BÃ ird Baile
Sùil air beatha agus bà rdachd Anndra Linc, Bà rd Horasairigh còmhla ri Iain MacAmhlaigh. The life and poetry of Andrew Laing from Horisary, North Uist. With Iain Macaulay.
'S e bà rd agus seinneadair a bh'ann an Anndra Linc, Anndra Horasaraigh, a bha mar iomadach bà rd eile nach d'fhuair an aithne air a robh e airidh a-rèir Iain MhicAmhlaigh sa phrògram a rinn e seo ann a 1999. Bho chionn ghoirid nochd leabhar de na h-òrain aige agus 's dòcha leis a sin gum bi barrachd aithne air le ginealach à là an-diugh.
Rugadh Anndra Linc, Anndra Alasdair 'ic Anndra no Anndra Hòrasairigh, ann an 1900 sa Bhaile Mhòr ann an sgìre Phaibil an Uibhist a Tuath. Bha grunn chlann-nighean san teaghlach agus mar a chluinneas sinn sa phrògram chaidh fà ilte mhòr a chuir air balach. B' ann à Heisgeir a bha mà thair Anndra agus bhiodh e tric ann air là ithean-saora a sin nuair a bha e na bhalach. Nuair a bha e na bu shine, ghabh e fhèin fearann ann agus thug e ceithir bliadhna a' croitearachd air Heisgeir. Nuair a bha Anndra 24 chaidh e fhèin agus a bhrà thair Uilleam a dh'Astrà ilia, a dh'obair ann am mèinnean òir an Kalgoorlie-Boulder agus an Coolgardie. Thill Anndra a dh'Uibhist ann an 1939 agus chun an à ite air an robh e air ainmeachadh leis a h-uile duine a bha eòlach air, Hòrasairigh, pà irt de bhaile Chnoc a' Lìn air taobh an iar Uibhist a Tuath. Phòs e Mà iri Dhòmhnaill Iain à Heisgeir. Bha cuimhne aig a nà baidh, Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach, ag innse dha nan cluinneadh e òran dìreach aon uair gun deigheadh aige air a sheinn an oidhche sin fhèin gun dad a sgrìobhadh. Chumadh e cuimhne air òran na b' fheà rr na chumadh e cuimhne air rud sam bith eile. Rinn e bà rdachd air bòidhchead an eilein às an robh e, Uibhist agus Heisgeir, agus bà rdachd ag aoireadh cuideachd. Cha robh dad a chòrdadh cho math ri Anndra na cuairt a ghabhail dhan "an taigh biorach" mar a bh' aige air taigh-seinnse Westford, drama na dhà a ghabhail an sin agus cèilidh-taighe an dèidh sin. Chaochail Anndra Hòrasairigh ann an 1969, aig aois 69.
Anns a' phrògram cluinnidh sibh Alasdair Linc, mac Anndra; Ceitidh NicCarmaig, nighean Anndra, agus an duin' aice Dòmhnall; Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach, Murchadh MacCùthais, Fionnlagh Moireasdan agus Calum Dòmhnallach. A thuilleadh orrasan cluinnidh sibh grunn de dh'òrain Anndra leithid An t-Eilean Beag Lurach ma Thuath, Òran do Heisgeir agus Òran na Caillich.
Last on
Broadcasts
- New Year's Day 2015 10:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2015 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal