Episode 37
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Air a' 24mh den Lùnastal 1916 bhà thadh dithis sheòladair à Leòdhas nuair a chaidh am bà ta-cogaidh HMAB Duke of Albany a chur fodha le U-boat Ghearmailteach a-mach o Inbhir Ùige an Ceann-a-Tuath Alba. B' iad Iain Dòmhnallach à Circeabost, Beà rnaraigh Leòdhais, agus Dòmhnall MacAmhlaigh à Liunndail ann an sgìr' Ùig.
Chaidh triùir bhrà ithrean às an teaghlach aig Dòmhnall MacAmhlaigh - Dòmhnall fhèin, Iain agus Aonghas - a mharbhadh anns a' Chogadh. Rinn Aonghas MacAoidh à Criùlabhaig bà rdachd dhan athair, Tormod Bà n MacAmhlaigh agus cluinnidh sin earrann dheth sa phrògram.
Cuideachd gheibh sinn a-mach carson a chaidh Crois a' Mhìlidh, am Military Cross, a bhuileachadh air Aonghas MacIllEathain à Creag Ghoraidh ann am Beinn na Fadhla aidg deireadh an Lùnastail 1916.
Bha Blà r an Somme, a thòisich aig toiseach an Iuchair, fhathast a' leantainn, leis an t-sabaid a bu chruaidhe aig an à m seo aig Coille Bois de Fourcaux, no 'High Wood' mar a bh' aig na Breatannaich oirre. Bha sabaid air a bhith dol airson greis san sgìre seo timcheall air coilltean eile leithid Mametz agus Delville.
Bha fìor dhroch shìde ann a bha fà gail nan trainnsichean là n uisge agus na rathaidean nam poll. A dh'aindeoin sin, thug Arm Breatainn ionnsaigh air taobh sear na Coille Àrd air oidhche 27mh den Lùnastal 1916 a' gluasad air adhart astar goirid air an ath latha.
Agus , mar a tha Gilleasbuig MAcDhòmhnail ag innse, air oidhche an 30mh, thòisich a' bhuidheann, Ethniki Amyna, ar-a-mach an aghaidh riaghladh Rìgh na Grèige ann an Salonika: bha seo an ainm a' Phrìomhaire Venezelos, ged nach robh e fhèin an là thair.
Tha sinn cuideachd a' cluinntinn earann à comhradh a rinn Fred MacAmhlaigh ri Dòmhnall Ruadh Chorùna, Uibhist a Tuath ann a 1962 ag innse mar a chaidh a leòn air an Somme. Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach. Mar a thuirt Dòmhnall, "Oh, chaidh mo leòn gu dona. Oidhche uabhasach ann, le uisge 's le gaoth 's le dorchadas, agus bombardments eagalach ag obair air gach taobh." Cluinnidh sinn an tuilleadh dhen chòmhradh sa phrògram còmhla ri Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 12 Sep 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Sep 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Sep 2016 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal