Main content
This programme is not currently available

Leanabh an Àigh

Sùil air Leanabh an Àigh 's air beatha Màiri Dhòmhnallaich à Muile a sgrìobh an laoidh. Mairianna MacKenzie goes to Mull, birthplace of Mary MacDonald, author of Leanabh an Àigh.

Tha an laoidh Leanabh an Àigh ga seinn an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal an-diugh agus gu h-àraid aig àm na Nollaige. B' i ban-Mhuileach, Màiri Dhòmhnallach (1789-1872) a sgrìobh an laoidh ainmeil, fada mus deach eadar-theangachadh gu Child In A Manger agus fada, fada mus tug Cat Stevens gu aire dhaoine e mar Morning Has Broken. Sgrìobh i cuideachd mòran laoidhean is òrain eile. Anns a' phrògram, tha Mairianna NicChoinnich air chuairt ann a Muile aig làrach dachaigh Màiri Dhòmhnallaich. Cluinnear an tuilleadh mu deidhinn bho mhuinntir an eilein fhèin, nam measg feadhainn a bhuineas dhi. Agus cluinnear an tuilleadh mu mar a thàinig an laoidh gu bhith cho aithnichte.

1 hour, 27 minutes

Last on

Christmas Day 2014 19:30

Broadcasts

  • Christmas Day 2012 13:30
  • Sun 30 Dec 2012 10:00
  • Christmas Day 2014 09:30
  • Christmas Day 2014 19:30