Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2009-12

Connspaid nam blogaichean

'S urrainn do bhlogaichean connspaid adhbharachadh.

Dha-rìribh, 's e sin fear de na h-amasan a tha aca - beachdan a thogail agus deasbad a bhrosnachadh.

Ach feumaidh tu a bhith faiceallach ma sgrìobhas tu blog agus tu ag obair do bhall-pàrlamaid na h-Alba.

Nas fhaiceallaiche a-rithist ma dh'obraicheas tu do mhinistear Riaghaltas na h-Alba.

Aig Àm nan Ceist an-diugh, thog Iain Gray cùis Mhark MhicLachlainn, a b' àbhaist a bhith obair do Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal.

Bha aige ri falbh as dèidh mar a nochd gun robh e na ùghdar bloig a thug slaic - gun ainm - air ball-pàrlamaid na h-Alba agus eile.

Amharasach

Aig an àm, thuirt Mìcheal Ruiseal nach robh fios aige mu na bha a' tachairt agus gun do ghabh e ri tairgse bho Mhgr MacLachlainn a dhreuchd fhàgail.

Ach an-diugh, chaidh aithris gun tuirt Mgr MacLachlainn gun robh fios aig Mgr Ruiseal mu na bha e a' sgrìobhadh.

Gu prìbhiteach, tha na Làbaraich amharasach gum bi an SNP a' cleachdadh nam blogaichean seo airson teachdaireachdan poileataigeach a sgaoileadh.

Dh'iarr Iain Gray air a' Phrìomh Mhinistear toirt air Mgr Ruiseal tighinn don t-seòmar gus mìneachadh dè dìreach am fiosrachadh a bha aige mu bhlog Mhgr MhicLachlainn.

Ach thuirt Ailig Salmond gun robh e riaraichte leis na thuirt Mgr Ruiseal air a' chùis mar-thà.

Na bheachd, bu chòir do Mhgr Gray a shùil a thoirt air cùisean eile.

Cuspairean eile

Carson, dh'fhaighnich Mgr Salmond, nach do chleachd Mgr Gray an cothrom aige ceistean a thogail mu chuspairean eile?

Dè mu dheidhinn tuiteam Ghlobespan, figearan ùra mu chion-chosnaidhean, Copenhagan agus blàthachadh na cruinne?

'S iad na cuspairean a bu chòir do cheannard nan dùbhlanach togail aig Àm nan Ceist, a-rèir a' Phrìomh Mhinisteir.

'S ann gu math follaiseach a tha e gun bheil faireachdainn làidir air na beingean làbarach mu na h-ionnsaighean pearsanta a tha a' tighinn bho na blogaichean seo.

Agus chàin Ailig Salmond blogaichean den t-seòrsa gu làidir, ge b' e dè an taobh às an thàinig iad.

Ach nach e beachd a' mhòr-shluaigh mar-thà gum bi luchd-poileataigs a' toirt slaic air a chèile?

Am bi iad deònach èisteachd ri Iain Gray is e ag ràdh gu bheil na nàisteantaich nas miosa na duine sam bith eile?

Fàgaibh ur beachdan fhèin aig bonn na duilleige.

Fliopadh nam Ban?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-15, 14:38

Beachdan (0)

Bho seo a-mach cha bhi e ceadaichte do buill na pàrlamaid Albannaich buill an teaghlaich fhèin fhastadh agus taic fhaighinn bhon spòran phoblach air a shon.

Tha aig an fheadhainn a tha air am fastadh mar-thà gu ruige 2015 airson cosnaidhean eile a lorg.

Cha bhi e ceadaichte, mar eisimpleir, do bhall a bhean a fhastadh airson obair chlèireach a dhèanamh dha.

B' urrainn dha, ge-tà, bean buill eile a fhastadh airson an obair sin a dhèanamh.

Am faca sibh am prògram telebhisean Wife Swap a-riamh?

Ceist eile - as dèidh na connspaid mu dharna dachaighean aig Westminster, a bidh aig buill ri bean a chlàradh mar am prìomh bhean agus te eile mar an darna bhean?

Agus dè thacradh nan robh ball ri fliopadh nam ban aige?

Siostam nan cosgaisean

Co-dhiù - an-diugh tha Sir Niall Mac an Tòisich air aig Holyrood.

Aig coinneamh naidheachd sa phàrlamaid thuirt Sir Niall nach robh fianais gun robh buill air brath a ghabhail air an t-siostam.

Ach, thuirt e, bha gnìomhan ùra a dhith airson misneachd a' mhòr-shluaigh a thogail.

A' bharrachd air a' mholadh air fastadh bhall teaghlaich, mhol Sir Niall gnìomh gus stad a chur air buill ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a sheachnadh tro atharrachadh clàradh nan dachaighean aca.

Fon phlana, bhiodh aig buill ri pàipear a chomharrachadh a' gealltainn gun cumadh iad taobh a-staigh nan riaghailtean.

Agus mhol e gnìomh gus airgead fhaighinn air ais bho bhuill a bha air na riaghailtean sin a bhriseadh.

Dh'fhaodadh sibh faighneachd carson a tha gealltanas a dhith mas e riaghailtean a tha annta - nach eil e follaiseach gu feum buill na riaghailtean leantainn?

Gluasad air adhart

Tha an t-Oifigear Riaghalaidh air fàilte a chur air an aithisg agus thèid na molaidhean don phàrlamaid anns a' bhliadhna ùir.

Bidh aig buill ri bhòtadh air cuid dhiubh mus tig iad an gnìomh.

Cha bhi a h-uile duine toilichte leis a' chasg air fastadh bhall teaghlaich.

Ach bu chalma am ball a bhòtadh na aghaidh as dèidh na feirge mu chosgaisean am bliadhna.

Tha an fhearg sin air buaidh a thoirt air Holyrood ged a thuirt Sir Niall Mac an Tòisich fhèin nach robh an siostam Albannach briste.

A-nis, tha e airson a' chaibideal seo a dhùnadh agus gluasad air adhart.

Chì sin an obraich e.

Crathadh na Croitearachd?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-10, 12:53

Beachdan (1)

Aig a' cheann thall tha Riaghaltas na h-Alba air Bile Ath-leasachadh na Croitearachd fhoillseachadh.

'S urrainn do fheadhainn aig a bheil ùidh anns a' chuspair .

Tha an deasbad air a' bhile seo air a bhith a' ruith fad greis mar-thà.

Tha croitearan, buill-pàrlamaid agus daoine anns na coimhearsnachdan air beachdan làidir a thogail mu dheidhinn a' bhile - cuid dhiubh air Radio nan Gàidheal agus Â鶹ԼÅÄ Alba.

Gabhaidh am blog seo na beachdan sin cuideachd.

Thèid am bile a-nis tro phroiseas sgrùdaidh na Pàrlamaid agus an riaghaltas airson fhaighinn troimhpe anns a' bhliadhna ùir.

Molaidhean a' bhile

Bha Ministear na h-àrainneachd, Roseanna Choineagan, aig croit ann an sìorrachd Inbhir Nis  anns a' mhadainn gus molaidhean a' bhile a mhìneachadh. 

Aig cridhe a' bhile tha gnìomhan gus dèiligeadh ri daoine nach eil a' fuireach air na croitean aca air neo a bhios gan cleachdadh mar thaighean sàmhraidh.

Ach chaidh cuid de na planaichean as connspaidiche a thrèigsinn às dèidh ghearrainean bho chroitearan iad fhèin.

Fon bhile thèid ainm Choimisean nan Croitearan atharrachadh gu Coimisean na Croitearachd agus thèid cuid de na buill air a' choimisean a thaghadh.

Nan deidheadh e troimhe bhiodh aig comhairlean ri cead fhaighinn bhon Choimisean mus toireadh iad cead-dealbhachaidh airson taighean a thogail air talamh croite.

Thuirt Roseanna Choineagan an-diugh gun robh croitearachd air leth cudromach do dh'Alba ach gun robh i ann an cunnart.

A bheil i ceart? Agus an dèan am bile seo na tha a dhith airson an suideachadh atharrachadh?

Geàrraidhean cruaidhe...ach chan ann fhathast

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-10, 7:38

Beachdan (0)

Dè mar a tha cùisean a' seasamh a' mhadainn às dèidh don t-seansalair ²¹²Ô-»åè?

'S e an càineadh as motha a rinn na pàrtaidhean eile air Alistair Darling gun robh e air roghainnean dhuilich a chuir dheth gu an dèidh an taghaidh coitchinne.

A-rèir an t-seansalair dùbhlain, Seòras Osborne, chan e aithisg ro bhuidseat ach aithisg ro thaghadh a thug Mgr Darling seachad.

An e iongnadh a tha seo do dhuine sam bith?

Leis an taghadh sia mìosan no nas lugha air falbh tha gach pàrtaidh a' feuchainn ri làmh an uachdar fhaighinn air an fheadhainn eile.

Ach 's i a' chasaid aig Mgr Osborne gu bheil Mgr Brown is Mgr Darling ri slaightearachd is iad a' feuchainn ri bràth a ghabhail air an luchd-bhòtaidh.

Sochairean soisealta

Thoiribh sùil, mar eisimpleir, air plana Mhgr Darling àrdachadh 1.5% do shochairean soisealta airson cloinne agus dhaoine ciorramach a thoirt air adhart bho 2011 don ath-bhliadhna.

As dèidh na h-òraid, thuirt buidheann-sgrùdaidh an Institute for Fiscal Studies, .

Am beachd Mhgr Osborne, tha riaghaltas nan Làbarach a' feuchainn ri taic a' mhòr-shluaigh a cheannach ron taghadh.

Thèid an cosgais a phàigheadh as a dhèidh.

A rèir Mhgr Darling fhèin, tha adhbhar làidir eaconomaigeach - seach dìreach poileataigeach - airson seo.

Sin gum biodh e cunnartach taic a thoirt air falbh bhon eaconamaidh agus piseach fhathast beag agus cugallach.

Pròiseactan poblach

'S i an dearbh argamaid a tha an SNP a' cleachdadh, ge-tà, gus slaic a thoirt air riaghaltas Westminster.

Tha an riaghaltas aig Holyrood air a bhith ag iarraidh air Roinn an Ionmhais airgead a thoirt air adhart a-rithist gus pàigheadh airson phroiseactan poblach.

Fhuair iad £347m mar seo ann an 2009-2010 agus tha iad den bheachd gur e cuideachadh mòr a bha ann gus spionnadh a thoirt do dh'eaconamaidh na h-Alba.

Bha iad ag iarraidh mun aon t-suim a-rithist, a chleachdadh iad, a-measg eile, air proiseactan taigheadais.

Chan e iongnadh a bha ann nuair a dhiult Alistair Darling sin a dhèanamh - chan e, fiù 's don SNP fhèin.

Ach nan robh Mgr Darling ri poileataigs an-dè, bha Rùnaire Albannach an Ionmhais, Iain Swinney, ris cuideachd.

A-nis, feuchaidh an SNP ri coire airson geàrraidhean do bhuidseat na h-Alba a chur air co-dhùnadh nan Làbarach gun an airgead seo a chur ann.

Geàrraidhean cruaidhe

Thuirt An Seansalair gur e an t-amas aige sàbhalaidhean a dhèanamh bho 2011 gus poilis, sgoiltean agus ospadalan a dhìon.

Ach 's ann a urra ri Holyrood a tha mar a thèid airgead a chosg air na seirbhisean seo ann an Alba.

Tro fhormula Bharnett, ma nì Riaghaltas Bhreatainn sàbhalaidhean, thig geàrraidhean do bhuidseat Riaghaltas na h-Alba.

Thèid ath-sgrùdadh làn air ionmhas na dùthcha a dhèanamh as dèidh an taghaidh coitchinne.

Agus tha dùil gun tig buidseat èiginneach bhon t-seansalair ùr.

An uair sin tha dùil ri geàrraidhean cruaidhe, ge bith cò bhuannaicheas.

Agus gluaisidh an argamaid bho cò as coireach gu dè ghabhas dèanamh mun deidhinn.

Tionndadh a' Chrìonaidh

Bha Mìcheal Ruiseal ann an Slèite an-dè gus Òraid an t-Sabhail a ghabhail.

Tha Mgr Ruiseal air gluasad gu dreuchd ùr mar Rùnaire an Fhoghlaim agus tha Fiona Hyslop air dleastanas airson na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a ghabhail os làimh.

Ach tha dùil gun cum Mgr Ruiseal sùil gheur air polasaidh na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

A-raoir chuir e fàilte air proiseact rannsachaidh ùr,Ìýair a bheil Soillse, a bheir maoineachadh do naoinear oileanach PhD obair a dhèanamh air leasachadh na cànain.

Agus dh'fhoillsich e £50,000 do MG Alba gus larach-lìn a chruathachadh do luchd-ionnsachaidh.

Ach tha an naidheachd as motha bhon riaghaltas air a' Ghàidhlig fhathast ri thighinn.

Làimhseachadh a' chrìonaidh

Bidh cuimhne aig cuid gun do thadhail an caibineat air Steòrnabhagh san lùnastal.

An uair sin thuirt Mìcheal Ruiseal agus Fiona Hyslop gun obraicheadh iad le Bòrd na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µÂ air plana raidigeach airson an àireamh luchd-labhairt na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a chur am meud.

'S e beachd Mhgr Ruiseal gun robh polasaidh na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ gu ruige seo dìreach 'a' làimhseachadh a' chrìonaidh'.

Thuirt iad gun deidheadh am plana fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna, ach tha e nas coltaiche a-nis gun tachair e tràth anns a' bhliadhna ùir.

Tha mi a' tuigsinn gu bheil an riaghaltas a' feitheamh air molaidhean bho Bhòrd na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ agus iad an dòchas gum faigh iad sin ron Nollaig.

Cumaidh am blog seo sùil air leasachadh a' phlana seo.

Ach dè bu chòir bhith ann? Fàgaibh na beachdan agaibhse an seo.

Abair baisteadh

As dèidh do Fiona Hyslop an caibineat fhàgail chleachd Iain Gray àm nan ceist airson aire a ghluasad bhuaipse gu Ailig Salmond.

Chleachd e pàipearean dìomhair a sheall gun d' fhuair an riaghaltas comhairle bhon t-seirbhis catharra ann an 2007 nach gabhadh an gealtanas aca air meud chlasaichean a cho-lionadh ro 2011.

Dà mhìos as dèidh sin, thuirt Mgr Salmond sa phàrlamaid gun ruigeadh iad an targaid de 18 airson a chiad trì bliadhna sa bhun-sgoil ron ath-thaghadh.

Thuirt Mgr Gray nach robh Mgr Salmond air an fhìrinn innse don t-seòmar air a' chùis.

A bheil sin cothromach? Bheir an t-seirbhis catharra comhairle seachad, ach 's ann an urra ri ministearan dè nì iad leis.

Thuirt Mgr Salmond gur iad na h-ùghdarasan ionadail a bu choireach airson an dàil ann a bhith lùghdachadh meud chlasaichean.

Gu h-araid, thuirt e, an fheadhainn fo bhratach nan Làbarach.

Brosnachadh

Dh'fhaighnich Annabel Goldie carson a chaidh Fiona Hylop a chur far a dreuchd mura robh càil ceàrr le polasaidh an riaghaltais air foghlam?

Thuirt Mgr Salmond a-rithist gun robh smaoineachadh ùr a dhìth air a' chuspair.

Feumaidh Rùnaire ùr an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, na comhairlean a bhrosnachadh mu luach chlasaichean nas lugha.

Bhruidhinn Tavish Scott air an aon chuspair 's e a' feuchain ri cul a' mhagaidh a dhèanamh air Mgr Salmond air sgàth mar a dh'fhàg Fiona Hyslop.

Ach bha dèogh fhreagairt aig a' Phrìomh Mhinistear - 's e sin gun do dh'fhàg 17 ministear bhon riaghaltas mu dheireadh - nam measg, Mgr Scott fhèin.

Abair baisteadh do Mhìcheal Ruiseal air a' chiad là aige na dhreuchd.

Air cùlaibh an dol-a-mach seo tha deasbad cudromach mu sgoiltean.

Cò air a tha an dleastanas air an son, agus cò leis am bu chòir an stiùireadh - riaghaltas nàisteanta, na h-ùghdarasan ionadail no sgoiltean agus pàrantan fhèin?

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse uile.

Sgaradh Chumhachdan

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-02, 13:04

Beachdan (0)

Chan ann airson a' chiad turas, tha Coinneach MacAsgail air a bhith a' trod ri luchd-lagha.

Chan eil Rùnaire a' Cheartais diùid nuair a nochdas connspaid.

¶Ù³ó'è¾±°ù¾±³¦³óÌý mun phlana aige gus Comhairle Binn nan Eucoireach a stèidheachadh.

A-nis tha eas-aonta eatorra agus Mgr MacAsgail airson an lagh a tha ag ràdh nach gabh duine fheuchainn dà thuras airson na h-aon chasaid atharrachadh.

