Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - Latha na Faing
Seanchasan mu bheatha thrà th ann am Beà rnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thà inig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheà rnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu à m nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
An-diugh cluinnidh sinn mar a chaidh Dòmhnall san teaghlach a dh'fhaing Thorranais agus mar nach do thill an cù, Queen, còmhla riutha idir. Cha robh i an taigh romhpa a bharrachd agus bha faireachdainn là idir aig Dòmhnall nach tilleadh i a-chaoidh.
Last on
Clip
-
Latha na Faing
Duration: 02:26
Dòmhnall MacLeòid
Eadar dà shaoghal
Faing Thorranais
Broadcasts
- Fri 21 Feb 2014 11:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sat 22 Feb 2014 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Feb 2014 14:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2014 17:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Aug 2019 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Aug 2019 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2019 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Dec 2022 17:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal