Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Diluain, agus fhathast gun riaghaltas ùr

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-10, 13:18

Ceithir là on taghadh, tha sinn fhathast gun riaghaltas ùr.

Tha Gòrdon Brown fhathast aig Àireamh a Deich, a' feitheamh airson toradh nan còmharraidhean eadar na Tòraidhean agus Lib Deamaich.

Mar a gheall e ron taghadh, thug Nick Clegg a' chiad chothrom do Dhàibhidh Camshron riaghaltas a chruthachadh, leis gum b' esan an duine leis an àireamh a bu mhotha de bhòtaichean agus seataichean.

Mar a thachair ann an 1974, tha an dà phàrtaidh air a bhith glacte ann an còmhraidhean a' feuchainn ri aonta a ruighinn.

An uair sin, dh'fhailig orra sin a dhèanamh air sgàth sgaradh bheachdan air an t-siostam bhòtaidh.

Is coltach gur i sin an trioblaid as motha an turas seo cuideachd.

Siostam bhòtaidh

Tha atharrachadh don t-siostam bhòtaidh air leth cudromach do na Lib Deamaich. Aig an taghadh seo, fhuair am pàrtaidh 23% de na bhòtaichean ach dìreach 9% de na seataichean.

Am beachd tòrr dhaoine anns a' phàrtaidh cha bu chòir dhaibh taic a thoirt do phàrtaidh sam bith as aonais gealltanais air atharrachadh don t-siostam bhòtaidh.

Ach, tha na Tòraidhean gu tur na aghaidh - 's e an dragh a tha orra nach b' urrainn dhaibh riaghaladh nan aonar tuilleadh nan robh siostam PR againn airson thaghaidhean do Thaigh nan Cumantan.

As dèidh chòmharraidhean a bharrachd anns a' mhadainn, coinnichidh Mgr Camshron ris a' chaibineat dhùbhlain feasgar, agus bruidhnidh Mgr Clegg ri buill-pàrlamaid a' phàrtaidh aigesan.

Fiù 's nan deidheadh aca air aonta a ruighinn eatorra fhèin, bu dhuilich dhaibh na pàrtaidhean aca a thoirt leotha.

Agus, as dèidh briseadh dùil don dithis aca diardaoin, tha iad nas laige na bha iad roimhe.

²Ñò°ù-³¦³ó³Ü¾±»å

Anns an eadar-ama, tha Gòrdon Brown a' feitheamh gus am faic e dè thacras.

Thuirt Mgr Brown gum biodh e deònach referendum air PR a thoirt do na Lib Deamaich nan deidheadh iad còmhla ris na Làbaraich.

Tha co-dhiù dà thrioblaid ann an ge-tà - an toiseach cha bhiodh mòr-chuid aca, agus bhiodh taic a dhìth orra, can, bhon SNP, a tha air a ràdh gum biodh iad deònach sin a dhèanamh.

Agus, tha cuid a-measg nan Lib Deamach den bheachd nach b' urrainn dhaibh taic a thoirt do Ghòrdon Brown mar phrìomhaire - tha an uallach a' fàs air Mgr Brown cantainn gum biodh e deònach a dhreuchd a leigeal seachad.

Air an là seo ann an 1940, chaidh Winston Churchill na phrìomhaire ann an riaghaltas co-bhanntachd.

'S dòcha gun tachair sin a-rithist ro dheireadh na h-oidhche a-nochd.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.