Main content

Dè an lus a tha air ainmeachadh ann an laoidh nàiseanta na h-Alba? Gheibh sibh am freagairt anns an litir do luchd-ionnsachaidh, le Ruairidh MacIlleathain. Another story.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 1 Jun 2016 23:00

Clip

Litir 880: Flùr na h-Alba

Dè an lus a th’ air ainmeachadh ann an laoidh nàiseanta na h-Alba? Tha mi a’ ciallachadh le sin Flower of Scotland a chaidh a sgrìobhadh le Roy Williamson nach maireann o chionn timcheall air leth-cheud bliadhna. Uill, cha do dh’ainmich Roy lus sam bith. Tha mi dhen bheachd gun robh e a-mach air na daoine, seach lusan, nuair a chleachd e am facal ‘f±ô´Ç·É±ð°ù’.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach, leis an fhìrinn innse, tha lus air ainmeachadh anns an òran. Fraoch. Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, tha dreach Gàidhlig air – agus tha ‘fraoch’ a’ nochdadh ann. Seo a’ chiad rann dheth:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý O Fhlùir na h-Albann, Cuin a chì sinn an seòrsa laoich, A sheas gu bàs ’son, Am bileag feòir is fraoich, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha an t-eadar-theangachadh math, nach eil? Tha mi air aon fhacal atharrachadh. Tha mi air ‘smuain’ a chur ann aig an deireadh, ged as e ‘smaoin’ a bh’ anns an eadar-theangachadh, mar gum biodh, ‘oifigeil’. Chanadh mòran ‘smuain’ ach tha an dà chuid ceart. Cuideachd, chanadh a’ chuid mhòr ‘na h-Alba’ an-diugh, seach ‘na h-Albann’, ach dh’fhàg mi sin mar a bha e. Tha fhios gur e ‘na h-Albann’ a chanadh daoine anns an treas linn deug nuair a chaidh feachd uailleil Iomhair a ruagadh dhachaigh!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chan eil mi ag ràdh gu bheil mi cho measail sin air an òran mar laoidh nàiseanta. Uaireigin gheibh Alba òran nas freagarraiche. Ach rinn an t-eadar-theangair obair mhath dha-rìreabh. Tha an dreach Gàidhlig, ann an dòigh, a cheart cho iomchaidh agus tarraingeach ’s a tha an dreach tùsail ann am Beurla.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chan ann tric a bhios sinn a’ cluinntinn an dàrna rann dhen òran. Ach seo e ann am Beurla: The hills are bare now, And autumn leaves lie thick and still, O'er land that is lost now, Which those so dearly held, And stood against him, Proud Edward's army, And sent him homeward, Tae think again.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus seo an dàrna rann ann an Gàidhlig: ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Na cnuic tha lomnochd, ’S tha duilleach Foghair mar bhrat air làr, Am fearann caillte, Dan tug na seòid ud gràdh, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, air chaochladh smuain.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus cò e a rinn an t-eadar-theangachadh? Uill, tha eachdraidh a’ ghnothaich gu math inntinneach agus annasach. Bha an Hearach, Iain Aonghas MacLeòid nach maireann, a bha a’ fuireach anns an Leargaidh Ghallta, aig cèilidh ann an Dùn Dè. Bha tè Anna NicGillEathain dìreach air dreach Beurla an òrain a ghabhail. Thuirt i ri Iain Aonghas gum bu truagh e nach robh dreach Gàidhlig air an òran. Ghabh ar laoch ris an dùbhlan agus taobh a-staigh fichead mionaid bha e air eadar-theangachadh a dhèanamh! Dh’èirich Anna ga a casan agus ghabh i e – ann an Gàidhlig. Bha Iain Aonghas air leth sgileil mar bhàrd – agus eadar-theangair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý A-nise an treas rann. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh ann am Beurla: Those days are past now, And in the past they must remain …

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus seo e ann an Gàidhlig: Tha ’n eachdraidh dùinte, Ach air dìochuimhne, Chan fheum i bhith, Is faodaidh sinn èirigh, Gu bhith nar Rìoghachd a-rìs, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Beannachd leibh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: laoidh nàiseanta: national anthem; nach maireann: deceased (‘the late’); fraoch: heather; eadar-theangair: translator; lomnochd: bare; Hearach: Harrisman; Iain Aonghas MacLeòid: John Angus MacLeod; an Leargaidh Ghallta: Largs.ÌýÌý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: o chionn timcheall air leth-cheud bliadhna: around fifty years ago; gun robh e a-mach air na daoine, seach lusan: that he was referring to the people, rather than plants; cuin a chì sinn an seòrsa laoich: when shall we see the type of heroes; a sheas gu bàs ’son am bileag feòir is fraoich: who stood to die for their wee bit of grass and heather; a sheas an aghaidh feachd uailleil Iomhair: who stood against Edward’s haughty army (a closer version to the English would be feachd Iomhair uailleil, and a more common form of Edward today is Eideard); ’s a ruaig e dhachaigh air chaochladh smuain: and sent him home to consider the alternative; tha an dà chuid ceart: both are correct; anns an treas linn deug: in the thirteenth century; gu bheil mi cho measail sin air an òran mar laoidh nàiseanta: that I particularly like the song as a national anthem; uaireigin gheibh Alba òran nas freagarraiche: some day Scotland will get a more suitable song; cho iomchaidh agus tarraingeach ’s a tha an dreach tùsail: as suitable and attractive as the original; am fearann caillte dan tug na seòid ud gràdh: the lost land which those heroes loved; gum bu truagh e nach robh dreach Gàidhlig air an òran: that it was a pity there was no Gaelic version of the song; ghabh ar laoch ris an dùbhlan: our man [hero] accepted the challenge; ach air dìochuimhne chan fheum i bhith: but it does not have to be forgotten.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Consider this from the first verse of the Gaelic translation: O Fhlùir na h-Albann, Cuin a chì sinn an seòrsa laoich, A sheas gu bàs ’son, Am bileag feòir is fraoich... Isn’t it terrific?! It’s arguably better than the original English! The genius lay in seeing how the genitive singular of fraoch ie fraoich would rhyme perfectly with the plural form of laoch ie laoich and still maintain the overall thrust and meaning of the original. The work of a master translator.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: faodaidh sinn èirigh: we can [may] arise.

Broadcasts

  • Sun 29 May 2016 22:30
  • Wed 1 Jun 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast