Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Sgìrean targaid: Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach & Srath Spè

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-28, 18:15

Ghabh na Lib Deamaich an sgìre ùr de dh'Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè ann an 2005.

B' e Danny Alexander ball na sgìre anns a' phàrlamaid mu dheireadh - fear a tha glè chudromach do dh'iomairt a' phàrtaidh aig ìre nàiseanta.

'S e Mgr Alexander a tha os cionn sgiopa ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg.

As dèidh a' bhuaidh a thug a' chiad dheasbad air na cùnntasan-bheachd, is cinnteach gu bheil Mgr Alexander air a bhith air leth trang.

Thuigeadh sibh, 's dòcha, nan robh aire Mhgr Alexander air cùisean taobh a-muigh na sgìre aige fhèin.

Ach, 's coltach gur ann air gearraidhean do sheirbhisean ionadail a tha aire a' mhòr-shluaigh.

Gearraidhean

Tha tagraiche an SNP, Iain Finnie, air na Lib Deamaich a chàineadh, ag ràdh gu bheil iad airson gearraidhean cruaidhe a thoirt do seirbhisean air Ghàidhealtachd.

'S iad na Lib Deamaich agus na Làbaraich a tha a' ruith Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha dragh air daoine anns an sgìre gun tèid goireasan leithid ionadan comhairsneachd agus sgoiltean a dhùnadh ri linn gearraidhean a thig as dèidh an taghaidh.

Ach, coltach ris an deasbad nàiseanta, chan i a' cheist am bi gearraidhean ann, ach càite, cùine agus dè cho domhainn 's a bhios iad.

Bhruidhinn mi ri tagraiche nan Làbarach, Mike Robb, taobh a-muigh ionad coimhearnachd ann an Inbhir Nis fhèin.

Thuirt Mgr Robb gun dìonadh esan na seirbhisean as bunaitiche bho ghearraidhean nam pàrtaidhean eile.

In-imreachd

Tha na Lib Deamaich fo uallach an seo cuideachd as dèidh mar a rinn Nick Clegg iomradh air Inbhir Nis ann an agallamh leis a' BhBC.

Dh'innis Mgr Clegg do Jeremy Paxman gur e Inbhir Nis fear dhe na h-àiteachan far an robh barrachd in-imreach a dhìth.

Tha tagraiche nan Tòraidhean anns an sgìre, Jim Ferguson, feargach mu dheidhinn seo.

Dh'iarr esan air daoine a tha mì-thoilichte mu na thuirt Mgr Clegg taic a thoirt dhàsan aig an taghadh seo.

Aig ìre nàiseanta, tha na Lib Deamaich air a bhith a' dèanamh nas fheàrr anns na cùnntasan-bheachd na rinn iad a-riamh.

'S e buille mhòr a bhiodh ann don phàrtaidh nan cailleadh iad an seat seo, tha aig cridhe iomairt nan Lib Deamach, mar a tha e aig cridhe Gàidhealtachd na h-Alba.

Bidh aithris shònraichte à Inbhir Nis air An Là, air Â鶹ԼÅÄ Alba a-nochd aig 8f.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 20:15 Air 2010-05-05, Sgrìobh Airson ainmean Gaidhealach:

    'S fhearr leam O Gallchoir na O' Gallagher.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.