Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Iarraidh na fìrinne

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-11-01, 15:26

Dè an fhìrinn mun chàirdeas eadar Alba neo-eisimeileach agus an t-Aonadh Eòrpach?

Tha beachdan eadar-dhealaichte air a bhith gan toirt seachad anns na seachdainnean a dh'fhalbh.

Air aon taobh tha an fheadhainn - Riaghaltas na h-Alba nam measg - a chreideas gum fuirich Alba mar phàirt dhen Aonadh Eòrpach,Ìýis chan fheumadh ach cùisean leithid an àireamh dè bhòtaichean a bhiodh aice air neo a cuid de bhuidseat an Aonaidh.

Air an taobh eile tha daoine - leithid Riaghaltas Bhreatainn - a their gun deigheadh Alba fhàgail taobh a-muigh an Aonaidh agus gum b' fheudar dhi ballrachd iarraidh mar dhùthaich ùr.

Tha an diofar sin cudromach air sgàth 's gu bheil cunnradh Mhaastricht ag iarraidh air buill ùra gabhail ris an Euro.

(Cha do thachair sin a h-uile turas - chaidh an t-Suain na ball às dèidh Mhaastricht agus cha do ghabh iad ris a-riamh).

°Õ°ù´Ç-³¦³óè¾±±ô±ð

Tha an Coimisean Eòrpach air a bhith air leth tro-chèile air seo.

Air a' mhìos a chaidh, thuirt labhraiche a' Choimisein Olivier Bailly gum biodh stàit neo-eisimeileachd ùr taobh a-muigh an Aonaidh, ach b' fheudar dha a fhaclan a ghabhail air ais, ag ràdh nach do bhuin iad ri Alba.

An uair sin,Ìýdh'innis leas-cheann-suidhe a' Choimisein, Viviane Reding, don Diario de Sevilla nach robh lagh eadar-nàiseanta ag ràdh gum biodh Catalùinia neo-eisimeileach taobh a-muigh an Aonaidh.

Dh'èirich sin fearg ann am Madrid agus b' fheudar do Mhs Reding leisgeul iarraidh bho Riaghaltas na Spàinne.

Gu ruige seo, b' e am beachd oifigeal aca robh seo na chùis dhuinne, ach nach b' iomchaidh beachdachadh oirre idir.

Ach dh'atharraich sin o chionn goirid.

Aonta

Air an là a chaidh aonta a ruighinn eadar Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond ann an Dùn Èideann anns an t-Sultainn, thuirt an Coimisean gum biodh iad deònach beachd a thoirt seachad às dèidh iarrtais bho bhall-stait a' mìneachadh suidheachaidh sònraichte.

Dhuinne, 's e am ball-stàit sin Riaghaltas Bhreatainn.

Dh'innis an Coimisean dhomh nach d'fhuair iad iarrtas sam bith bhuapa gu ruige seo.

Agus thuirt Riaghaltas Bhreatainn nach iarradh iad beachd a' Choimisein ron bhòt ann an 2014.

Cha do dh'iarr Riaghaltas na h-Alba orra sin a dhèanamh nas motha.

Carson?

Ceist

Tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh nach dèan iad malairt no còmhradh sam bith air thoiseach air an referendum fhèin.

'S e am beachd-san nach urrainn dhaibh "suidheachadh sònraichte" a thoirt don Choimisean ro na còmhraidhean a leanadh bhòt airson neo-eisimeileachd nan tacradh sin.

Tha sgiopa a' phrìomh mhinisteir a' diùltadh beachd a thoirt seachad, ag ràdh gu bheil seo na chùis airson Lunnainn a-mhàin.

Tha na Làbaraich a-nis ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas Bhreatainn beachd a' Choimisein iarraidh.

Aig a' cheann-thall,Ìýbhiodh an càirdeas eadar Alba agus an Roinn Eòrpa na cheist phoileataigeach agus chan e na cheist laghail a-mhàin.

Ach anns an eadar-ama, 's coltach gum bi againn ri feitheamh greis eile fhathast gus an ionnsaich sin beachd cuid dhe na cluicheadairean anns a' ghèama seo.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.