Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dèanamaid Adhradh Tasglann

Seirbheis deireadh bliadhna à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan nach maireann. Gaelic archive service from 1997, conducted by the late Rev John Ferguson.

Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 46: 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn bha Dòmhnall Iain Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Psalm 91: 2-3 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Ailean Guinne le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh.

Bha Màiri Mhoireasdan a' seinn an laoidh Èifeachd am Fuil an Uain.

Leughadh: Isaiah 7: 10-14
Mata 1: 18-24

An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009

Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mhàirt 1937. An dèidh dha an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an àm sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.

Thàinig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna as dèidh sin chaidh e gu Colaiste a Faith Mission ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. As dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gun robhas ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.

Anns an Òg Mhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dàmhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann a Nis ann a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanal ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm.

Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhàil ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad . Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, Crown Him Lord of All, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhàsaich e agus air na chuir Oighrig crìoch.

Bhàsaich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Last on

Sun 30 Dec 2012 21:00

An t-Urr Iain Fearghasdan nach maireann

An  t-Urr Iain Fearghasdan nach maireann

An t-Urr Iain Fearghasdan nach maireann cuide ri theaghlach

An  t-Urr Iain Fearghasdan nach maireann cuide ri theaghlach

Broadcast

  • Sun 30 Dec 2012 21:00