Main content
This programme is not currently available

Dùn Dèagh nan Gàidheal

A' comharrachadh dà cheud bliadhna o chaidh Comann Gàidhealach Dhùn Dèagh a stèidheachadh. Marking the formation of Dundee Highland Society in 1814.

Ann an Dùn Dèagh san Dùbhlachd 1814 chruinnich buidheann de fhireannaich aig an robh ceanglaichean teaghlaich ris a' Ghàidhealtachd gus Comann Gàidhealach Dhùn Dèagh a stèidheachadh. Sa mhòr-chuid 's e ceannaichean is luchd-ceàird a bh'unnta agus bha iad airson èideadh, modhan is cànan nan Gàidheal a ghlèidheil. Thairis air dà linn bha an comann ag atharrachadh, bha comainn eile a' tighinn 's a' falbh, ach dà cheud bliadhna on chaidh a' chiad chomann a chur air bhog tha Comann Gàidhealach Dhùn Dèagh fhathast a' dol an-diugh agus na mheur den Chomann Ghàidhealach. Cò iad na Gàidheil a tha an sàs ann agus dè an t-àite a th'aig a' Ghàidhlig ann an Dùn Deàgh ann an 2015?
Catriona Murray meets current members of Dundee Highland Society, formed two hundred years ago, who promote Gaelic in Dundee and the surrounding area.

30 minutes

Last on

Sun 25 Jan 2015 10:00

Broadcasts

  • Tue 20 Jan 2015 12:03
  • Tue 20 Jan 2015 22:00
  • Sun 25 Jan 2015 10:00