Episode 20
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Air an deicheamh latha fichead den Lùnastal, dh'innis Ministear nan Dùthchannan Cèin aig Breatainn, Sir Eideard Grey gum b'urrainn dha na co-chòmhraigich saorsa agus cothrom fèin-riaghlaidh a ghealltainn do Bhosnia, Herzegovina, Ceann a Deas Slavonia agus Croà tia às dèidh a' chogaidh fhad's a dh'aontaicheadh Serbia ris na molaidhean. An ath latha a' chiad latha dhen t-Sultain dh'innis riaghaltas na Gearmailt dha na Stà itean Aonaichte gun robh iad a' gabhail ris an iarratas aca gus casg a chur air an obair a bha na Gearmailitich a' deà namh le bà taichean-aigeil aig muir.
Agus cluinnidh sinn cuideachd bho Dhòmhnall MacNeacail, Camus Croise san Eilean Sgitheanach mu cho cunnartach agus a bha e dhaibhsan a bh' ann a soithichean timcheall air costa Bhreatainn, nuair a chaidh an soitheach anns a robh e a chuir fodha le torpedo.
Air a' chòigeamh latha dhen t-Sultain 1915 thà inig naidheachd mhòr as an Ruis leis an Tsar a' gabhail thairis uallach armachd na dùthcha bhon Mhòr Dhiùc Nikolai agus an ath là thà inig Bulgà ria a-steach dhan chogadh air taobh nan Gearmailteach.
Leis an dara Tsar Nicholas a-nis os cionn feachdan na Ruis thòisich iad air sabaid air ais an aghaidh nan Gearmailteach air an Aghaidh an Ear le Batal Tarnopol ann an Galicia a' tòiseachadh air an t-seachdamh latha dhen t-Sultain 1915.
Agu air an naoidheamh là chuir Rùnaire na Stà ite Ameireagaidh Robert Lansing litir chun an riaghaltas Ostro-Ungà rianach ag iarraidh orra an tosgaire aca Constantin Dumba a tharraing air ais às na Stà itean. San litir thuirt Lansing gun robh maighstir Dumba air aideachadh gun robh e am beachd stailcean a bhrosnachadh ann am factaraidhean air feadh Ameireagaidh gus bacadh a chur air stòrasan cogaidh.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse cuideachd mar a rinn Rùnaire na Stà ite airson a' Chogaidh, am Morair Kitchener, òraid ann an Taigh nam Morairean air a' chòigeamh latha deug den t-Sultain 1915. Dh'innis e nach robh an suidheachadh air an aghaidh an iar, a Western Front, air atharrachadh gu ìre mhòr sam bith thairis air na grunn mhìosan a chaidh seachad. Bhruidhinn e air na h-Airm Ùra, na New Armies, agus mar a bha aon division deug dhiubh, le mu dhusan mìle saighdear no barrachd as gach roinn, a-nis air an trèanadh agus air an cuir a-null dhan Roinn Eòrpa a thoirt taic dhan na feachdan a bha bho chommand Sir Iain French. Dh'innis e mar a bha Sir Iain toilichte leotha, agus mar a bha seo air leigeil leis seachd mìle deug eile den loidhne-aghaidh a ghabhail thairis bho na Frangaich. Ach 's e a rud bu mhotha a bha a' dèanamh dragh dha na bha dhìth de shaighdearan agus ged a bha mòran a' tighinn air adhart gu saor-thoileach cha robh sin gu leòr. A' chiad chomharra gur dòcha nach robh seirbhis do-sheachanta fad à s.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 21 Sep 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Sep 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Sep 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal