Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ed an Aonaidh

Niall O’Gallagher | 2012-01-30, 14:02

Tha fios aig Ed Miliband gu bheil a bheatha phoileataigeach fhèin gu mòr an crochadh air na thachras ann an Alba.

Ma bhòtas i airson neo-eisimeileachd, bidh e fada nas duilghe dha grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do dh'Àireamh a Deich.

Mar sin, thàinig Mgr Miliband gu Glaschu an-diugh leis an argamaid aige fhèin na h-aghaidh.

An t-seachdain a chaidh, chaidh am prìomh mhinistear gu Lunainn gus cantainn gun toireadh neo-eisimeileachd cothrom do dh'Alba a bhith na "lochran" de pholasaidhean adhartach a b' urrainn do Shasainn leantainn.

Thuirt Ceannard nan Làbarach gur ann a bhiodh e na chnap-starra.

Na bheachdsan, bhiodh e na b' fhasa Alba nas cothromaiche a chruthachadh mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte.

Sgaradh

Mar eisimpleir, thog Mgr Miliband air bancaireachd.

Cha gabhadh, thuirt e, riaghailtean ùra airson nam bancaichean a chruthachadh airson Alba air neo airson Shasainn a-mhàin - cha dèanadh iad ach gluasad don àite leis na riaghailtean as laige.

Ach, nan dèanadh neo-eisimeileachd cron air an Rìoghachd Aonaichte gu lèir, dè mu dheidhinn tuilleadh chumhachdan ionmhais do dh'Alba?

Dh'fhaighnich mi dha an robh e ag aontachadh leis a' phrìomhaire nach b' urrainn do dh'Alba tuilleadh chumhachdan fhaighinn agus fuireach taobh a-staigh an Aonaidh.

Cha do dh'aontaich - ach thuirt e gu feum sgaradh a chumail eadar tuilleadh fèin-riaghlaidh agus neo-eisimeileachd.

Tha aig na Làbaraich ri sealtainn fhathast ciamar a ghabhas sin a dhèanamh gun dàrna ceist a bhith air pàipear-bhòtaidh an referendum.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.