23/07/2014
A bheil sinn a' cleachdadh na fònaichean-là imh ro thric ann an à iteachan poblach? Do we use our mobile phones too much in public places?
A bheil sinn a' cleachdadh na fònaichean-là imh ro thric ann an à iteachan poblach? Tha fear aig a bheil taigh-bìdh ann an Ameireaga ag rà dh gu bheil daoine a-nise a' toirt dà fhichead mionaid nas fhaide anns an taigh-bìdh na bha iad bho chionn deich bliadhna air sgà th 's gu bheil iad a' togail dealbhan dhen bhiadh agus dhaib' fhèin aig a' bhòrd. A bheil daoine anns an dùthaich seo air seo a mhothachadh cuideachd? Gheibh sinn beachd Fhlòraidh NicIlleathain, Raonaid NicAoidh agus Murchadh Caimbeul 's an triùir acasan an sàs anns a' gnìomhachas.
Carson a tha diofar seòrsaichean fala aig daoine? Tha an Dotair Ruairidh Caimbeul a' mìneachadh.
Tha cuirm fosglaidh geamannan a' Cho-Fhlaitheis ann a-nochd agus na geamanna fhèin a' tòiseachadh a-mà ireach ach dè eile tha ri fhaicinn ann an Glaschu fhad 's a tha na geamannan a' dol air adhart. Tha Joy Dunlop ag innse mu Children of the Smoke agus cluinnidh sinn bho Ewan MacEanraig a tha an sàs anns a' chuirm aig Ceòlas. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Gillebrìde MacIlleMhaoil
Duration: 03:34
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Dhòmhnaill chòir,
Chan eil fhios agam am faigh thu an litir seo ach tha mi ga sgrìobhadh co-dhiù. Ma gheibh thu i, tha mi an dòchas gun toir e togail dhut gu bheil sinn air fad a’ smaointinn ort. Tha sinn gad ionndrainn a h-uile latha agus tha sinn an dòchas nach fhada gus am bi thu air ais còmhla rinn.
An deach sian innse dhuibh fhèin mun chogadh? Chan eil mòran fios againne an seo cò mu dheidhinn a tha an cogadh seo. Chuala mi gur e rudeigin a thachair ann an Sarajevo a chuir an gnothach na smà l an toiseach ach chan eil fhios agam ciamar a fhuair sinn chun na h-ìre seo far a bheil balaich na sgìre air fad thall anns na trainnsichean anns a’ Bheilg. Cò aig tha brath ciamar a thug sin oirnn a dhol a’ chogadh ris a’ Ghearmailt. Saoil a bheil fhios aig na saighdearan Gearmailteach carson a tha iad ann? Cuiridh mi geall nach eil dad.
Co-dhiù, tha tòrr air tachairt an seo bho dh’fhalbh thu. Tha tac Ghearraidh Bhailteas an dèidh a bhith air a briseadh airson croitean a dhèanamh. Tha croitean a-nis ann an Cill Donain, Fròbost agus ann an Gearraidh Bhailteas fhèin. Bha là n à m ann - nach eil e ceart gum faigheadh muinntir an à ite oisean fearainn airson bith-beò a dhèanamh à s. Ach, chuala sinn nach eil Lady Gordon Cathcart deònach an còrr talmhainn a thoirt seachad airson chroitean. Leugh mi an à iteigin gu bheil an riaghaltas a’ gealltainn talamh dha na seòid a th' anns a’ chogadh an-drà sta - 'Land Fit for Heroe a bh’ ac’ air. Nì mise cinnteach gum faigh thusa do roinn fhèin cuideachd oir tha mi glè chinnteach nach eil duine cho treun riut anns a’ bhlà r. Agus mura toir iad dhut am fearann a tha iad air a ghealltainn, thèid mise còmhla riut agus rèididh sinn e agus gabhaidh sinn e dhuinn fhìn agus na seòid eile a thilleas bhon chogadh. Nach e sin an dòigh!
A bheil thu air sgeul fhaicinn air duine eile de mhuinntir an à ite? Dh’fhalbh Calum Sheumais agus Niall Dhòmhnaill Phà draig agus tha sinn gan ionndrainn cuideachd. Cha mhòr gu bheil fir air fhà gail anns an à ite – ’s fheà rr dhuibh tilleadh air fad no cha bhi duine againn airson obair foghair a dhèanamh. Dh’innis athair Chaluim dhuinn gun d’ fhuair iad brath bhuaithe. Bha e ag innse gu bheil e doirbh leis an fhuachd, ’s leis a’ pholl agus leis an eabar. Bha e ag rà dh gun robh na mialan gus a chuir craicte cuideachd – ach chan eil fhios agam ciamar agus sgall air gu cùl a chinn! Tha mi an dòchas gun tug siud gà ire ort! Bha e cuideachd ag rà dh gu bheil e air coinneachadh ri Gà idheil eile agus gu bheil iomadh òran Gà idhlig air an seinn air an oidhche. Ach chan urrainn dhuinne an seo tuigse fhaighinn air a’ chruadal a tha sibh a’ fulung anns a’ bhlà r agus na gunnaichean agus na shells a’ bualadh mur cluasan fad an t-siubhail. Chan urrainn dhuinn ach ùrnaigh a dhèanamh gum faigh sibh às beò agus gum faic sinn thu air ais an seo. Bidh mi tric a’ smaointinn ort agus ’s e briseadh cridhe a th’ ann gu bheil thu fhèin agus do cho-aoisean thall an sin anns na trainnsichean.
Cùm do mhisneachd ge-tà , oir chan fhada gus am bi thu air ais aig an taigh. Chuala mi gu bheil dùil gum bi an cogadh seachad ron Nollaig. Tha an riaghaltas ag rà dh gur e cogadh goirid a bhios ann agus nach math sin fhèin. Chan fhuilinginn gun leanadh e nas fhaide na ceann na bliadhna seo.
Thuirt mi cheana e ach canaidh mi e aon uair eile: tha sinn gad ionndrainn ler n-uile chridhe agus chì sinn air ais thu slà n falainn le croit ann dhut an uair a thilleas tu.
Le mòr ghaol,
D'athair
Broadcast
- Wed 23 Jul 2014 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal