Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 4

Dòmhnall U. Stiùbhart le sùil air an fhear-trusaidh beul-aithris Iain Frangan Caimbeul. Donald William Stewart looks at the pioneering folklorist John Francis Campbell of Islay.

Am prògram mu dheireadh dhen t-sreath anns a bheil an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air beatha, obair is dìleab an sgoileir agus an fhir-trusaidh beul-aithris Iain Frangan Caimbeul - air neo Iain Òg Ìle, mar a b'aithne dha na Gàidheil e.

Anns a' phrògram an-diugh, bidh Dòmhnall Uilleam a' faighinn a-mach mu na leabhraichean fhèin; dè cho soirbheachail 's a bha iad agus carson a bha am pròiseact seo cho cudromach. Bidh e cuideachd a' faighinn a-mach mu na rinn Iain Òg Ìle às dèidh dha na leabhraichean nochdadh ann an 1860-62, on a bha e fhathast na dhuin' òg an nuair a thàinig am pròiseact seo gu crìch.

Cluinnear mun phròiseact sgoilearail eile anns an deach e an sàs, Leabhar na Fèinne, agus cuideachd mun fharsainneachd de raointean eile anns an robh ùidh aige, ged is ann airson Popular Tales of the West Highlands a choisinn e cliù am measg nan Gàidheal.

Bidh sinn cuideachd a' meòrachadh air an dìleab a dh'fhàg Iain Òg dhan t-saoghal fharsainn ach gu h-àraid do sgoilearan Gàidhlig.

30 minutes

Last on

Sun 18 Mar 2018 10:00

More episodes

Previous

Next

You are at the last episode

See all episodes from Iain Ã’g ÃŒle

Broadcasts

  • Tue 17 Jun 2014 13:30
  • Tue 17 Jun 2014 22:00
  • Sun 22 Jun 2014 10:00
  • Tue 13 Mar 2018 12:00
  • Tue 13 Mar 2018 22:00
  • Sun 18 Mar 2018 10:00