Main content
This programme is not currently available

Dùn Àluinn

Mark Wringe a' còmharrachadh 100 bliadhna bho nochd a' chiad nobhail Ghàidhlig ann an clò.
Mark Wringe looks at at Dùn Àluinn by John MacCormick, the first ever Gaelic novel.

Tha 100 bliadhna bho nochd an nobhail Dùn Àluinn le Iain MacCarmaig ann an cruth leabhair. Ged a bha dà nobhail eile air nochdadh roimhe ann an earrannan anns na h-irisean Life and Work agus An Sgeulaiche, bha Dùn Àluinn fhathast ga mheas aig an àm mar a' chiad nobhail Ghàidhlig agus tha an inbhe seo aige fhathast am measg sgoilearan Gàidhlig.

Rugadh Iain MacCarmaig ann an 1860 agus chaidh a thogail air an Ros Mhuilich ged a bha buntannas làidir aige do dh' Eilean Idhe. A bharrachd air Dun Àluinn, sgrìobh e sgeulachdan-goirid, dealbhan-cluich, novella agus beagan bàrdachd, agus bha e cuideachd an sàs ann an obair foillseachaidh.

Anns a' phrògram seo, bidh Mark Wringe, aig a bheil ùidh mhòr ann an rosg Gàidhlig a' toirt sùil nas mionaidiche air a' chloich-mhìle chudthromaich seo a tha gu ìre mhòr air a dhol air dìochuimhn', agus a' faighinn a-mach barrachd mun a' bhuaidh a bh' aige agus mu shaoghal litreachas na Gàidhlig bho chionn 100 bliadhna.

Bidh e a' faighinn a-mach barrachd bhon sgoilear Gàidhlig, an t-Ollamh Sìle Kidd, a tha air tòrr obair rannsachaidh a dhèanamh air a' chuspair, agus a tha gu mòr den bheachd gum bheil obair Iain MhicCarmaig airidh air barrachd aire agus rannsachaidh.

Cuideachd a' gabhail pairt, bidh dithis leughadairean a bhios a' toirt beachd air an nobhail fhèin. Leugh Dòmhnall Iain Macleòid i airson a' chiad turas bho chionn cha mhòr 50 bliadhna agus e ag obair air a' PhHD aige. Cha do chòrd e ris cho mòr sin aig an àm ach an dùil am bi na beachdan aige air atharrachadh tro thìm? Tha Linda NicLeòid nas cleachte ri nobhailan Gàidhlig an latha an-diugh - ciamar a thèid dhi le nobhail a chaidh a sgrìobhadh bho chionn còrr is 100 bliadhna?

30 minutes

Last on

Sun 27 Feb 2022 13:00

Broadcasts

  • Wed 28 Nov 2012 13:30
  • Wed 28 Nov 2012 22:00
  • Sun 2 Dec 2012 10:30
  • Mon 21 Feb 2022 12:00
  • Mon 21 Feb 2022 22:00
  • Sun 27 Feb 2022 13:00