Na bheachd, bu chòir dhan chùis a dhol air ais don chùirt ma nochdas fianais làidir - fianais DNA mar eisimpleir - nach robh ann anns a' chiad chùis lagh, no ma dh'aidicheas cuideigin gu bheil e neo i ciontach.

Thuirt e an-diugh gun robh "atharrachadh a dhìth" air an lagh agus gun robh an riaghaltas airson reachdas a thoirt air adhart "cho luath sa ghabhas".

Dh'atharraich an lagh ann an Sasainn is anns a' Chuimrigh an 2003 agus bhon uair sin thill sia cùisean don chùirt, a' fàgail gun deach triùir a dhìteadh.

Seann Chùisean

An-diugh dh'fhoillsich Coimisean Lagha na h-Alba .

Tha i ag ràdh nach bu chòir atharrachadh sam bith air an lagh buaidh a thoirt air seann chùisean.

Dh'fhàgadh sin nach gabh Aonghas Mac na Ceardaich fheuchainn as ùr airson muirt Helen Scott agus Christine Eadie a bha roimhe aig ann an 1977.

Chaidh a shaoradh ann an 2007 as dèidh mar a fhuair a' chùirt nach robh fianais gu leòr ann an airson Mac na Ceardaich a dhìteadh.

An uair sin dh'iarr Mgr MacAsgail air a' Choimisean beachdachadh air am bu chòir an lagh air 'double jeopardy' atharrachadh.

Bha teaghlaich an dithis bhoireannach dòchasach gun gabhabh Mac na Ceardaich fheuchainn a-rithist.

An-diugh thuirt iad gun robh co-dhùnadh a' Choimisein na bhriseadh dùil dhaibh.

A-rithist, tha Coinneach MacAsgail glaicte eadar beachd a' mhòr-shluaigh agus beachd nam britheamhan.

Dè ur beachd fhèin?

An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-01, 11:55

Beachdan (2)

Tha Fiona Hyslop, a bha chun an-diugh ag obair mar Rùnaire an Foghlaim, air a dreuchd fhàgail.

Na h-àite thèid Mìcheal Ruiseal, a bha roimhe na Mhinistear Cultair agus Chùisean Cèin.

Gheibh Fiona Hyslop dreuchd Mhgr Ruiseal ach gun an dleastanas a bha aige airson bun-reachd na dùthcha - gabhaidh am Prìomh Mhinistear fhèin sin os làimh.

Tha Fiona Hyslop air a' chaibineat fhàgail - a' chiad thuras a thachair seo fo riaghaltas an SNP.

Tha ceannard nan Làbarach, Iain Gray, air a bheul a chnàmh ag ràdh gum bu chòir dhi falbh.

Bha mi a' bruidhinn ri Mgr Gray air a' mhadainn agus tha e gu math riaraichte an-diugh.

Cion-earbsa

Tha e a' creidsinn gun d' rinn e a' chùis air Ailig Salmond as dèidh dha ìmpidh a chuir air mu dhreuchd Fiona Hyslop fad mhìosan fada.

Rinn e a-rithist e aig Àm nan Ceist dìreach an t-seachdainn a chaidh.

Tha Mgr Gray ag ràdh gun robh e bruidhinn ri ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, Disathairne mu bhòt cion-earbsa innte.

A-rèir coltais bha na Lib Deamaich a' dol a thoirt gluasad fa chomhair na pàrlamaid an-diugh.

Chuala an SNP mu dheidhinn na bhòt, ach tha iad a' dol as àidhcheadh gur e sin am prìomh adhbhar airson an atharrachaidh.

Tha iad ag ràdh gun robh sùil ùr a dhith air polasaidh nan sgoiltean as dèidh eas-aonta le ùghdarrasan ionadail mu mheud chlasaichean.

Ach tha e coltach gun robh Mgr Salmond den bheachd nach b' urrainn dha Fiona Hyslop a dhìon na bu mhotha.

'S e ceum suas tha seo do Mhìcheal Ruiseal as dèidh dha a chur air adhart.

Ach 's e beachd Mhgr Gray gu bheil seo a' sealltainn gu bheil fios aig Mgr Salmond nach fhaigh an SNP bile an referendum troimhe.

Anns an eadar-ama, chan eil Fiona Hylop a' dol fada air falbh.

'S ann oirrese a-nis a tha an dleastanas airson na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.