Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Air an 23mh den Dùbhlachd 1916 nochd aithris an Tìm an Òbain ag innse mu na riaghailtean ùr a thòisich an t-seachdain sin a thaobh a bhith ag ithe ann an taighean-òsta. Bho Dhiluain bha biadh meadhan-là ri chuingealachadh gu dà chùrsa agus diathad gu trì cùrsaichean. Bha Riaghladair a' Bhìdh, am Morair Devonport airson nach nach biodh daoine a' dèanamh ana-caitheamh air biadh agus gum biodh iad dha chaomhnadh. Bha riaghailtean eile ri thighinn a-rèir a' phàipear agus cluinnidh sinn iad sa phrògram bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill an luib naidheachdan eile a' chogaidh.

Chan ann tric a tha teagamhan no gearainean mun chogadh a' nochdadh ann an litrichean no leabhraichean-latha nan saighdearan ach air a' chiad seachdain de Bhliadhn' Ùir 1917 tha dithis a' sgrìobhadh - aon duine à Salonika agus am fear às an Fhraing - a' gearain air uisge, poll agus fòrladh, agus a' ceusnachadh ach ciamar a bhios cùisean às dèidh a' chogaidh. 'S dòcha gu robh smuaintean air àm na Bliadhn' Ùir a' toirt buaidh agus an treas Bliadhn' Ùr den chogadh ann.

Aig an taigh chaidh oidhirp a dhèanamh a-rithist air àite-fuirich freagarrach fhaighinn dha na boireannach on Ghàidhealtachd a bha ag obair anns na factaraidhean timcheall Ghlaschu. Bha litir ann an Tìm an Òbain air an t-siathamh latha den Fhaoilleach o Rùnaire na buidhne a bha air cùl na h-iomairt ag innse na bha nam beachd.

Cuideachd bha artaigil eile a' toirt comhairle do luchd nam bailtean-mòra air mar a dh'fhaodadh iad biadh fhàs dhaibh p'fhèin. Bha comhairle ann cuideachd air biadh fallain leithid lit, buntàt' agus sgadan.

30 minutes

Last on

Sun 22 Jan 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 16 Jan 2017 12:00
  • Mon 16 Jan 2017 22:00
  • Sun 22 Jan 2017 13:00