Main content
This programme is not currently available

Cho Luath 's a Ghabhas

Taic mu choinneamh sgilean obair-cinn matamataigeach aig ìre bun-sgoile: Cur-ris Coiliontach. Schools programme to support the development of good mental arithmetic skills.

Thairis air an t-sreath tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr.

Anns a' phrògram seo tha iad air chuairt dhan Fhraing far a bheil aca ri sia ceistean a fhreagairt agus 's e cur-ris coiliontach an earrann teagaisg.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.

Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Producer Una MacDonald.

20 minutes

Last on

Sun 2 Dec 2012 14:30

Clip

Broadcasts

  • Fri 30 Nov 2012 11:30
  • Sat 1 Dec 2012 10:30
  • Sun 2 Dec 2012 14:30