Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 59

An Tsar a' gabhail uallach armachd na Ruis bhon Mhòr Dhiùc Nikolai. Tsar Nicholas II supersedes Grand Duke Nicholas Nikolayevich in supreme command of the Russian armies.

Air a' chòigeamh latha dhen t-Sultain 1915 thàinig naidheachd mhòr as an Ruis leis an Tsar a' gabhail thairis uallach armachd na dùthcha bhon Mhòr Dhiùc Nikolai agus an ath là thàinig Bulgària a-steach dhan chogadh air taobh nan Gearmailteach.
Leis an dara Tsar Nicholas a-nis os cionn feachdan na Ruis thòisich iad air sabaid air ais an aghaidh nan Gearmailteach air an Aghaidh an Ear le Batal Tarnopol ann an Galicia a' tòiseachadh air an t-seachdamh latha dhen t-Sultain 1915.

Agu air an naoidheamh là chuir Rùnaire na Stàite Ameireagaidh Robert Lansing litir chun an riaghaltas Ostro-Ungàrianach ag iarraidh orra an tosgaire aca Constantin Dumba a tharraing air ais às na Stàitean. San litir thuirt Lansing gun robh maighstir Dumba air aideachadh gun robh e am beachd stailcean a bhrosnachadh ann am factaraidhean air feadh Ameireagaidh gus bacadh a chur air stòrasan cogaidh.

10 minutes

Last on

Fri 11 Sep 2015 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 10 Sep 2015 21:00
  • Fri 11 Sep 2015 11:50