Main content
This programme is not currently available

Cuimhne an Clò

Cuimhneachan an sgrìobhaiche Osgood MacCoinnich air sgìre Gheàrrloich san 19mh linn. Mark Wringe and guests discuss Osgood Mackenzie's memoir A Hundred Years in The Highlands.

Rugadh Osgood MacCoinnich, a bhuinneadh do theaghlach uasal à Geàrrloch, ann an 1842. Nuair a bha e 20 bliadhna a dh' aois, le cuideachadh bho mhàthair, cheannaich e oighreachd mhòr ann an Taobh Siar Ròis. Air pìos fearainn a bha lom agus creagach, thog e gàradh àlainn - agus chun an latha an-diugh, bidh na mìltean a' tadhal air Gàraidhean Inbhir Iù.

Anns a' leabhar aige A Hundred Years In The Highlands, a chaidh fhoillseachadh ann an 1921 tha e a' toirt sùil air ais air a bheatha agus a' toirt dhuinn dealbh luachmhor air coimhearsnachd Ghàidhealach anns an 19mh linn.

A' còmhradh ri Mark mun a' leabhar bidh dithis a tha mion-eòlach air eachdraidh na sgìre, Iain Friseal agus Eachann MacCoinnich.

1 hour

Last on

Sun 9 Dec 2012 09:30

Broadcasts

  • Thu 6 Dec 2012 13:30
  • Thu 6 Dec 2012 22:00
  • Sun 9 Dec 2012 09:30