Main content

Trufail Sùbh-làir

Nì seo 15

250g deagh teòclaid gheal air a ghearradh beag
70g ìm bog gun salann
3 spàin-bhùird uachdar dùbailte
30g pùdar sùibh-làir
4 spàin-bhùird siùcar còmhdaich

Tha iad seo sgoinneil agus rud beag neo-àbhaisteach seach trufail teòclaid dhorcha.

Tòisich le bhith teasachadh an t-uachdar. Chan eil thu idir ag iarraidh gun goil e. Bheir far an teas e cho luath ‘s theannas e ri plubadaich.

Tha an t-ìm a’ dol ann agus thathar ga chuir mun cuairt gus an leagh e staigh dhan teòclaid.

Nis, am pùdar dathte sùibh-làir agus measgaich a-rithist.

Leagh an teòclaid ann am bobhla os cionn pana le uisge goileach. Tha am measgachadh eile a nuair sin a’ dol a-staigh dhan teòclaid agus feumar a chur mun cuairt gu math.

Cuir seo dhan fhuaradair airson 2 uair a thìde co-dhiù.

Nuair a tha e cruaidh gu leòr bheir an stuth às a’ bhobhla le spàin-tì, ga rolaigeadh ann am buill bheaga le do làmhan, is gan crathadh ann an siùcar-pùdair.

Abair blas agus abair dath brèagha dearg!