Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-05

Bho bhàrdachd gu rosg

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-05-26, 11:24

Beachdan (1)

B' e Mario Cuomo, riaghladair New York bho 1983 gu 1994, a thuirt gum bi luchd-poileataigs ag iomairt ann am bàrdachd, ach a' riaghladh ann an rosg.

An-diugh, chaidh iarraidh air a' phrìomh mhinistear gluasad bho bhàrdachd na h-iomairt gu rosg na pàrlamaid ùir.

Thàinig Ailig Salmond gu Holyrood an-diugh gus lèirsinn an riaghaltais fhoillseachadh airson na bliadhnaichean a tha romhainn.

Cha d' fhuair sinn clàr reachdais an-diugh - bidh againn ri feitheamh gu ruige an fhoghair airson sin.

An àite sin, dh'fheuch Mgr Salmond ri feallsanachd an riaghaltais ùir a dhleabhachadh, gus na h-amasan a bhios gan stiùireadh a chur fa chomhair na pàrlamaid.

Dh'fheuch e cuideachd ris an deasbad air neo-eisimileachd a chur taobh a-staigh na feallsanachd sin.

Slighe eile

A-rèir Mhgr Salmond, cha robh neo-eisimileachd na h-amas air a son fhèin, ach na h-inneil airson coimhearsnachd na b' fheàrr a chruthachadh.

An àite na coimhearsnachd mòire aig Dàibhidh Camshron, bhruidhinn Ailig Salmond mu dheidhinn coimhearsnachd cothromaiche, le cùmhnant sòisealta ùr eadar muinntir na h-Alba agus an fheadhainn a bha gan riaghladh.

Dh'fheuch e ri slighe eile a dhealbhachadh, slighe Albannach a bha eadar-dhealaichte bhon tè a bha a' cho-bhanntachd a leantainn mu dheas.

Fon chùmhnant sin eadar pobal agus pàrlamaid, dheidheadh taic a chur ri daoine tro sheirbhisean - leithid foghlaim agus ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð - a bhiodh saor an asgaidh don a h-uile duine.

Gus pàigheadh airson sin, dheidheadh reòthadh a chur air tuarasdail na roinne poblaiche, agus sàbhalaidhean a bharrachd a lorg gach bliadhna.

An uair sin, bha Mgr Salmond an dòchas, nach deidheadh daoine a chur far an dreuchdan an aghaidh an toil fhèin.

Gearradh

'S i a' cheist am bi sin gu leòr airson na seirbhisean seo a mhaoineachadh gun toirt air daoine pàigheadh air an son.

Thuirt ceannard nan Làbarach, Iain Gray, gun robh reòthadh thuarasdal na ghearradh as dèidh na h-atmhorachd agus nach b' urrainn do luchd-obrach na roinne poblaiche an t-uallach sin uile a ghiùlan leotha fhèin.

Anns an fhreagairt aicese, chuir ceannard nan Tòraidhean Annabel Goldie, an t-uallach air an roinn phrìbhitiche gus cosnaidhean ùra a chruthachadh agus eaconomaidh na h-Alba a chur am feabhas.

Ach tha na dùbhlanaich uile teagmach gum bi gu leòr anns an sporan nuair a bhuaileas na gearraidhean do bhuidseat na h-Alba oirrn.

'S e freagairt Ailig Salmond gu bheil cumhachdan iomhais ùra a dhìth gus a' bheàrn seo a lìonadh.

Ged a bu choltach a-raoir gun cuireadh Vince Cable taic ri barrachd chumhachdan, tha an còrr dhen riaghaltas aig Westminster a' coimhead fada nas teagmaiche.

Referendum

Air neo-eisimileachd fhèin, dh'iarr Iain Gray agus Annabel Goldie air Mgr Salmond barrachd innse dhuinn mun referendum.

Cùine a bhitheas e? Cia mheud ceist? Dè bhios annta?

Tha Mgr Salmond air a ràdh mar-thà gun tèid an referendum a chumail anns an dàrna phàirt dhen phàrlamaid seo as dèidh don riaghaltas cothrom fhaighinn Bile na h-Alba a neartachadh.

Dh'fhaodadh sin fàgail sin gun deidheadh ceist (no ceistean) a chur air muinntir na h-Alba ann an 2014 no 2015.

Anns an eadar-ama, tha aig an SNP ri sealltainn gur urrainn dhaibh riaghladh leis na cumhachdan a tha aca agus a' mhòrchuid a thugadh dhaibh aig an taghadh.

Is fheàrr leam fhìn bàrdachd na rosg - ach uaireanan, 's e an rosg an rud as duilghe.

An deasbad a' gluasad

Uaireanan, bidh cuid a' gearan mu inbhne nan òraidean an seo aig Holyrood.

Chan eil iad a' gearan an-diugh, air an là nuair a chaidh Ailig Salmond ainmeachadh mar roghainn na Pàrlamaid Albannaich airson prìomh mhinisteir.

As dèidh na bhòt, anns am b' e ceannard an SNP an aon tagraiche, ghabh Iain Gray an òraid a b' fheàrr a chuala mi bhuaithe a-riamh.

Chuir e meal-an-naidheachd air Mgr Salmond, agus thuirt e gun robh dleastanas air gach ball - an dà chuid dùbhlanaich agus buill an SNP - sgrùdadh ceart a dhèanamh air an riaghaltas mhòrchuid ùr.

Bha Annabel Goldie na bu sgeagaiche agus i a' toirt rabhadh don phrìomh mhinistear nach biodh cothrom aige leisgeul a thoirt seachad nam fàiligeadh air gealltanasan a choilionadh - faclan airson là eile 's dòcha.

Chuala an seòmar cuideachd bho cheannard ùr nan Lib Deamaich, Willie Rennie, an uaineach Pàdraig Harvie agus seann nàmhaid Mhgr Salmond, Margo NicDhòmhnaill.

Susbaint

An uair sin don phrìomh mhinistear fhèin.

Uaireanan, tha òraidean brèagha ach gun shusbaint, sgeadachadh gun bhrìgh no buaidh air an deasbad nàiseanta.

'S e òraid eadar-dhealaichte a bha seo.

Bha criomagan de bhàrdachd innte, agus Ailig Salmond a' comharrachadh ath-thaghaidh mar phrìomh mhinistear.

Ach cha robh e airson an cothrom seo a chall gus an deasbad air cumhachdan na pàrlamaid a thoirt air adhart.

Bha fios aige nach b' a-mhàin an fheadhainn a bha an làthair a bha ag èisteachd.

Liosta

Mhol e mar a chaidh Urdu, Eadailtis agus Arabais a chluinntinn anns an t-seòmar a bharrachd air Gàidhlig, Beurla agus Albais an t-seachdainn a chaidh, guthan ùra agus aosta na h-Alba a' tighinn còmhla.

Air an aon dòigh, dh'fheuch e ri guthan uile na pàrlamaid a thoirt còmhla gus taic a chur ri cumhdachdan ùra.

On taghadh, tha Mgr Salmond air a bhith a' moladh gluasad air trì roinnean - a' chìs corparaid, Oighreachd a' Chrùin agus cumhachdan iasaid.

An-diugh chuir e trì rudan eile ris an liosta sin - ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô-bhathair, craoladh agus an Roinn Eòrpa.

A-rithist, tha Mgr Salmond a-nis a' feitheamh air freagairt bho Àireamh a Deich.

Chan e guthan an luchd-poileataigs, ge-tà,Ìýach guthan an luchd-bhòtaidh a tha air crathadh a thoirt air poileataigs na h-Alba - feumaidh gach taobh sealltainn gu bheil iad ag èisteachd.

Ceannard na buidhne bige

Tha fios againn a-nis cò thogas na ceistean do na Lib Deamaich gach diardaoin anns a' Phàrlamaid Albannaich.

'S e Willie Rennie, ball ùr Mheadhan Alba agus Fìobha, a thèid fhoillseachadh mar cheannard Albannach a' phàrtaidh an-diugh fhathast.

Chan eil fios againn, ge-tà, cia mheud ceist a gheibh e, no cho tric 's a gheibh e cothrom ceistean a chur.

As dèidh mar a rinneadh sgrios orra aig an taghadh, chan eil ach còignear aig na Lib Deamaich anns an t-seòmar.

(Tha na h-oifisean aca air an dàrna ùrlar de thogalach nam ball, còmhla rin càirdean Tòraidheach a rinn cùisean cho doirbh dhaibh - chì sinn cho càirdeil agus a bhios cùisean eatorra.)

'S e a' cheist a tha aig Mgr Rennie ri freagairt an-diugh, dè an diofar a nì buidheann cho beag an aghaidh mòrchuid iomlan an SNP?

Cumhachd ga dèanamh follaiseach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-11, 15:20

Beachdan (1)

Tha oifigear riaghaltaidh ùr aig a' Phàrlamaid Albannaich.

'S i an nàiseantach Tricia Marwick, a' chiad bhoireannach a tha air an dreuchd seo fhaighinn.

Rinn i a' chùis air tè eile bhon SNP, Christine Ghreumach, agus air an Làbarach Hugh Henry.

Bhon seo a-mach, cuiridh i am pàrtaidh aice don dàrna taobh agus an dleastanas oirre airson a' phàrlamaid a stiùireadh agus còirichean na pàrlamaid a riochdachadh.

Ach tha feadhainn an seo draghail gu bheil an SNP - aig a bheil mòrchuid iomlan anns a' phàrlamaid a-nis - air tè dhe na buill aca fhèin a chur anns an dreuchd seo.

Agus tha cuid a' faighneachd dè tha seo a' ciallachadh airson nan còig bliadhnaichean a tha romhainn.

Annasach

Tha dreuchd an oifigeir riaghalaidh air gluasad bho phàrtaidh gu pàrtaidh o chaidh pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh ann an 1999.

Anns a' chiad sheisean bha an Lib Deamach, Dàibhidh Steel, anns a' chathair. Chaidh a leantainn le Seòras Reid bhon SNP agus Ailig Fearghasdan bho na Tòraidhean.

Mar sin dheth, bhiodh dùil an-diugh gur e Làbarach a gheibheadh an dreuchd an turas-sa.

Gu h-annasach, chuir an dà chuid Iain Gray agus Annabel Goldie an taic ri ainmeachadh Mhgr Henry.

Thuirt Ailig Salmond nach deigheadh e an sàs anns a' bhòt. Ach bha buill-pàrlamaid Albannach an SNP draghail gun canadh oifigear riaghalaidh an aonaidh nach robh bile gus referendum a chumail taobh a-staigh cumhachdan na pàrlamaid.

Dhearbh bhòt an là an-diugh dìreach cho cumhachdail agus a tha na 69 buill nàiseantach sin anns a' phàrlamaid ùir.

Dùbhlanaich gun stiùir

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-10, 12:36

Beachdan (0)

Sin e - tha ceannardan nam prìomh phàrtaidhean uile a' fàgail.

B' e ceannard nan Làbarach, Iain Gray, a' chiad dhuine a thuirt gum fàgadh e dihaoine, mus deach a leantainn le Tavish Scott disathairne.

('S dòcha gun can cuid nach e prìomh phàrtaidh a tha anns na Lib Deamaich idir a-nis agus dìreach còignear aca anns a' phàrlamaid ùir ach 's e ceist eile a tha sin.)

A-raoir, dhearbh Annabel Goldie gum biodh ise a' fàgail cuideachd.

Coltach ri Mgr Gray, tha ceannard nan Tòraidhean a' fuireach gu ruige an fhoghair.

A-nis, tha an trì pàrtaidh sin uile a' sireadh ceannard ùr.

Measail

Nuair a chuala mi, dìreach ro Aithris an Fheasgair an-dè, chuir e iongnadh orm.

Cha deach cùisean cho dona do na Tòraidhean aig an taghadh diardaoin an taca ris na Làbaraich agus na Lib Deamaich, agus chaidh Annabel Goldie fhèin a mholadh airson na h-iomairt aca.

Tha daoine taobh a-staigh agus taobh a' phàrtaidh aice measail air Annabel Goldie agus chòrd na chuir i ri ceistean a' phrìomh mhinisteir ri tòrr.

(Chaidh a moladh le Ailig Salmond fhèin an-dè, agus e ag ràdh gum biodh na Tòraidhean air dèanamh na bu mhiosa aig an taghadh mura robh Annabel aig an stiùir.)

Ach b' e seo an toradh bu mhiosa aig na Tòraidhean a-riamh a-rèir roinn na bhòt, agus chaill iad 5 seat an taca ri 2007 a-rèir nan crìochan ùra.

'S e Murchadh Friseal - leas-cheannard na buidhne - an duine as coltaiche dol na h-àite. Ach an dèan ceannard ùr nas fheàrr?

Bho sgeul gu sgeul eile

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-09, 10:19

Beachdan (0)

Abair sgeulachd.

Tha an SNP air ais, an turas-sa le mòrchuid agus iad air 69 buill fhaighinn aig an taghadh diardaoin.

Nuair a bhòtas buill na pàrlamaid ùir airson prìomh mhinisteir, cha bhi ach aon tagraiche - Ailig Salmond.

Tha Tavish Scott air fhàgail mar-thà agus fàgaidh Iain Gray as t-foghair as dèidh oidhche uabhasach do na Làbaraich agus fiù 's nas miosa do na Lib Deamaich.

Cha deach cùisean cho dona do Annabel Goldie agus na Tòraidhean, ach chan fhaigh iad cothrom a-nis smachd a chumail an SNP mar a bha iad ag iarraidh.

Cha tig sgeòil mar sin gu tric.

±·Ã ³¾³ó²¹¾±»å

Ach a-nis tha sgeul eile againn.

As dèidh dha na dùbhlanaich Albannach a cheannsachadh, tha aire Mhgr Salmond a-nis air nàmhaid eile.

Bhruidhinn am prìomh mhinistear ri Mgr Camshron feasgar dihaoine gus iarraidh airsan bile na h-Alba a neartachadh.

Gu sònraichte, tha an SNP ag iarraidh cumhachdan iasaid nas tràithe na bha dùil,Ìýan t-airgead bho oighreachd a' chrùin agus smachd air a' chìs chorparaid.

Air an deireadh-sheachdain, dh'fheuch Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, agus ministear na h-oifis Albannaich, Dàibhidh Mundell ri argamaid nach b' fheudar na cumhachdan ùra seo uile a thoirt do Holyrood air sgàth na mòrchuid aig an SNP.

Tha Ailig Salmond a' feitheamh air freagairt bho Mhgr Camshron fhèin.

Referendum

Tha fios aig a' phrìomhaire gun do dh'adhbharaich toradh an taghaidh Albannaich trioblaid mhòr dha, ged a b' e oidhche mhath a bha aige anns na taghaidhean ionadail Sasanach agus an referendum air AV.

'S e tomhas doirbh a tha a dhìth air, eadar a bhith a' dìon an aonaidh agus a' freagairt do bhòt muinntir na h-Alba.

Chan eil Mgr Camshron airson àite fhaighinn ann an eachdraidh mar phrìomhaire mu dheireadh na Rìoghachd Aonaichte.

Mar sin dheth, feuchaidh e ri sealtainn gu bheil e deònach èisteachd ri muinntir na h-Alba agus gur urrainn dhaibh na tha iad ag iarraidh fhaighinn taobh a-staigh an aonaidh.

Ach tha fios aige cuideachd gun tèid a' cheist a chur ri muinntir na h-Alba ann an referendum ro dheireadh na pàrlamaid seo, agus e ag ràdh nach feuch e ri stad a chur air.

Tha iomairt an taghaidh seachad - tha iomairt an referendum air tòiseachadh mar-thà.

An aghaidh a' phlana

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-06, 19:19

Beachdan (0)

Cha bu chòir dha seo tachairt.

Nuair a chaidh siostam bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba a dhealbhachadh b' e an t-amas nach gabhadh mòrchuid iomlan fhaighinn le pàrtaidh sam bith na aonar.

Mar sin, cha bhiodh cothrom aig an SNP referendum a thoirt tron phàrlamaid agus bhiodh an t-aonadh sàbhailte.

Ach cha deach cùisean a-rèir a' phlana.

Chaidh cho math don SNP a-raoir gun d' fhuair iad barrachd na bha a dhìth orra airson morchuid iomlan a' fàgail nach gabh bhòt air an aonadh a-nis a sheachnadh.

'S e là eachdraidheil a tha seo  - agus tha tuilleadh air fàire.

Crith-thalmhainn

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-06, 7:20

Beachdan (0)

Cha robh dùil agam ri seo - ach, cha robh aig duine.

Dh'innis na cunntasan-bheachd dhuinn gun robh an SNP air thoiseach.

Ach cha b' urrainn dhaibh a' chrith-thalmhainn a tha seo ro-innse.

Tha e soilleir a-nis gur iad an SNP a tha air an taghadh seo a bhuannachadh.

Agus, tha e soilleir gur e oidhche uabhasach a bha seo do na Lib Deamaich agus fiù 's nas miosa 's dòcha do na Làbaraich.

Tha an taghadh seo air crathadh a thoirt air mapa poileataigeach na h-Alba a tha a-nis a' coimhead gu tur eadar-dhealaichte.

Anasach

Nuair a bhuannaich an SNP ann an 2007 shaoil cuid gur e rud anasach a bha ann nach tachradh a-rithist, agus gun tilleadh Alba do na Làbaraich aig a' chiad chothrom.

Tha e follaiseach a-nis gun robh sin ceàrr.

A-nis, tha buill nàiseantach air feadh Ghlaschu - ann an Shettleston, Anniesland, Cathcart.

Chum Iain Gray grèim air Lodainn an Ear - dìreach - ach chan eil teagamh agam gu feum e falbh.

Tha cùisean a' coimhead uabhasach do Thavish Scott cuideachd. Feumaidh sinn feitheamh airson deilbh soilleir dhe stait na Tòraidhean - agus na h-Uainich.

Tuilleadh tron là.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.