Fearchar MacBheatha
Fearchar MacBheatha às a' Ghleann Bheag, a sgìre Ghleann Eilg, a' bruidhinn air òige. Farquhar MacBeath from Glen Beag in the Glenelg area recounts his childhood.
Rugadh Fearchar MacBheatha ann a 1924, an duine bu shine de shianar a theaghlach, agus 's ann a Leacachan air taobh deas Loch Dubhthaich a bha e na bhalach. Chaidh e an uair sin a dh' Àrd-Sgoil a' Phluic agus dh'fhà g e aig 14. Bha e ag obair na croite an toiseach agus bliadhna na dhà às dèidh sin agus e 18 's an Dà rna Cogadh air toiseachadh, chaidh e dhan arm. Fhuair e trèanadh an toiseach sna Marines ann a Deal ann a Kent. Nuair a bha iad a' lorg dhaoine airson na Commandos chuir e e fhèin air adhart air an son. Fhuair e steach agus fhuair e trèanadh sa Chuimrigh airson ceithir mìosan agus às dèidh sin an Achadh na Cairigh. Bha e an uairsin sa chogadh airson na sia mìosan mu dheireadh timcheall air Arnhem san Òlaind agus cuideachd ann an Sìona.
Nuair a bha an cogadh seachad thill e dhachaigh agus a dh'aindeoin gealltanas air trèanadh airson ciùird cha do thachair sin. Fhuair e obair sa choille, obair nach robh idir a' cordadh ris ach a bha deatamach dhan rìoghachd agus nach b'urrainn dha fà gail. Thuirt Fearchar gu robh e a' fà gail ge-tà agus dh'aontaich iad mu dheireadh gu faodadh e sin a dhèanamh. Fhuair e an uair sin obair air soitheach air a robh a' Flamborough Head, soitheach a bha a' dèanamh dheuchainnean air bà taichean-aigeil. Thug sin a Gibraltar e agus nuair a thill e à sin 's e a' Chabhlach Mharsanta a thagh e.
Chaochail Fearchar san Ã’gmhios am bliadhna aig aois 90.
Last on
More episodes
Previous
Next
Fearchar MacBheatha
Broadcasts
- Wed 23 Jan 2013 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Jan 2013 13:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Jan 2013 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Jan 2013 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Dec 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Dec 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Dec 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal