Episode 38
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Air an 9mh dhen t-Sultain 1916 chaidh cath a chur airson baile Ginchy a bha fo smachd nan Gearmailteach mar phà irt de Bhlà r an Somme.
Ro dheireadh na seachdain bhiodh dà bhlà r eile air tòiseachadh - an seachdamh batal airson abhainn an Isonzo san Eadailt air a' cheathramh latha deug dhen t-Sultain agus, an lathairne mhà ireach, Blà r Flers-Courcelette aig an Somme, a mhaireadh fad seachdain. B' e seo a' chiad bhlà r anns an deach tancaichean a chleachdadh agus b'e seo cuideachd a' chiad turas a chaidh feachdan à Canada agus New Zealand a chuir an sàs aig an Somme.
Am measg na chaill am beatha , air am bi Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt imradh, bha Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Dhòmhnaill Lachlainn Aonghais à Cnoc an Lìn an Uibhist a Tuath. Bha Dòmhnall air a bhith ag obair air taobh an iar Chanada nuair a liostaig e an Coisridh na dùthcha. Sgrìobh Gilleasbaig MacAonghais bà rdachd a' dèanamh luaidh air, a chaidh fhoillseachadh an Tim an Òbain, agus gheibh sinn earrann dheth sa phrògram.
Air an 16mh dhen t-Sultain 1916 nochd criomag fiosrachaidh ann an Tìm an Òbain ag innse gun robh saighdearan is seòladairean a bhuineadh dhan Ghà idhealtachd 's na h-Eileanan air fòrladh fhaighinn a leigeadh leotha tighinn dhachaigh airson cuideachadh le obair an fhoghair.
Cuideachd aig an taigh bha mì-thoileachas dha shealltainn aig coinneamh bhliadhnail a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an Glaschu. Bha seo mu mhìle not a chaidh a thoirt dhan Chrois Dhearg gus uà rd a stèidheachadh aig Ospadal Woodside a bhiodh a' frithealadh saighdearan a bha a' bruidhinn na Gà idhlig. Mar a chaidh innse san Ross-shire Journal bha an Comann a-nis ag iarraidh an airgid air ais. Cluinnidh sinn mar a thachair.
Bha an cogadh sna speuran as fhìor fhàs cudromach mar a bha a' chiad chogadh a' dol air adhart, ach air an 23mh dhen t-Sultain dh'fhuiling na Gearmailtich droch bhuile an uair a chaidh a dhà dhe na Zeppelins aca a leagail faisg air Lunnainn.
B' e Zeppelins a bh' air an ùr dhealbh a bh' ann an L32 agus L33 agus bha na Gearmailtich misneachail gum faigheadh iad faisg gu leòr gus cron a dheà namh air prìomh bhaile na Rìoghachd Aonaichte. Ach thog pìolat Breatannach, Frederick Sowrey L32 faisg air Billiericay agus loisg e oirre, ga cur na teine agus ga leagail gu talamh ann am baile Great Burstead. Cluinnidh sinn an tuilleadh bho Ghilleasbuig.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 3 Oct 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 3 Oct 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Oct 2016 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal