Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-01

Ed an Aonaidh

Tha fios aig Ed Miliband gu bheil a bheatha phoileataigeach fhèin gu mòr an crochadh air na thachras ann an Alba.

Ma bhòtas i airson neo-eisimeileachd, bidh e fada nas duilghe dha grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do dh'Àireamh a Deich.

Mar sin, thàinig Mgr Miliband gu Glaschu an-diugh leis an argamaid aige fhèin na h-aghaidh.

An t-seachdain a chaidh, chaidh am prìomh mhinistear gu Lunainn gus cantainn gun toireadh neo-eisimeileachd cothrom do dh'Alba a bhith na "lochran" de pholasaidhean adhartach a b' urrainn do Shasainn leantainn.

Thuirt Ceannard nan Làbarach gur ann a bhiodh e na chnap-starra.

Na bheachdsan, bhiodh e na b' fhasa Alba nas cothromaiche a chruthachadh mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte.

Sgaradh

Mar eisimpleir, thog Mgr Miliband air bancaireachd.

Cha gabhadh, thuirt e, riaghailtean ùra airson nam bancaichean a chruthachadh airson Alba air neo airsonÌýShasainn a-mhàin - cha dèanadh iad ach gluasad don àite leis na riaghailtean as laige.

Ach, nan dèanadh neo-eisimeileachd cron air an Rìoghachd Aonaichte gu lèir, dè mu dheidhinn tuilleadh chumhachdan ionmhais do dh'Alba?

Dh'fhaighnich mi dha an robh e ag aontachadh leis a' phrìomhaire nach b' urrainn do dh'Alba tuilleadh chumhachdan fhaighinn agus fuireach taobh a-staigh an Aonaidh.

Cha do dh'aontaich - ach thuirt e gu feum sgaradh a chumail eadar tuilleadh fèin-riaghlaidh agus neo-eisimeileachd.

Tha aig na Làbaraich ri sealtainn fhathast ciamar a ghabhas sin a dhèanamh gun dàrna ceist a bhith air pàipear-bhòtaidh an referendum.

Cur na ceist

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-25, 19:10

Beachdan (0)

Tha fios againn a-nis dè a' cheist a tha Ailig Salmond airson a chur ri muinntir na h-Alba anns an referendum.

, 's e seo dreach Gàidhlig dhith:

ÌýA bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?

Chan eil fhios againn fhathast an tèid a' cheist a chur anns a' Ghàidhlig.

Tha mi tuigsinn nach do chuir Riaghaltas na h-Alba sin romhpa fhathast.

Ach, bidh cothrom aig daoine argamaid a dhèanamh airson ceist Gàidhlig .

Taic

'S dòcha gun cuir cuid dhuibh beachdan air adhart air seo.

Ach tha aire an SNP air rudan eile.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' sireadh bheachdan, mar eisimpleir, ach cò a bu chòir bhòtadh agus iad airson an cothrom a thoirt do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois.

Ach 's e an rud as cudromaiche dhaibh taic fhaighinn bhon t-sluagh airson dàrna ceist air tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh an Aonaidh.

Mar sin, cha tòisich an còmhradh ceart eadar an dà riaghaltas ro dheireadh a' cho-chomhairleachaidh, anns a' Chèitean.

Ach ghabh Mgr Salmond ceum mòr adhart an-diugh, a dh'ionnsaigh na bhòt as cudromaiche na bheatha.

Saorsa bho Alba

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-24, 11:46

Beachdan (0)

Am bu chòir do na h-Eileanan mu Thuath Alba fhàgail ma bhòtas i airson neo-eisimeileachd?

'S e beachd Iarla Ghallaibh gum bu chòir an cothrom sin a bhith aca.

- a thèid a dheasbad anns na Morairean nas fhaide air an t-seachdain - tha am morair tòraidheach a' moladh nach biodh aig muinntir Àrcaibh is Shealtainn fuireach ann an Alba neo-eisimeileach mura bhòtadh a' mhòrchuid dhiubh air a shon.

Dè dhèanadh iad an uair sin?

Am fuiricheadh iad le Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, air neo am b' fheàrr leotha saorsa fhaighinn dhaibh fhèin?

Agus, nan dèanadh iadsan sin, dè mu dheidhinn nan Eilean Siar?

Duan nan trì rann

Sheachain ceannardan nan dùbhlanach an referendum aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh airson chuspairean eile.

(Na gabh dragh, bidh barrachd - tòrr a bharrachd - air sin an ath sheachdain nuair a thèid planaichean Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh Diciadain).

Thog Johann Lamont na figearan ùra air cion-cosnaidh a nochd an-dè.

Dè, dh'fhaighnich i, an t-atharrachadh a dhèanadh an riaghaltas air bile a' bhuidseit mar thoradh air na h-àireamhan ùra seo?

(Tha dùil ris a' bhile sin a-màireach),

Sheachain Mgr Salmond a' cheist - cha b' ann airson a' chiad uair.

Eaconomaidh

Fhreagair e nach robh na cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba spionnadh a thoirt don eaconamaidh.

Agus, thuirt am Prìomh Mhinistear,Ìýbha plana nan Làbaraich gus dèiligeadh rithe gu mòr an crochadh air cumhachdan a bha fhathast fo smachd Westminster.

Nas miosa na sin, chuir Mgr Salmond as leth nan Làbarach gun robh iad a-nis air am plana sin a leigeil seachad gus taic a chur ri gearraidhean na co-bhanntachd.

Cha do chuir sin dragh air Ms Lamont, a chum oirre leis a' cheist.

Thuirt i gun robh Mgr Salmond gu math mòr às fhèin, ach cha robh aire air a dhreuchd mar a bu chòir.

Fhreagair esan gun robh i a' fàs coltach ris an duine a bha na dreuchd roimhpe.

Fianais

Thagh Ruth Davidson cuspair na Roinn Eòrpa.

An do sgrìobh an riaghaltas gu coimiseanairean air àite Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach?

Thuirt Mgr Salmond gum biodh Alba fhathast mar phàirt dhen Aonadh, mar a bhiodh an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Cha robh sin gu leòr airson Ms Davidson, ge-tà.

Nach fhoillsicheadh am Prìomh Mhinistear an fhianais aige air a' chùis?

Fhreagair e gur e na càirdean aicese aig Westminster a-mhàin a bha a' cur ballrachd na h-Alba ann an cunnart.

³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹»å³ó

Thog Willie Rennie am plana a nochdadh le Coinneach MacAsgail Dimairt airson Seirbhis Poilis Nàiseanta.

Bha teagamh air Mgr Rennie gun deigheadh an sàbhaladh a gheall an SNP a choilionadh.

Agus, dh'fhaighnich e, cia mheud oifigear a bha ag obair air an ath-chruthachadh?

Chuir am prìomh mhinistear na chuimhne gun robh na Lib Deamaich a-mach air seo gun sguir aig àm an taghaidh agusÌýgur beag an taic a fhuair iad air a shon.

'S dòcha gum b' e seo an t-àm gus duan eile a thaghadh.

Cha chuireadh e iongnadh orm nan tilleadh duan na neo-eisimeileachd an ath sheachdain.

Cò bhòtas?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-18, 13:27

Beachdan (0)

Cò a bu chòir cead-bhòtaidh fhaighinn airson an referendum air neo-eisimileachd?

'S e polasaidh Riaghaltas na h-Alba gur iad na daoine a tha a' fuireach ann an Alba - as bith cò às a tha iad - a bu chòir cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail anns a' bhòt.

(Tha an SNP cuideachd airson an cothrom-bhòtaidh a leudachadh do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois, ged a tha pàrtaidhean an Aonaidh uile an aghaidh sin).

Ach dè mu dheidhinn Albannach nach eil a' fuireach ann an Alba?

An-diugh fhathast, bidh BPA a' deasbad , ag iarraidh gum bi cothrom-bhòtaidh aig Albannaich ann an Sasainn air neo pàirtean eile dhen Rìoghachd Aonaichte.

Dè ur beachd fhèin?

2014

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-11, 15:02

Beachdan (0)

Tha fios againn a-nis cùine tha Ailig Salmond airson an referendum air neo-eisimileachd a chumail - as t-foghair 2014.

Dh'fhoillsich e seo dìreach ro shia uairean feasgar a-raoir, a'Ìýgabhail aireÌýnamÌýmeadhanan air falbhÌýbho Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore.

Bha Mgr Moore air beachd Riaghaltas Bhreatainn a mhìneachadh ann an òraid do Thaigh nan Cumantan.

Ghoid am Prìomh Mhinistear an naidheachd bhuaithe leis an fhiosrachadh aige fhèin.

Bha e follaiseach nach robh fios aig Mgr Moore gun robh a leithid air fàire.

'S i a' cheist an gabh Riaghaltas Bhreatainn leis.

Cumhachd

Thuirt Mgr Moore an-dè gur e beachd Riaghaltas Bhreatainn nach robh cumhachd laghail aig Riaghaltas na h-AlbaÌýreferendum sam bith a chumail air neo-eisimileachd.

Mar sin, thuirt e, bha iad deònach a' chumhachd sin a thoirt gu Holyrood.

Ach, dh'fhaodadh sin crochadh air an là, air na riaghailtean air neo na ceistean.

Tha Mgr Salmond a' creidsinn gu bheil barrachd ùine a dhìth air airson taic fhaighinn airson neo-eisimileachd.

