24/07/2014
A bheil sinn ag atharrachadh an clà r-bìdh againn fhèin nuair a thig an samhradh? Do we change our diet when summer arrives?
Abair aimsir sgoinneil air feadh na dùthcha agus nach eil an t-sìde seo ag adhbharrachadh atharraichean - gu cinnteach tha na geansaidhean a' laighe an cùl a' chlòsaid agus cothrom againn na sandals, briogaisean goirid agus dreasaichean a chuir oirnn. Ach dè mu dheidhinn am biadh a tha sinn ag ithe? A bheil pana mòr brot air an teas no bheil daoine a' gluasad gu bhith ag ithe biadh nas fallain nach eil blath, trom. Cuideachd dè a' bhuaidh a th' aig an t-sìde seo air ar cadal agus ar comfhurtachd tron oidhche? Gheibh sinn beachd Marie NicAmhlaigh, Shona NicIllfhialain agus Aideen O' Malley.
Bruidhnidh sinn ri Annella NicLeòid agus Catriona Mhoireach a tha a' riochdachadh prògraman a' chogaidh a bhios rin cluinntinn air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal anns na seachdainean a tha romhainn.
Agus tha Dòmhnall MacSuain air ais airson innse dhuinn mu chòig rudan air nach robh fios aige mun à m seo an t-seachdain 'sa chaidh.
Tha Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an-diugh air a sgrìobhadh agus a' leughadh le John Neil Dòmhnallach. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le John Neil Dòmhnallach
Duration: 03:19
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Tommy a charaid,
Nach ann againn a bha an latha an-dè – latha na Nollaig – is sinn uile air ar gunnachan a chur gu aon taobh airson aon latha, an rèisimeid againne a’ breith air là imh na rèisimeid agaibh fhèin, a’ gabhail smoc còmhla, sinne a’ toirt beagan fìon bho bhruaich na h-aibhne Rhine dhuibhse agus sibhse a’ toirt dram uisge-bheatha bho bhruaich na h-aibhne Spè dhuinne. Leis an fhuachd ’s an t-sneachda, chanainn gun do rinn an t-uisge-beatha barrachd feum dhuinn uile. A h-aon suas dhuibhse - ach cha do mhair sibh fada nuair a rinn sinne an gnothach oirbhse sa gheama ball-coise. ’S dòcha gu bheil cuimhne agad ormsa – ’s e mise a chuir am ball tro do chasan ’s a dh’fhà g thu a’ coimhead rud beag gòrach.
Co-dhiù, tha a’ chiad latha sìtheil bhon a rà inig sinn an t-à ite sgriosail seo seachad ’s tha latha ùr air briseadh. Tha sinn air tilleadh chun nan trainnsichean, ’s tha an losgadh air tòiseachadh a-rithist. Tha òrdugh air tighinn thugam faighinn deiseil airson a dhol gar n-ionnsaigh ann an leth uair an uaireadair. Nuair a shèideas an sà irdseant an fheadag, sreapaidh mi an t-à radh a th’ air mo bheulaibh, ’s nuair a bhios mi air talamh, ruithidh mi cho luath ’s as urrainn dhomh tarsainn 'no man’s land' far an do chluich sinn còmhla dìreach an-dè, gus am faigh mi faisg ort fhèin agus do chompanaich, ’s losgaidh mi oirbh.
Saoil an coinnich ar sùilean. Ma dh’aithnicheas mi thu, an cuir sin stad air mo chorrag air triogair a’ ghunna? Carson a tha mi a’ dol a shlaodadh an triogair co-dhiù? Chan eil grà in sam bith agam ort ach chan eil roghainn agam. Mura cur mise às dhìotsa, cuiridh tusa às dhìomsa. B’ fheà rr leam fuireach ann a sheo, no nas fheà rr buileach, faighinn dhachaigh, ach mura tig mi suas an t-à radh ’s a a-mach tro 'No Man’s Land' cuiridh na daoine agam fhèin peilear unnam.
Chan ann mar seo a bha dùil agam a bhiodh cùisean. Cho aineolach ’s a bha mi fhèin ’s mo charaidean – a’ fà gail ar dachaigh còmhla, a’ sireadh glòir, air bhioran a’ freagairt gairm a Khaiser, a’ faighinn cothrom beagan dhen t-saoghal fhaicinn, a’ faighinn clìoras an obair sà raichte a bh’ agam san fhactaraidh. Cha do smaoinich mi gum bithinn a’ cur seachad mìosan ann am poll ann an trainnse, ag èisteachd ri sgiamhail, a’ gabhail òrdughan gun chiall, a’ losgadh air daoine air nach eil grà in agam – agus sinn uile cho rèidh ri chèile dìreach an-dè. Tha seo craicte.Â
Tha amharas agam gun e seo an litir mu dheireadh a sgrìobhas mi. Shaoileadh tu gun ann air mo chuideachd fhèin a bhithinn a’ smaoineachadh. Ach chan ann, ’s ann ortsa tha mi a’ smaoineachadh. Ma chuireas tu crìoch orm an ceartuair, cha leig thu leas dragh sam bith a bhith ort – tha an dithis againn ann an suidheachadh gun chiall - chan e do choire-sa a th’ ann. Ma chuireas mise crìoch ortsa, thoir mathanas dhomh.
Sìth dhut,
Fritz
Broadcast
- Thu 24 Jul 2014 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal