Episode 60
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa bho chionn ceud bliadhna. The events of the First World War in the last week 100 years ago.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse an t-seachdain sa mar a rinn Rùnaire na Stà ite airson a' Chogaidh, am Morair Kitchener, òraid ann an Taigh nam Morairean air a' chòigeamh latha deug den t-Sultain 1915. Dh'innis e nach robh an suidheachadh air an aghaidh an iar, a Western Front, air atharrachadh gu ìre mhòr sam bith thairis air na grunn mhìosan a chaidh seachad. Bhruidhinn e air na h-Airm Ùra, na New Armies, agus mar a bha aon division deug dhiubh, le mu dhusan mìle saighdear no barrachd as gach roinn, a-nis air an trèanadh agus air an cuir a-null dhan Roinn Eòrpa a thoirt taic dhan na feachdan a bha bho chommand Sir Iain French. Dh'innis e mar a bha Sir Iain toilichte leotha, agus mar a bha seo air leigeil leis seachd mìle deug eile den loidhne-aghaidh a ghabhail thairis bho na Frangaich. Ach 's e a rud bu mhotha a bha a' dèanamh dragh dha na bha dhìth de shaighdearan agus ged a bha mòran a' tighinn air adhart gu saor-thoileach cha robh sin gu leòr. A' chiad chomharra gur dòcha nach robh seirbhis do-sheachanta fad à s.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 170915
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 17 Sep 2015 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 18 Sep 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal