Episode 3
Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in World War One in the last three weeks, one hundred years ago.
Ths sinn a' tòiseachadh le rann Gà idhlig a bh' aig na seairdseantan ann an Gearastan Dheòrsa a chuireadh priosgadh ann an duine sam bith a chluinneadh e! Cluinnidh sinn cuideachd mun ainm Ladies from Hell agus cò air a bhathas dha èigheachd. Ach 's e Blà r a' Mharne agus mar a chaidh HMS Pathfinder a chuir fodha as motha ris a bheil sinn a' coimhead. A thuilleadh air a sin gheibh sinn bà rdachd le Calum Dhòmhnaill MacFhionghain, Calum Ruadh à Barraigh, far a bheil e a' toirt iomradh air 'na caol-chlaisean fuar' - na trainnsichean - 'is olc an dachaigh dhaibh daonnan'.
Ann a meadhan na Sultain 1914 thà inig a' chiad naidheachd air call dhan Eilean Sgitheanach agus chaidh losgadh air an HMS Carmania le call eileanach eile a sin. Bha Ailig Alasdair Bhig, Ailig Greumach à Griais an Leòdhas sna trainnsichean uabhasach agus, ann an clà radh à tasglann a BhBC, cluinnidh sinn cò ris a bha e gan samhlachadh .
Faisg air deireadh na mìos bha na Gearmailtich a' toirt ionnsaighean là idir air bailtean eadar an dà abhainn, an Aisne agus a' Marne. Chaidh sgrios a dhèanamh air à rd-eaglais an ear-thuath air Paris agus thòisich ciad Blà r Picardy a mhaireadh ceithir là .
Chaill dithis Leòdhasach am beatha nuair a chaidh am Fisguard II fodha ann an droch shìde a-mach bho Portland Bill, agus thà inig naidheachd dha-rìribh duilich gu teaghlach ann a Rà nais.
Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 29 Sep 2014 13:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 29 Sep 2014 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Oct 2014 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal