus b’ e sin a’ chiad turas a rà inig an guirmean Alba – taing do dhìlleachdan à Barraigh. Agus ʼs e sin mo sgeulachd, fìor no breugach ged a bhitheas i.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: guirmean: normally woad but as this is from India, it probably means guirmean Innseanach or indigo; slatan òir: golden rods; luchd: cargo; luchdaich: loaded; gu ruige: to.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha an dìlleachdan Barrach anns na h-Innseachan: the Barra orphan was in India/the Indies; bha e air gealltainn don mheat gun cumadh e sà bhailte e: he had promised the mate that he would keep him safe; na fà g agams’ idir iad: don’t leave them to me at all; ʼs ann leat fhèin a tha iad: they belong to you; ʼs tu am fear as beartaiche: you are the wealthiest man; thèid mise dhan rùp is ceannaichidh mi an oighreachd agus bidh d’ ainm fhèin oirre: I’ll go to the auction and I’ll buy the estate and your own name will be on it; ʼs dòcha gum biodh e glic an cumail: perhaps it would make sense to keep them; ʼs ann acasan a tha fios air mar a dh’fhà sas tu an guirmean: they’re the ones that know how to grow indigo; rug e fhèin ʼs am meat air là imh air a chèile: he and the mate shook each other’s hands; gu dè a bh’ air èirigh dha: what had happened to him; chan eil ach an t-seann fheadhainn air a bheil thu eòlach: only the old ones you know; tha mi a’ dol a chur an sgiobair dhith, agus pà irt dhen chriutha leis: I’m going to put the captain off, and part of the crew with him; an fheadhainn a bh’ air a bhith na aghaidh air a’ chiad bhòidse: the ones who had been against him on the first voyage; chuir iad a h-uile sìon air dòigh: they organised everything.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha oighreachd mhòr ga reic: there is a large estate being sold. Ga reic is a passive form ie we don’t have to say who is doing the selling. It is the same structure you will hear on Radio nan Gà idheal during the lambing season – tha uan ga thoirt seachad ‘a lamb is being given away’. Here is another example (and note the lack of lenition because it is a feminine singular possessive) – tha am bà ta ga cà radh‘the boat is being repaired’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: faodaidh tu faighinn cuidhteas iad mar a thogras tu fhèin: you can get rid of them as you wish yourself.
NB: A full version of the story is available on the Tobar an Dualchais website – it’s a tremendous resource – make sure you use it!
Broadcasts
- Sun 20 Aug 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Aug 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.