Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in World War One in the last three weeks, one hundred years ago.

Ths sinn a' tòiseachadh le rann Gàidhlig a bh' aig na seairdseantan ann an Gearastan Dheòrsa a chuireadh priosgadh ann an duine sam bith a chluinneadh e! Cluinnidh sinn cuideachd mun ainm Ladies from Hell agus cò air a bhathas dha èigheachd. Ach 's e Blàr a' Mharne agus mar a chaidh HMS Pathfinder a chuir fodha as motha ris a bheil sinn a' coimhead. A thuilleadh air a sin gheibh sinn bàrdachd le Calum Dhòmhnaill MacFhionghain, Calum Ruadh à Barraigh, far a bheil e a' toirt iomradh air 'na caol-chlaisean fuar' - na trainnsichean - 'is olc an dachaigh dhaibh daonnan'.

Ann a meadhan na Sultain 1914 thàinig a' chiad naidheachd air call dhan Eilean Sgitheanach agus chaidh losgadh air an HMS Carmania le call eileanach eile a sin. Bha Ailig Alasdair Bhig, Ailig Greumach à Griais an Leòdhas sna trainnsichean uabhasach agus, ann an clàradh à tasglann a BhBC, cluinnidh sinn cò ris a bha e gan samhlachadh .

Faisg air deireadh na mìos bha na Gearmailtich a' toirt ionnsaighean làidir air bailtean eadar an dà abhainn, an Aisne agus a' Marne. Chaidh sgrios a dhèanamh air àrd-eaglais an ear-thuath air Paris agus thòisich ciad Blàr Picardy a mhaireadh ceithir là.

Chaill dithis Leòdhasach am beatha nuair a chaidh am Fisguard II fodha ann an droch shìde a-mach bho Portland Bill, agus thàinig naidheachd dha-rìribh duilich gu teaghlach ann a Rànais.

Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Sun 26 Oct 2014 13:00

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Mon 20 Oct 2014 12:03
  • Mon 20 Oct 2014 22:00
  • Sun 26 Oct 2014 13:00