Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cumhachd ga dèanamh follaiseach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-05-11, 15:20

Tha oifigear riaghaltaidh ùr aig a' Phàrlamaid Albannaich.

'S i an nàiseantach Tricia Marwick, a' chiad bhoireannach a tha air an dreuchd seo fhaighinn.

Rinn i a' chùis air tè eile bhon SNP, Christine Ghreumach, agus air an Làbarach Hugh Henry.

Bhon seo a-mach, cuiridh i am pàrtaidh aice don dàrna taobh agus an dleastanas oirre airson a' phàrlamaid a stiùireadh agus còirichean na pàrlamaid a riochdachadh.

Ach tha feadhainn an seo draghail gu bheil an SNP - aig a bheil mòrchuid iomlan anns a' phàrlamaid a-nis - air tè dhe na buill aca fhèin a chur anns an dreuchd seo.

Agus tha cuid a' faighneachd dè tha seo a' ciallachadh airson nan còig bliadhnaichean a tha romhainn.

Annasach

Tha dreuchd an oifigeir riaghalaidh air gluasad bho phàrtaidh gu pàrtaidh o chaidh pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh ann an 1999.

Anns a' chiad sheisean bha an Lib Deamach, Dàibhidh Steel, anns a' chathair. Chaidh a leantainn le Seòras Reid bhon SNP agus Ailig Fearghasdan bho na Tòraidhean.

Mar sin dheth, bhiodh dùil an-diugh gur e Làbarach a gheibheadh an dreuchd an turas-sa.

Gu h-annasach, chuir an dà chuid Iain Gray agus Annabel Goldie an taic ri ainmeachadh Mhgr Henry.

Thuirt Ailig Salmond nach deigheadh e an sàs anns a' bhòt. Ach bha buill-pàrlamaid Albannach an SNP draghail gun canadh oifigear riaghalaidh an aonaidh nach robh bile gus referendum a chumail taobh a-staigh cumhachdan na pàrlamaid.

Dhearbh bhòt an là an-diugh dìreach cho cumhachdail agus a tha na 69 buill nàiseantach sin anns a' phàrlamaid ùir.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 15:55 Air 2011-05-16, Sgrìobh Mac A' Ghobhainn:

    Mar a tha thu ag radh, tha e a’ sealltainn dhuinn an cumhachd a th'aig na Nàiseantaich anns a' Phàrlamaid, cumhachd a dh'fhàsas buileach follaiseach nuair a bhitheas na comataidhean a' dol air ais chun obair àbhaisteach aca. Chan eil sin ri radh nach bu chòir dhaibh a bhith air an cumhachd sin a chleachdadh airson an oifigear riaghaltaidh a thaghadh – ‘s iad am pàrtaidh ‘s motha, agus tha an cothrom agus an adhbhar aca sin a dheanamh fo riaghailtean na pàrlamaid.

    Ach 's e an cunnart - do na nàiseantaich agus do na pàrtaidhean eile - gum faic iad an t-suidheachadh a thaobh na h-àireamhan mar leisgeul airson leigeil dhan SNP rud sam bith a thogras iad a dheanamh, gun cuideachadh no sgrudadh ceart bho na partaidhean eile. Ged a bhitheadh e taitneach gu poilitigeach dhaibh uile, cha deanadh e càil a dh’fheum dhuinn anns an àm ri teachd, agus dh’fhàsadh cùisean ro choltach ri mar a bha e fo stiùireadh na Lib Deamaich agus na Làbaraich o chionn bhliadhnachan.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.