Main content
Sorry, this episode is not currently available

Blàr an Somme: Mar a chailleadh Uilleam MacAoidh à Adabroc a Nis, Leòdhas aig aois19

Cairistìona Mhoireasdan le mar a chailleadh a h-uncail Uilleam MacAoidh an-diugh ann a 1916. One family's story of the death of a son, William Mackay, at the Somme in 1916.

Cha robh Uilleam MacAoidh à 18 Adabroc ach dìreach naoi deug nuair a chailleadh e air a' chiad là de Bhlàr a' Somme, a' 1d den Iuchar 1916. Mac banntraich, Catriona Iain Òig, a bh' air an duin' aic a chall leis an teasach dhearg bliadhnaichean ron a sin agus i air thuras leis a' cheathramh duine cloinne. Cha robh ann ach a' bhochdainn agus i a' cosnadh beagan air choireigin a' nighdearachd do dhaoine fhads a bha i a' togail na cloinne. Chaidh Uilleam dha na Sìofartaich agus bha e am measg an seachd duine deug dhiubh à Leòdhas a-mhàin a chailleadh air a' chiad là. Ro dheireadh an là bhiodh 20,000 saighdear Breatannach marbh agus 40,000 air an leòn - a' là a b' fhuiltich riamh aig feachdan Bhreatainn.

Sa phrògram sa tha Cairsitìona Mhoireasdan, nighean a pheathar, ag innse do Fhionnlagh Macleòid mun làrach a dh'fhàg bàs Uilleìm air an teaghlach agus a' bhuaidh a thug an cogadh air a' sgìre. Cluinnidh sinn beagan cuideachd de na bhiodh e ag innse dha phiuthar mu thrainnsichean uabhasach a' Somme.

Chaidh an còmhradh a chraoladh an toiseach ann a 2005 anns an t-sreath Saoghal Catriona Iain Òig.

10 minutes

Last on

Fri 1 Jul 2016 11:50

Clip

Broadcast

  • Fri 1 Jul 2016 11:50