Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Falbh
Seanchasan mu bheatha thrà th ann am Beà rnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thà inig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheà rnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu à m nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
A seo tha Dòmhnall, na bhalach, ag èisteachd ri còmhradh a bh' aig a mhathà ir agus te a thà inig a cheilidh orra am Beà rnaraigh, goirid às dèidh dhaibh a thighinn dhachaigh. Dh'fhalbh a mhà thair aig aois ceithir bliadhna deug, còmhla ri Catriona, a dh'ionnsachadh mar a bhiodh iad nan searbhantan ann an colaist' ann a Lenzie, an Glaschu. Tha e a' dèanamh dealbh air an turas, mar a chaidh dhaibh nuair a rà inig iad agus air saoghal gu math eadar-dhealaicht' a bha romhpa an taca ris na dh'fhà g iad às an dèidh.
Last on
Clip
-
Eadar DÃ Shaoghal
Duration: 03:18
Dòmhnall MacLeòid
Broadcasts
- Fri 14 Feb 2014 11:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sat 15 Feb 2014 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Feb 2014 14:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Aug 2019 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Aug 2019 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Aug 2019 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Dec 2022 17:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal