Episode 21
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Aig aon uair deug sa mhadainn air an ochdamh latha deug dhen t-Sultain chuir mèinn fodha trà lair Breatannach air an robh an t-ainm Lydian. Aig an à m bha an Lydian air patrol a-mach bho South Foreland, faisg air Dover. B' e dithis dhan chriutha a shà bhail aiste.
Bha Eòghainn MacNeacail a' sgrìobhadh dhachaigh gu phiuthar ann an Griomasaigh agus dragh air mu bhalach eile às a' bhaile aige a bha aig Festubert. Bha Eòghainn MacArtair à Ìle a-mach air biadh san leabhar-là aige agus cluinnidh sinn beagan mun bhiadh a bh' aig na saighdearan an t-seachdain sa bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Agus ged a chaidh faisg air dà mhillean gu leth fireannach gu saor-thoileach dhan arm eadar an Lunastal 1914 agus deireadh 1915 cha robh fiùs an à ireamh mhòr seo gu leòr airson leigeil leis an rìoghachd an cogadh a chumail a dol. Leis na h-à ireamhan a bha tighinn air adhart gu saor thoileach a' sìor dhol sìos ann an naoi ceud is còig-deug, bha an iomairt airson Seirbheis Do-sheachanta a' sìor neartachadh.
Thòisich iomairt shònraichte faish air deireadh na Sultain ann an 1915 ann an Artois an ceann-a-tuath na Frainge, le Breatainn 's an Fhraing a' dèanamh an oidhirp a bu mhotha fhathast air bristeadh tron a' loidhne Ghearmailtich sa cheà rnaidh sin. Bha na Breatannaich ri dhol an sàs aig Loos-en-Gohelle, beagan tuath air baile-mòr Lens, agus na Frangaich dìreach gu deas air a sin agus ann an sgìre Champagne.
Bha an ionnsaigh air taobh Bhreatainn fo stiùireadh Sir Iain French agus Sir Dùghlas Haig. B' e seo an ionnsaigh a bu mhotha a bha Breatainn air a chur air chois anns a' Chogadh chun a seo, le sia Divisions an sàs sa chiad dol-a-mach is a dhà eile a' toirt taic. Thòisich Blà r Loos trà th air a' chòigeamh là fichead den t-Sultain 1915 agus tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt dhuinn iomradh air na thachair.
Cha robh na Lovat Scouts air a bhith ann an Gallipoli ach seachdain aig toiseach na Dà mhair ach mu thrà th bha iad an sàs ann an sabaid chruaidh. Bha an iomairt mhòr aig Bà gh Suvla san Lùnastal air fà iligeadh agus bha eagal air an riaghaltas aig an taigh gun cailleadh na saighdearan ann an Gallipoli am misneachd. Air an t-seachdamh latha den Dà mhair chuir Oifis a' Chogaidh brath gu na dotairean is nursaichean air na bà taichean-èiridinn an Gallipoli iad a bhith misneachail mu choinneamh nan leòinteach. Agus ged bha Blà r Loos a' dol fhathast, bha e a' tòiseachadh air sìoladh sìos a-nise.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 12 Oct 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 16 Oct 2015 23:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Oct 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal