Episode 49
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the previous week in the First World War 100 years ago.
Air an 26mh den Ògmhios 1915 sgrìobh Murchadh Moireach bhon a' Bhac a Leòdhas, a bha gabhail beagan fois air cùl na loidhne as an Fhraing, chun a' mha'-sgoile a bh' air a bhith aige ann a Sgoil 'IcNeacail. B' e droch naidheachd a bh' aige agus a' bhuidheann bheag de Leòdhasaich a bha còmhla gu seo a-nis air an sgaradh gu siorraidh.
Air an 26mh den Ògmhios cuideachd nochd naidheachd às an Ruis gun robh Ministeir a' Chogaidh, an Seanaral Vladimir Sukhomlinov, air a dhreuchd a chall.
Air an 27mh chaidh feachdan Breatannach agus Innseanach a-steach gu Gearasdan Nasiriyeh air bruaichean an Abhainn Euphrates. B' e seo an dara pà irt dhen ionnsaigh samhraidh aig a' chommandair Breatannach Sir John Nixon. Às dèidh baile Amara a ghlacadh nas trà ithe san Ògmhios bha Nixon a-nis airson ceann a deas Mesopotomia a ghabhail thairis gu lèir agus na feachdan Turcach a phutadh a-mach à Nasiriyeh.
Agus bha an strì mharbhtach airson smachd fhaighinn air na Dardanelles fhathast a' leantainn. Air an 28mh den Ògmhios thòisich sabaid eile aig Gully Ravine. Dà mhìos às dèidh dhan iomairt tòiseachadh bha cùisean gu math duilich a-nis dha na feachdan Co-chòmhraigeach, an aghaidh à rainneachd agus nà mhaid a bha gu math deuchainneach. Cluinnidh sinn às an tasglann bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn a Bhaoghla, Murchadh Sheonaidh Fhearchair air cho buileach doirbh agus a bha an suidheachdadh san robh iad
Tha Seachdain sa Chogadh air a lìbhrigeadh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 020715
Duration: 10:00
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 2 Jul 2015 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 3 Jul 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal