Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fearchar MacBheatha

Fearchar MacBheatha às a' Ghleann Bheag, a sgìre Ghleann Eilg, a' bruidhinn mu àm aig muir agus air tìr. Farquhar MacBeath from Glenelg talks about his time at sea and farming.

Rugadh Fearchar MacBheatha ann a 1924, an duine bu shine de shianar a theaghlach, agus 's ann a Leacachan air taobh deas Loch Dubhthaich a bha e na bhalach. Chaidh e an uair sin a dh' Àrd-Sgoil a' Phluic agus dh'fhàg e aig 14. Bha e ag obair na croite an toiseach agus bliadhna na dhà às dèidh sin agus e 18 's an Dàrna Cogadh air toiseachadh, chaidh e dhan arm. Fhuair e trèanadh an toiseach sna Marines ann a Deal ann a Kent. Nuair a bha iad a' lorg dhaoine airson na Commandos chuir e e fhèin air adhart air an son. Fhuair e steach agus fhuair e trèanadh sa Chuimrigh airson ceithir mìosan agus às dèidh sin an Achadh na Cairigh. Bha e an uairsin sa chogadh airson na sia mìosan mu dheireadh timcheall air Arnhem san Òlaind agus cuideachd ann an Sìona.
Nuair a bha an cogadh seachad thill e dhachaigh agus a dh'aindeoin gealltanas air trèanadh airson ciùird cha do thachair sin. Fhuair e obair sa choille, obair nach robh idir a' cordadh ris ach a bha deatamach dhan rìoghachd agus nach b'urrainn dha fàgail. Thuirt Fearchar gu robh e a' fàgail ge-tà agus dh'aontaich iad mu dheireadh gu faodadh e sin a dhèanamh. Fhuair e an uair sin obair air soitheach air a robh a' Flamborough Head, soitheach a bha a' dèanamh dheuchainnean air bàtaichean-aigeil. Thug sin a Gibraltar e agus nuair a thill e à sin 's e a' Chabhlach Mharsanta a thagh e, rattle-trap de thuba an toiseach! Nuair a dh'fhàs e sgìth de chladaichean Bhreatainn chaidh e null air soitheach a dh' Astràilia - agus dh'fhuirich e ann airson dusan bliadhna. Thill e an uair sin agus an ceann sreath fhuair e fearann an Gleann Eilg.

Chaochail Fearchar san Ã’gmhios am bliadhna aig aois 90.

30 minutes

Last on

Sun 3 Jan 2016 12:59

Broadcasts

  • Thu 31 Jan 2013 13:30
  • Thu 31 Jan 2013 22:00
  • Sun 3 Feb 2013 09:30
  • Mon 28 Dec 2015 12:00
  • Mon 28 Dec 2015 22:00
  • Sun 3 Jan 2016 12:59