Mar sin, dh'fhoillsich e an là as fheàrr leis fhèin agus fios aige gun dèan sin e doirbh do Dhàibhidh Camshron atharrachadh gun chasaid a bhith air gun robh a' dol an sàs ann an cùisean Albannach mar nach bu chòir.

Ach bidh Mgr Salmond toilichte a' chumhachd laghail ùr a tha seo fhaighinn.

¶Ùù²ú³ó±ô²¹²Ô

Tha sin a' fàgail na riaghailtean, agus na ceistean.

Ma tha am Prìomh Mhinistear airson aonta a ruighinn le Westminster gus dùbhlan a sheachnadh anns na cùirtean 's ann air sin a bhitheas an aire aige.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gur e Coimisean nan Taighean a bu chòir an referendum a stiùireadh.

'S e beachd Mhgr Salmond gur e buidhean a fhreagras ri Pàrlamaid na h-Alba a b' iomchaidh airson sin.

Nam beachd fhèin, cha bu chòir gum bi e ro dhoirbh aonta a ruighinn air sin.

Fada nas cudromaiche, ge-tà, tha a' cheist, air neo na ceistean.

Dàrna ceist

Thuirt Mgr Moore an-dè nach bu chòir ach aon cheist a bhith ann - a bheil Albannaich ag iarraidh neo-eisimileachd, tha no chan eil.

Tha Ailig Salmond air a ràdh gu bheil e deònach ceist eile a chur air a' phàipear-bhòtaidh, air tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

'S e beachd Riaghaltas Bhreatainn gum bi e nas coltaiche gum buannaich taobh an Aonaidh ma tha dìreach aon cheist ann.

Ach smaoinich air seo.

Dè thachras mas urrainn do Mhgr Salmond cantainn gun robh esan deònach dàrna ceist a chur air a' phàipear-bhòtaidh ach cha robh Mgr Camshron deònach sin a cheadachadh?

An uair sin, nach bhòtadh cuid dhe na daoine leis a b' fheàrr tuilleadh chumhachdan airson neo-eisimileachd, gu leòr dhiubh, fiù 's, airson a' chùis a dhèanamh?

Ìý

Cleas Chamshroin

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-10, 14:45

Beachdan (0)

Cha do chuir oidhirp Dhàibhidh Chamshroin smachd a ghabhail air deasbad an referendum iongnadh air an SNP an seo aig Holyrood.

Bha dùil gun robh rudeigin mar seo air fàire.

Agus an-diugh, ciad là na pàrlamaid as dèidh saor-làithean na Nollaige, tha iad a' creidsinn gur e deagh naidheachd a tha ann dhaibh.

Shìos an rathad aig Westminster, bheir Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore òraid seachad a dh'aithghearr, a mhìnicheas na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dol a dhèanamh ann an oidhirp gus a cumail mar sin - aonaichte.

Chan eil dùil gum feuch iad ri ceann-là a chur air a' bhòt - dh'fhalbh sin tron oidhche a-raoir, a' toirt cothrom air ais do dh'Ailig Salmond grèim fhaighinn air an stiùir.

Ach tha iad airson 's nach tèid ach aon cheist a churÌýair muinntir na h-Alba nuair a thig i.

Cumhachd

Thuirt Mgr Camshron an-dè gun robh soilleireachd a dhìth, an dà chuid air a' chlàr-ama, agus air an t-suideachadh laghail.

Fo Achd na h-Alba (2008), tha smachd air a' bhun-reachd glèidhte aig Westminster.

Mar sin, tha Mgr Camshron airson a' chumachd laghail a thoirt do Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail fhad 's a ghabhas iad ri aon cheistÌýagus, 's dòcha, rudan eile - thig am fiosrachadh as mionaidiche nuair a chluinneas sinn bho Mhìcheal Moore.

Tha an SNP, ge-tà, a' dol as àidhcheadh gu bheil a leithid de chumachd a dhìth orra.

'S e am plana aca gur e Westminster a dhèanadh Alba neo-eisimileach, as dèidh dhaibh taic fhaighinn air a shon anns an referendum.

Ach nas motha na sin, tha iad a' tomhas gum bi Albannaich nas deònaiche taic a chur rithe mas coltach gu bheil Dàibhidh Camshron a' dol an sàs ann an gnothaichean Albannach.

Tuairmse

Tha fios aig Mgr Camshron gu faodadh an cleas as ùire seo a bhith cunnartach.

Ach is coltach gur e an tuairmse aige gum b'fheudar rudeigin a dhèanamh airson làmh an uachdair fhaighinn bhon SNP.

As bith dè their iad gu poblach, 's ann air sin a tha an dà thaobh ag amas.

As dèidh na h-òraid aig Westminster bho Mhìcheal Moore, cluinnidh sin bho Chaibineat na h-Alba a tha a' coinneachadh an-diugh.

An uair sin bidh fios nas soilleire againn air air ath cheum.

Tuilleadh air fàire.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.