Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis deireadh bliadhna còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. Service for the end of the year conducted by John Archie MacMillan.

An-diugh cluinnidh sibh an t-seirbheis mu dheireadh den bhliadhna ann an Dèanamaid Adhradh còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein agus 's e dòchas an cuspair a th' aige. Anns an t-seirbheis tha e toirt iomradh air litir Naomh Pòl gu na h-Ephesianich agus air na sgrìobhadairean Mark Twain agus Vaclav Havel.
Cluinnidh sibh na laoidhean is leughadh a leanas:

Còisir Loch a Tuath Seall an Sneachd a' Gheamhraidh Fhuar
Còisir Eaglais Naomh Barr Nach Tig Thu Naomh Messiah
Pòl MacCallum Adeste Fideles
Mairi NicAonghais le taic bho Duncan Findlay - Seall Thall Tighinn bhon Ear

Leughadh: Mata 5: 1-16

'S e Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein a tha searmonachadh dhuinn ann an Dèanamaid Adhradh na seachdain seo. Bidh Iain Eardsaidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gach sia no ochd seachdainean.

Rugadh agus thogadh Iain Eàirsdidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas, chaidh e dhan sgoil an sin agus a Sgoil Dhalabroig. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn son sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh
Bha Iain Eàirdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-Inntinn ann an Lodainn an Iar gu bho chionn ghoirid - a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e nis air a dhreuchd a leigeil dheth .
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Bànrigh le bhean Màiri, tha dithis do theaghlach aca, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis - gu h-àraidh dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Bithidh e tric ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailteach ionnsachadh nuair a tha e siubhail anns a' char - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith feuchainn orra. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf, a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig.

30 minutes

Last on

Sun 30 Dec 2012 15:00

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts

  • Sun 30 Dec 2012 09:00
  • Sun 30 Dec 2012 15:00