Episode 44
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh a chuir an cuimhne dhaoine an obair a bha boireannaich a' deà namh, an dà chuid aig an taigh agus san raon cogaidh san Fhaoilleach 1917, mar a tha Gilleasbuig MacDhòhnaill ag innse. Uile gu lèir bha timcheall air 80,000 boireannach a' frithealadh diofar dhreuchdan sa Chogadh Mhòr, ged nach b' ann a' sabaid. Bha naidheachd ann an Gaseat Steòrnabhaigh air an 19mh den Fhaoilleach a' toirt iomradh air banaltram às an Rubha, Cairistìona NicLeòid, Cairistìona Aonghais Uilleim, 16 Port Bholair a bha air duais na Crois Deirge Rìoghail a chosnadh airson a cuid obrach mar mhatron san Fhraing. Cha b' i an aon bhoireannach san teaghlach a bha sa chogadh, bha piuthar Cairistìona, Seasaidh Ann, cuideachd air a dhol dhan Fhraing gus cuideachadh saor-thoileach a thoirt seachad.
B' e soitheach luath a bh' anns an Laurentic a chaidh a dealbh gu sònraichte airson obair cogaidh agus ann an 1910 chaidh a cleachdadh gus stad a chur air an Dotair Crippen an uair a dh'fheuch e ri teicheadh a Chanada. Ach san Fhaoilleach 1917 b' e cargu eile a bh' air bòrd an Laurentic - 43 tunna de dh'òr a bh' air a shlighe a Chanada. Stad i aig Lough Swilly an Èirinn a Tuath gus còignear a bha bochd a chuir air tìr. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill na thachair às dèidh sin.
Bha Riaghaltas na Gearmailt airson leudachadh air obair nam bà taichean-aigeil gu bhith a' cur fodha soithichean ospadail. Roimhe sin thubhairt Nirribhidh gu robh iadsan a' cur bacadh air bà taichean-aigeil sna h-uisgeachan acasan agus chaidh an ceòl a chuir feadh na fìdhle air an latha mu dheireadh dhen Fhaoilleach 1917. Dh'innis na Gearmailtich na bha fa near dhaibhsan, ag rà dh gu robh iad a' maoidheadh cogadh mara gun tròcair air soithichean sam bith, co-dhiù a bhuineadh iad do dhùthchannan Co-chòmhraigeach no nach buineadh, bhon chiad latha dhen Ghearran. Rinn iad soilleir cuideachd gun toireadh iad ionnsaigh air soithichean ospadail Breatannach a bha a' siubhal air ais 's air adhart bhon Fhraing sa Bheilg, a' fà gail orra gun robh iad a' deà namh dì-meas air suaicheantas na Croise Deirge.
Tha Gilleasbuig ag innse mar a chuir co-dhùnadh na Gearmailt fearg air na Stà itean Aonaichte - a bha fhathast gun a thighinn a-steach dhan chogadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 6 Feb 2017 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 6 Feb 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Feb 2017 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal