Episode 3
Dòmhnall U. Stiùbhart le sùil air an fhear-trusaidh beul-aithris Iain Frangan Caimbeul. Donald William Stewart looks at the pioneering folkorist John Francis Campbell of Islay.
An treas prògram san t-sreath de cheithir anns a bheil an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air beatha, obair is dìleab an sgoileir agus an fhir-trusaidh beul-aithris, Iain Frangan Caimbeul - air neo Iain Òg Ìle, mar a b'aithne dha na Gà idheil e.
Anns a' phrògram seo bidh sinn a' faighinn a-mach barrachd mun mhodh-obrach a bh' aig Iain Òg Ìle agus an luchd-cruinneachaidh a bh' air fhastadh aige airson sgeulachdan traidiseanta a thrusadh sna Gà idhealtachd agus na h-Eileanan. Cluinnear mu na bha Iain Òg Ìle a' sùileachadh bhuapa agus mu na duilgheadasan agus dùbhlain a bha an sàs ann a bhith ag obair air pròiseact dhen t-seòrsa seo.
'S e as coireach gun do dh'fhastaich Iain Òg Ìle luchd-cruinneachaidh, seach a bhith a' dol a-mach a' cruinneachadh e fhèin, gu robh e fhèin trang na obair là itheil ann an Lunnainn; on a bha a theaghlach air an oighreachd aca a chall, bha aige ri bheò-shlà int' fhèin a dhèanamh, agus am measg nan obraichean eile a bh'aige thar nam bliadhnachan bha e na shearbhanta-sìobhalta agus os cionn diofar choimiseanan, leithid Coimisean nan Taighean-Solais. Ged a bha seo a' fà gail nach robh e, mar bu trice, comasach dha fhèin a dhol a-mach a thrusadh sgeulachdan, bha e cuideachd a' ciallachadh gu robh deagh sgilean rianachd aige agus gu robh e cleachte ri smachd a chumail air pròiseactan mòra agus ri bhith os cionn buidheann de luchd-obrach.
Ach bho à m gu à m fhuair e fhèin cothrom a dhol a-mach a chruinneachadh stòiridhean agus anns a' phrògram seo bidh Dòmhnall Uilleam a' leantainn lorgan Iain Òig fhèin 's a' tadhal air tè dhe na sgìrean a bu thorraiche dha a thaobh sgeulachdan - sin Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla. Fhads a tha e ann, bidh e a' faighinn a-mach mu aon de na seanchaidhean a bu chudromaiche a thug sgeulachdan dha, Dòmhnall Mac a' Phì às an Iochdar.
Last on
Broadcasts
- Tue 10 Jun 2014 13:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 10 Jun 2014 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Jun 2014 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 6 Mar 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 6 Mar 2018 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Mar 2018 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal