Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cosgais a' bhile

Niall O’Gallagher | 2012-12-12, 16:51

Bidh bhòt shaor air pòsadh gèidh nuair a thig e don phàrlamaid anns a' bhliadhna ùir.

Ach chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa mar-thà gun tèid iad air adhart ris na planaichean seo agus tha làn dùil gum faigh iad taic nam ball.

'S e ceist eile dè an taic a gheibh iad taobh a-muigh na pàrlamaid.

°Õ³óò¾±²õ¾±³¦³ó a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Fhuair an co-chomhairleachadh mu dheireadh an àireamh a bu mhotha de fhreagairtean a-riamh agus 77,508 neach a' toirt an cuid bheachdan seachad.

Mar a dh'shaoileadh tu, bha na beachdan sin làidir air an dà thaobh.

Cothrom na Fèinne

Thuirt am prìomh mhinistear gur e ceist tomhais a bha seo.

Air an aon làimh, thuirt e gu feumadh cothrom na fèinne a thoirt do gach saoranach.

Agus, dh'fheumte còirichean creidimh a dhìon aig a' cheart àm.

Tha Ailig Salmond a' creidsinn gun dèan am bile seo an dà rud sin.

Mar sin, bheireadh am bile seo cead do dh'eaglaisean agus buidhnean eile daoine dhen aon ghnè a phòsadh.

Ach, thuirt Mgr Salmond, nach toireadh air eaglais - air neo sagart no ministear sam bith - sin a dhèanamh an aghaidh an toil.

Deasbad

Tha Eaglais na h-Alba, An Eaglais Chaitligeach agus an Eaglais Shaor uile an aghaidh seo - ged a tha buidhnean cràbhaidh eile air a shon.

Anns an deasbad a leanas nì iad - agus luchd-strì airson chòirichean gèidh - am beachdan gu math follaiseach.

Tuigidh Riaghaltas na h-Alba sin.

Bu toil leotha a' chonnspaid a chunnaic a' phàrlamaid air Earrann 2A - mu teagasg anns na sgoiltean - a sheachnadh.

Agus bidh iad dòchas nach toir cosgais phoileataigeach a' bhile buaidh sam bith air an taic ron referendum ann an 2014.

'S e an tìde an dh'innseas.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.