Main content
Cuirm Mhìcheil Ruaidh
Gà ire, deòir, toileachas is amaideas am measg na bà rdachd aig Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig. Laughter, tears, happiness and fun, all feature in Micheal MacPherson's poetry.
Last on
Fri 27 Dec 2013
10:03
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Mìchael Mac a' Phearsain
Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air an t-siathamh latha fichead den Ghiblean 1910. B' ann à Barraigh a bha athair Mhìcheil agus a mhà thair à Èirisgeigh agus mar iomadach teaghlach eile le buntanas ri Èirisgeigh rinn iad an dachaigh aig fìor cheann a deas Uibhist a Deas air Taobh a' Chaolais.
B' ann gu Sgoil Ghearradh nam Mònadh a chaidh Mìcheal agus dh'fhà g e sgoil airson a dhol a dh' iasgach. B' e sin an obair a bh' aig a' chuid bu mhotha de bhalaich òga anns an sgìre a bharrachd air obair croitearachd. Chaidh Mìcheal gu muir agus bha e aig muir aig à m a' chogaidh. Phòs e Mà iri Ann NicIllEeathain, Mà iri Ann Sheonaidh Aonghais, ann an 1935 agus bha triùir chloinne aca - Seonaidh a tha an-diugh a' fuireach ann an Canada, Iain Alasdair a chaidh a bhà thadh aig muir agus Nan nach maireann.

Tilleadh dhachaigh
Nuair a thill Mìcheal air ais a dh' Uibhist às dèidh a' chogaidh
thòisich e a' croitearachd agus chaidh e air ais a dh' iasgach. Bhiodh e
cuideachd ag obair air rathaidean anns an sgìre agus 's iomadh turas a
sgrìobh e rann mu na bha dol air adhart aig obair is eile.
A rèir clà raidhean a rinn e do Sgoil Eòlais na h-Alba b' e Moladh Uibhist aon dhen chiad pìosan bà rdachd a sgrìobh e.
Chaidh Mìcheal air adhart gu bhith sgrìobhadh òrain aotram is èibhinn - coileach anns a' bhaile a' dol air chall, caraidean a' dol gu ruige nam Barras ann an Glaschu son fà inne gealladh-pòsaidh agus mu thuras gu muir ach turas cunnartach. Agus 's iomadh òran a sgrìobh e far an robh e magadh air fhèin cuideachd (Òran Phollacharra)
Bha tachartasan duilich anns an sgìre aige fhèin agus bha na sgìrean mun cuairt air ga chur gu bà rdachd cuideachd. Sgrìobh e Òran na Mà iri Dhonn nuair a chaidh bà ta iasgaich le criutha à Barraigh a dhìth air an rathad air ais à Malaig. Tha an t-òran a sgrìobh e do Dhòmhnaill Phà draig Iagain (athair an t-seinneadair, Kathleen NicAonghais ) air a thoirt gu aire an t-sluaigh tron CD aig Kathleen far a bheil i fhèin a' seinn a chuid bà rdachd, agus b' ann gu math dòchasach a bha Nan, nighean Mhìcheil, gu seinneadh Kathleen tuilleadh de na h-òrain aige.

Broadcast
- Fri 27 Dec 2013 10:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal