鶹Լ

Cogadh agus leasachadh meadaigeach

Bidh cogadh a' fàgail creach, sgrios agus call às a dhèidh. Ach cuideachd aig àm cogaidh, faodaidh adhartasan meadaigeach a thighinn gu buil nas luaithe bhon a tha cabhag air tùsairean meadaigeach gus nas urrainn dhaibh de shaighdearan agus de shìobhaltaich a shàbhaladh.

Mar sin, dè a' bhuaidh a thug A' Chiad Chogadh Mòr agus An Dàrna Cogadh Mòr air leasachaidhean meadaigeach anns an 20mh linn?

Postair bhon Chiad Chogadh mu obair bhoireannaich mar nursaichean air blàr a' chogaidhImage source, ALAMY
Image caption,
Postair bhon Chiad Chogadh mu obair bhoireannaich mar nursaichean air blàr a' chogaidh.
Back to top

Leòntan cogaidh sa Chiad Chogadh Mhòr

Dh'adhbharaich sabaid a' Chiad Chogaidh Mhòir mòran leòntaich air gach taobh:

  • Bha barrachd bhuill-airm cumhachdach is fèin-obrachail air chomas barrachd millidh agus leòntan nas doimhne adhbharachadh air barrachd dhaoine.
  • Bhon a bha an àireamh leòntaich cho mòr, bha e doirbh dèiligeadh gu luath ri daoine a bha air an leòn.
  • Air sgàth cus dhaoine agus droch shlàintealachd anns na trainnsichean, bha saighdearan a' fulang leis agus bha mialan air an tarraing a dh'fhaodadh fiabhras nan trainnsichean a sgaoileadh.
  • Dh'fhaodadh fuarachd agus tuil anns na trainnsichean cas-trainnse adhbharachadh. Nam biodh a' chùis uabhasach dona, dh'fhaodadh e cnàmhainn adhbharachadh.
  • Bha sabaid ann an suidheachadh salach, làn puill, a' fàgail lotan fosgailte do bhacteria a bha ag adhbharachadh galarachadh.
  • Bha sabaid chruaidh agus bomadh leantainneach a' toirt buaidh uabhasach air an inntinn agus ag adhbharachadh crith-cogaidh.

Call bhuill-bodhaig sa Chiad Chogadh Mhòr

Saighdearan Breatannach a' faighinn bhuill-bodhaig fuadain ann an Taigh Roehampton, Ospadal na Banrigh Màiri às dèidh sin, aig àm a' Chiad ChogaidhImage source, ALAMY
Image caption,
Saighdearan Breatannach a' faighinn bhuill-bodhaig fuadain ann an Taigh Roehampton, Ospadal na Banrigh Màiri às dèidh sin, aig àm a' Chiad Chogaidh.

Fhad 's a bha iad a' sabaid anns an Roinn Eòrpa anns A' Chiad Chogadh Mhòr, dh'fhuiling mòran shaighdearan Breatannach leòn bhuill-bodhaig.

Bhon a bha uiread de dh'fheum meadaigeach air na blàran-catha, cha robh mòran ùine aig dotairean airson feuchainn ri buill-bodhaig leònte a shàbhaladh. Chaidh casan agus gàirdeanan leònte a thoirt far mòran dhaoine - ro dheireadh a' chogaidh, bha còrr is 40,000 saighdear air ball-bodhaig a chall.

An toiseach, cha robh Breatainn deiseil airson na bha de dhaoine a' tighinn bhon Aghaidh is iad air ball-bodhaig a chall, agus b' fheudar cuideachadh iarraidh air Ameireaga.

Mar thoradh air Cogadh Sìobhalta Ameireaga (1861-1865), bha companaidhean Ameireaganach air an ullachadh na b' fheàrr airson coinneachadh ris na h-iarrtasan a bha aig Breatainn. Thàinig cuid dhiubh fiù 's thar an Atlantaig airson cuideachadh le factaraidhean a' stèidheachadh gus buill-bodhaig fhuadain a dhèanamh.

Dh'adhbharaich seo leudachadh ann an ionadan ath-ghnàthachaidh, agus dealbhadh agus barrachd dèanaimh air buill-bodhaig fhuadain.

Chaidh Ospadal na Banrigh Màiri ann an Roehampton a stèidheachadh mar ionad speisealta a chuidicheadh saighdearan fàs cleachdte ri beatha le ball-bodhaig fuadain. Thug e cothrom dhaibh pàirt a ghabhail ann an eacarsaichean a bha air an dealbh airson an cuideachadh tilleadh dhan chomann-shòisealta às dèidh a' chogaidh.

Fad a' chogaidh, bha lannsairean mar Thomas Openshaw a' dealbh bhuill-bodhaig fhuadain do shaighdearan Breatannach fhad 's a bha e ag obair ann an Ospadal na Banrigh Màiri.

Saighdearan Breatannach a' faighinn bhuill-bodhaig fuadain ann an Taigh Roehampton, Ospadal na Banrigh Màiri às dèidh sin, aig àm a' Chiad ChogaidhImage source, ALAMY
Image caption,
Saighdearan Breatannach a' faighinn bhuill-bodhaig fuadain ann an Taigh Roehampton, Ospadal na Banrigh Màiri às dèidh sin, aig àm a' Chiad Chogaidh.

Leòntan aodainn sa Chiad Chogadh Mhòr

Thill mòran shaighdearan a Bhreatainn às a' chogadh le leòntan air an aodann.

Mar thoradh air a sin, stèidhich Sir Harold Gillies Ospadal an Naoimh Màiri ann an Sidcup airson feuchainn rin cuideachadh.

Bhiodh Gillies a' toirt bho phàirtean de bhodhaig an euslaintich nach robh air am milleadh agus gan cleachdadh airson leòntan a' chogaidh fhalach.

Bha am pròiseas aig am àm na rud ùr ann an dotaireachd, agus leig e le iomadh neach à feachd an adhair a bh' air a leòn a bhith na phàirt dhen chomann-shòisealta a-rithist.

Ach cha robh a h-uile saighdear a' faireachdainn gum b' urrainn dhaibh pàirt a ghabhail anns a' chomann-shòisealta a-rithist. Roghnaich cuid de dh'euslaintich a bha air am milleadh gu dona fuireach anns an ospadal, agus bha iad ag obair an sin air leth bho dhaoine eile an còrr dhem beatha.

Dealbh saighdear leònte mus deach, agus às dèidh, a leòn. Chruthaich an snaigheadair Ameireaganach, Anna Coleman Ladd, masgaichean do shaighdearan a' Chiad Chogaidh a bha le fìor dhroch leòntan air an aodannImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh saighdear leònte mus deach, agus às dèidh, a leòn. Chruthaich an snaigheadair Ameireaganach, Anna Coleman Ladd, masgaichean do shaighdearan a' Chiad Chogaidh a bha le fìor dhroch leòntan air an aodann.

Nuair a bha e ag obair mar oifigear frithealaidh ann an Treas Ospadal Coitcheann Lunnainn ann an 1916, chleachd an snaigheadair, Francis Derwent Wood, na sgilean ealain aige gu bhith a' cuideachadh shaighdearan a bha a' tilleadh às a' chogadh le leòntan aodainn nach gabhadh càradh le obair-lannsa.

Chruthaich Wood masg fuadain aotrom, meatailte a dh'fhiotadh gach euslainteach dìreach ceart. Bhiodh e a' peantadh dealbh de dh'aodann an euslaintich air a' mhasg, cho coltach 's a ghabhadh ri mar a bha e bho thùs, glè thric bho dhealbhan ro àm a' chogaidh.

Bha euslaintich a' gearan gun robh na masgaichean teth agus tachasach, agus bha mòran gan cur bhuapa gu math luath. Ach fiù 's aig a sin, bha e na dhòigh dha na daoine leis na leòntan aodainn bu mhiosa a dhol air ais dhan chomann-shòisealta agus feuchainn ri tilleadh chun an t-seann dòigh-beatha aca.

Chaidh an aon seòrsa obair a dhèanamh ann am Paris leis an t-snaigheadair Ameireaganach Anna Coleman Ladd. Ro dheireadh 1919, bha i fhèin agus an sgioba aice air 185 masgaichean a chruthachadh.

Dealbh saighdear leònte mus deach, agus às dèidh, a leòn. Chruthaich an snaigheadair Ameireaganach, Anna Coleman Ladd, masgaichean do shaighdearan a' Chiad Chogaidh a bha le fìor dhroch leòntan air an aodannImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh saighdear leònte mus deach, agus às dèidh, a leòn. Chruthaich an snaigheadair Ameireaganach, Anna Coleman Ladd, masgaichean do shaighdearan a' Chiad Chogaidh a bha le fìor dhroch leòntan air an aodann.
Back to top

Cùisean saidhc-eòlais bho chogadh

Bha mòran shaighdearan a' fulang le tinneas air an robh crith-cogaidh - canaidh sinn a-nis .

Rè a' Chiad Chogaidh Mhòir, cha robh mòran dhe na fir a thugadh dhan ospadal a' fulang le crith-cogaidh air chothrom tilleadh gu seirbheis armailteach. Le uiread de dhaoine air am marbhadh no air an leòn, bha ceannardan armailteach airson gum biodh na fir sin air chothrom tilleadh dha na trainnsichean. Mar thoradh air a sin, stèidhich an riaghaltas ospadail ath-ghnàthachaidh do dhaoine a bha a' fulang le crith-cogaidh.

Ann am bliadhnaichean tràth a' chogaidh, bha dùil gun robh crith-cogaidh air adhbharachadh le nearbhan a bha air an leòn. Bha an leigheas a' gabhail a-steach massage, fois, daithead chruaidh agus leigheas le breab-dealain. An dèidh sin, thòisich oifigearan meadaigeach a' làimhseachadh crith-cogaidh mar shuidheachadh saidhc-eòlachail, agus a' cleachdadh , hypnosis agus fois.

Bàird a' Chiad Chogaidh Mhòir

Eadar 1916 agus 1919, bha Craiglockhart ann an Dùn Èideann air a chleachdadh mar ospadal armailteach slàinte-inntinn airson leigheas a thoirt do dh'oifigearan Breatannach a bha a' fulang le crith-cogaidhImage source, ALAMY
Image caption,
Eadar 1916 agus 1919, bha Craiglockhart ann an Dùn Èideann air a chleachdadh mar ospadal armailteach slàinte-inntinn airson leigheas a thoirt do dh'oifigearan Breatannach a bha a' fulang le crith-cogaidh.

B' e Ospadal Cogaidh Chraiglockhart ann an Dùn Èideann fear dhe na h-ospadail ath-ghnàthachaidh a b' ainmeile a bh' ann.

Eadar an Dàmhair 1916 agus am Màrt 1919, chaidh dèiligeadh ri 1,736 euslaintich ann an Craiglockhart. Dhiubh sin, thill 758 dhan chogadh an dèidh leigheas.

B' ann an Craiglockhart a choinnich dà bhàrd ainmeil a' Chiad Chogaidh Wilfred Owen agus Siegfried Sassoon ann an 1917. Fhuair an dithis aca leigheas airson crith-cogaidh agus thill an dithis aca dha na trainnsichean. Bha Sassoon beò an dèidh urchair fhaighinn anns a' cheann agus chuir e seachad deireadh a' chogaidh ann am Breatainn. Chaidh Owen a mharbhadh anns an t-sabaid air 4mh Samhain 1918, seachdain mus do sguir an cogadh.

Eadar 1916 agus 1919, bha Craiglockhart ann an Dùn Èideann air a chleachdadh mar ospadal armailteach slàinte-inntinn airson leigheas a thoirt do dh'oifigearan Breatannach a bha a' fulang le crith-cogaidhImage source, ALAMY
Image caption,
Eadar 1916 agus 1919, bha Craiglockhart ann an Dùn Èideann air a chleachdadh mar ospadal armailteach slàinte-inntinn airson leigheas a thoirt do dh'oifigearan Breatannach a bha a' fulang le crith-cogaidh.

Gealtachd no tinneas?

Back to top

A' leigheas galarachadh

Alexander Fleming

B' e bith-eòlaiche Albannach, eòlaiche chungaidhean-leighis agus luibh-eòlaiche a bh' ann an Sir Alexander Fleming. Thachair gun do lorg e peinisilean gun fhios dha fhèin ann an 1928Image source, ALAMY
Image caption,
B' e bith-eòlaiche Albannach, eòlaiche chungaidhean-leighis agus luibh-eòlaiche a bh' ann an Sir Alexander Fleming. Thachair gun do lorg e peinisilean gun fhios dha fhèin ann an 1928.

Ann an 1928, ghabh am bith-eòlaiche Albannach, Alexander Fleming, saor-làithean on obair-lann aige. Dh'fhàg e soitheach petri anns an robh bacteria, agus e an dùil dèiligeadh ris nuair a thilleadh e.

Nuair a thill Fleming, chunnaic e gun robh clòimh-liath air faighinn a-steach dhan t-soitheach. Far an robh a' chlòimh-liath air fàs, chuir e stad air a' bhacteria bho fhàs.

B' e bith-eòlaiche Albannach, eòlaiche chungaidhean-leighis agus luibh-eòlaiche a bh' ann an Sir Alexander Fleming. Thachair gun do lorg e peinisilean gun fhios dha fhèin ann an 1928Image source, ALAMY
Image caption,
B' e bith-eòlaiche Albannach, eòlaiche chungaidhean-leighis agus luibh-eòlaiche a bh' ann an Sir Alexander Fleming. Thachair gun do lorg e peinisilean gun fhios dha fhèin ann an 1928.

Peinisilean ga lorg

An soitheach petri a bh' aig Alexander Fleming. Bidh cultar peinisilean a' cur stad air fàs bacteriaImage source, ALAMY
Image caption,
Chuir clòimh-liath peinisilean (an cruth mòr geal) a' fàs air an taobh chlì dhen t-soitheach petri aig Fleming stad air bacteria (na cruthan geala nas lugha) bho bhith a' fàs faisg air. (Science History Images / Alamy Stock Photo)

Thòisich Fleming a' rannsachadh agus cha b' fhada gus an do rinn e a-mach gum b' urrainn a' chlòimh-liath, a bha na peinisilean, bacteria a mharbhadh gun ceallan dhaoine a mhilleadh.

B' e nuadh fhiosrachadh air leth iongantach a bha seo. Ach bha peinisilean mall gu fàs, agus mar sin, cha deach aig Fleming air na fhuair e a-mach a thoirt air adhart. Cuideachd, cha robh e air fheuchainn air beathaichean, agus mar sin cha robh dearbhadh sam bith aige gun robh peinisilean feumail airson galarachadh bacteriach a shabaid anns a' bhodhaig.

An soitheach petri a bh' aig Alexander Fleming. Bidh cultar peinisilean a' cur stad air fàs bacteriaImage source, ALAMY
Image caption,
Chuir clòimh-liath peinisilean (an cruth mòr geal) a' fàs air an taobh chlì dhen t-soitheach petri aig Fleming stad air bacteria (na cruthan geala nas lugha) bho bhith a' fàs faisg air. (Science History Images / Alamy Stock Photo)

Peinisilean ga dhèanamh air mòr-sgèile

Sanas ann an iris Ameireaganach anns na 1940an airson cho cudromach 's a bha peinisilean do shaighdearan Ameireaganach anns an Dàrna CogadhImage source, ALAMY
Image caption,
Sanas ann an iris Ameireaganach anns na 1940an airson cho cudromach 's a bha peinisilean do shaighdearan Ameireaganach anns an Dàrna Cogadh.

Thog luchd-saidheans a bha stèidhichte ann an Oxford, Howard Florey agus Ernst Chain, air obair Fleming. Maoinichte le taic-airgid às na SA, thòisich iad a' rannsachadh dè cho èifeachdach 's a bha peinisilean ann an daoine.

Dh'fhàs iad peinisilean iad fhèin anns na ceudan de phoitean-leapa ospadail, agus ann an 1941, chaidh aca air tòiseachadh ga fheuchainn air neach.

Bha euslainteach saor-thoileach aca, Albert Alexander, air an robh .

Thòisich Albert a' dol am feabhas. Ach, theirig am peinisilean air Florey agus Chain às dèidh còig latha agus chaochail Albert leis a' ghalarachadh.

Dh'obraich Florey agus Chain a-mach gum feumadh iad 2,000 liotair peinisilean airson dìreach aon chùis galair - bha e uabhasach doirbh na bha sin a dhèanamh.

Bho thoiseach an Dàrna Cogaidh ann an 1939, bha aire nam factaraidhean ann am Breatainn gu mòr air armachd a dhèanamh agus cha b' urrainn dhaibh cuideachadh le peinisilean a dhèanamh air mòr-sgèile.

Nuair a thàinig Ameireaga dhan chogadh ann an 1941, thug Riaghaltas Ameireagaidh seachad iasad gun riadh do chompanaidhean Ameireaganach airson an uidheamachd dhaor air an robh feum gus peinisilean a dhèanamh air mòr-sgèile a cheannach.

San Ògmhios 1944, le peinisilean ga dhèanamh air mòr-sgèile ann am Breatainn agus ann an Ameireaga, bha 2.3 millean dòs peinisilean aig na Feachdan Caidreabhach - dìreach ann an àm airson dol-air-tìr D-Day a bheireadh tionndadh anns a' chogadh.

Sanas ann an iris Ameireaganach anns na 1940an airson cho cudromach 's a bha peinisilean do shaighdearan Ameireaganach anns an Dàrna CogadhImage source, ALAMY
Image caption,
Sanas ann an iris Ameireaganach anns na 1940an airson cho cudromach 's a bha peinisilean do shaighdearan Ameireaganach anns an Dàrna Cogadh.
Back to top

Cùram-slàinte an dèidh an Dàrna Cogadh

Uàrdain shaor-thoileach a' giùlan euslainteach sìobhaltach air sìneadair bho thogalach air a mhilleadh le bomaImage source, ALAMY
Image caption,
Uàrdain shaor-thoileach a' giùlan euslainteach sìobhaltach air sìneadair bho thogalach air a mhilleadh le boma. Chaidh mòran bhailtean ann am Breatainn a mhilleadh aig àm a' chogaidh agus bha tòrr obair ath-thogail aig an rìoghachd ri dhèanamh.

Mar a bha An Dàrna Cogadh a' tighinn gu crìch agus a thòisich sìth air tilleadh dhan Roinn Eòrpa, thòisich Breatainn a' smaoineachadh air ciamar a dhèanadh i ath-thogail air an rìoghachd às dèidh nam bliadhnaichean de chogadh a dh'fhàg mòran dhaoine tinn no air an leòn.

Chaidh Taghadh Coitcheann a chumail ann am Breatainn ann an 1945. Chaill am Partaidh Tòraidheach aig Winston Churchill agus b' e am Partaidh Làbarach, fo stiùireadh Clement Attlee, a chruthaich riaghaltas mòr-chuid.

B' e aon de phrìomh gheallaidhean a' Phartaidh Làbaraich anns an taghadh gun cuireadh iad an gnìomh Aithisg Beveridge 1942 agus gun cruthaicheadh iad comann-sòisealta a choimheadadh às dèidh nan saoranaich eadar a' 'chreathaill agus an uaigh'.

Uàrdain shaor-thoileach a' giùlan euslainteach sìobhaltach air sìneadair bho thogalach air a mhilleadh le bomaImage source, ALAMY
Image caption,
Uàrdain shaor-thoileach a' giùlan euslainteach sìobhaltach air sìneadair bho thogalach air a mhilleadh le boma. Chaidh mòran bhailtean ann am Breatainn a mhilleadh aig àm a' chogaidh agus bha tòrr obair ath-thogail aig an rìoghachd ri dhèanamh.

Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ga cruthachadh

Aneurin Bevan, Ministear Slàinte na Dùthcha agus neach-stèidheachaidh an NHS, a' tadhal air Ospadal na Pàirce ann am Manchester, 1947Image source, ALAMY
Image caption,
Aneurin Bevan, Ministear Slàinte na Dùthcha agus neach-stèidheachaidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS), a' tadhal air Ospadal na Pàirce ann am Manchester, 1947.

Ann an 1948, thug an Riaghaltas Làbarach atharrachadh mòr, mòr air cùram-slàinte ann am Breatainn nuair a thòisich Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS).

Airson a' chiad uair riamh ann am Breatainn, bha a saoranaich gu lèir air chomas cùram-slàinte fhaighinn an-asgaidh nuair a dh'fheumadh iad sin.

Thuirt Ministear na Slàinte, Aneurin Bevan, gun robh e a' cur bacadh air piseach ma bha uallach ort mu airgead nuair a bha thu tinn, a bharrachd air a bhith an-iochdmhor agus gun adhbhar.

Thug cruthachadh an NHS cothrom do mhuinntir Bhreatainn an leigheas a b' fheàrr fhaighinn. Chuir seo gu mòr ri slàinte agus dùil-aoise a' phobaill.

Bhon a bha an NHS air a mhaoineachadh leis an riaghaltas, bha cothrom ann air tasgadh a dhèanamh. Bha seo a' ciallachadh gun deach ospadail ùra a thogail agus uidheamachadh leis an teicneòlas a b' ùire a bh' ann.

Aneurin Bevan, Ministear Slàinte na Dùthcha agus neach-stèidheachaidh an NHS, a' tadhal air Ospadal na Pàirce ann am Manchester, 1947Image source, ALAMY
Image caption,
Aneurin Bevan, Ministear Slàinte na Dùthcha agus neach-stèidheachaidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS), a' tadhal air Ospadal na Pàirce ann am Manchester, 1947.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top