Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 50

Na Gearmailtich a' gèilleadh ris na feachdan aig an Seanaral Louis Botha ann an Afraga. German south west Africa capitulates to General Botha.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thàinig naidheachd à Afraga air an 9mh den Iuchar 1915 gun ghèill na Gearmailtich ris na feachdan aig an Seanaral Louis Botha.

B' e buaidh chudromach a bha seo oir bha iar-dheas Afraga air a bhith mar phàirt de dh'Ìompaireachd na Gearmailt bho dheireadh na naoitheamh linn deug. A thaobh meudachd bha an sgìre a bha fo smachd cha mhòr a dhà uiread ri Ìompaireachd na Gearmailt san Roinn Eòrpa. Thòisich an iomairt aig an Seanaral Botha sa Ghearan 1915 agus le armachd de 40,000 saighdear - Afraganaich agus Breatannaich - chuir iad ruaig air na Gearmaitich gus am b'fheudar dhaibh gèilleadh.

Mar a shaoileadh duine chaidh fèill mhòr a dhèanamh air a' bhuaidh sna meadhanan Afraganach is Breatannach le cuid a' moladh gum bu chòir an sgìre a-nis ainmeachadh as ùr mar 'Bothaland'. 'S dòcha nas cudromaiche ge-tà, bha a' bhuaidh ann an Afraga a saoradh feachdan a dh'fhaodadh taic a chumail ri iomairt nan co-chòmhraigich ann na raointean eile dhen chogadh, agus nas anmoiche air a' mhìos ghabh riaghaltas Bhreatainn ri tairgse 7,000 saighdear a ghluasad dhan Fhraing.

10 minutes

Last on

Sun 12 Jul 2015 09:48

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 9 Jul 2015 21:00
  • Fri 10 Jul 2015 11:50
  • Sun 12 Jul 2015 09:48