22/05/2016
Anns an litir do luchd-ionnsachaidh, tha Ruaraidh MacIlleathain a' bruidhinn air leabhar Mhìcheil Newton 'Seanchaidh na Coille' . Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 575
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 879
Duration: 05:00
Litir 879: An Soisgeulaiche air Loch Winnipeg
Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar aig Mìcheal Newton – ‘Seanchaidh na Coille The Memory-Keeper of the Forest’ –air fhoillseachadh le Cape Breton University Press. Chan e a-mhà in gu bheil tòrr stuth prìseil anns an leabhar, ach gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh mion-sgrùdadh air à ite nan Gà idheal ann an Alba, Breatainn agus san Ìmpireachd, a bharrachd air Canada fhèin. Tha e ag rà dh gun urrainn do Ghà idheil na h-Alba is Chanada a bhith ag obair còmhla ‘by disavowing and helping to deconstruct the oppressive ideologies of imperialism that legitimated the conquest and domination of their own homeland and those of other subordinated peoples’. Tuigidh sibh gu bheil taobh poilitigeach aig an leabhar! Tha e gu math smaoineachail.
           A bharrachd air poilitigs, tha stòiridhean is eachdraidhean anns an leabhar. Nam measg, tha am fear seo. Tha e mu dheidhinn miseanairidh Clèireach air Loch Winnipeg. Chan eilear cinnteach a bheil e fìor ach tha e a’ riochdachadh mar a bha an creideamh ùr a’ toirt buaidh air na dùthchasaich. Tha mi a’ giorrachadh an stòiridh, ach a’ cumail faisg air a’ Ghà idhlig thùsail.
           Bha fear de theachdairean an t-Soisgeil a’ siubhal air Loch Winnipeg. Bha Innseanaich ga aiseag ann an canù. Bha e ann an cabhaig. Dh’iarr e air na h-Innseanaich a dhol dìreach bho rubha gu rubha, an à ite a bhith a’ cumail faisg air a’ chladach. Bha sin cunnartach. Cha robh aca ach eathar a bh’ air a dèanamh de bhèilleag.
           Dh’èirich stoirm agus cha robh nì ri dhèanamh ach a dhol an taobh a chuireadh a’ ghaoth is na tuinn iad. Dh’amais iad air eilean beag anns an loch. Bha còignear Innseanach ann romhpa. Cha robh grèim bìdh aca. Riaraich an soisgeulaiche orra am beagan a bh’ aige fhèin, uiread is uiread do gach aon. Bha ochdnar anns an eilean.
           Lean an stoirm. Air a’ cheathramh latha, cha robh biadh sam bith air fhà gail. Bha fear de na h-Innseanaich math air iasgach. Lùb e prìne air chumadh dubhain. Fhuair e pìos de ròp tearra, agus bìdeag de dh’aodach dearg mar bhiadh. Leis an uidheam-iasgaich sin, chaidh aige air aon iasg nach robh ro mhòr a thoirt gu tìr.
           Chuir na daoine an treas cuid dhen iasg fa chomhair an t-soisgeulaiche. ‘Chan e sin an dòigh as fheà rr air a roinn,’ ars esan. Thug e sgian a-mach. Gheà rr e an t-iasg na ochd mìrean dhen aon mheudachd. ‘Bidh an aon uiread againn uile,’ ars esan.
           An là rna-mhà ireach, dh’fhàs an t-sìde na b’ fheà rr agus dh’fhà g an dà bhuidhinn an t-eilean.
           Beagan mhìosan an dèidh sin, nochd còignear Innseanach anns a’ bhaile bheag far an robh an soisgeulaiche a’ fuireach. Bha iad ag iarraidh dachaigh a thogail ann. Cha robh an soisgeulaiche gan aithneachadh. ‘Carson a tha sibh ag iarraidh sin?’ thuirt e. ‘Chan fhaca mi duine agaibh anns na coinneamhan.’
           ‘Is sinne na fir air an do roinn sibh an t-iasg air Loch Winnipeg,’ arsa fear dhiubh. ‘Nam biodh ceannaiche-bèin ann nur n-à ite, bha e air barrachd dhen iasg iarraidh. Nuair a chunnaic sinn mar a rinn sibhse, dh’aithnich sinn gur e duine math a bh’ annaibh. Tha sinn an seo a-nise, ag iarraidh gun ionnsaich sibh dhuinn an dòigh ùr.’ Bha iad a’ ciallachadh le sin – an creideamh Crìosdail. Beannachd leibh.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: smaoineachail: thought-provoking; eachdraidhean: narratives; cunnartach: dangerous; uidheam-iasgaich: fishing tackle; ³¦±ð²¹²Ô²Ô²¹¾±³¦³ó±ð-²úè¾±²Ô: fur-trader. Â
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ach gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh mion-sgrùdadh air: but the author analyses; miseanairidh Clèireach air Loch Winnipeg: a Presbyterian missionary on Lake Winnipeg; chan eilear cinnteach a bheil e fìor: it’s not certain if it’s true; mar a bha an creideamh ùr a’ toirt buaidh air na dùthchasaich: how the new religion was affecting the indigenous people; a’ cumail faisg air a’ Ghà idhlig thùsail: keeping close to the original Gaelic; fear de theachdairean an t-Soisgeil: one of the messengers of the Gospel; bha Innseanaich ga aiseag ann an canù: Indians were transporting him in a canoe; dìreach bho rubha gu rubha: directly from headland to headland; eathar a bh’ air a dèanamh de bhèilleag: a boat that was made of birch-bark; cha robh nì ri dhèanamh ach a dhol an taobh a chuireadh a’ ghaoth is na tuinn iad: nothing could be done except to go in the direction the wind and waves took them; dh’amais iad air: they aimed for; riaraich an soisgeulaiche orra am beagan a bh’ aige fhèin: the missionary divided the little he had with them; lùb e prìne air chumadh dubhain: he bent a pin into the shape of a hook; pìos de ròp tearra: a piece of tarred rope; chaidh aige air aon iasg nach robh ro mhòr a thoirt gu tìr: he managed to land one fish that wasn’t too large; an treas cuid dhen iasg fa chomhair an t-soisgeulaiche: a third of the fish in front of the missionary; chan e sin an dòigh as fheà rr air a roinn: that’s not the best way to divide it; gheà rr e an t-iasg na ochd mìrean dhen aon mheudachd: he cut the fish into eight pieces of the same size; anns na coinneamhan: at the prayer meetings; là n neamhnaidean cultarach: full of cultural gems [pearls].
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ag iarraidh gun ionnsaich sibh dhuinn an dòigh ùr: wanting you to teach us [that you will teach us] the new way. You will know the word ionnsachadh meaning ‘learning’ as you are probably a neach-ionnsachaidh ‘learner’ and you will have used phrases like tha mi ag ionnsachadh na Gà idhlig ‘I’m learning Gaelic’. But remember that it is also used, with the preposition ‘do’, to mean ‘teach’. Dh’ionnsaich e sin do Phà draig ‘he taught Peter that’; an ionnsaich thu an t-òran sin dhomh? ‘will you teach me that song?’.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: uiread is uiread do gach aon: an equal share for each one.
Broadcasts
- Sun 22 May 2016 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 May 2016 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.