鶹Լ

Am faod mi stuthan 鶹Լ a chleachdadh airson mo ghnìomhachas?

Air ùrachadh: 1 An t-Samhain 2022

Feumaidh tu ar cead fhaighinn an toiseach airson feum gnìomhachais sam bith, agus ’s dòcha gum bi agad ri cìs a phàigheadh. 

Cuin is e “feum gnìomhachais” a th’ ann?

’S e feum gnìomhachais a th’ ann ma tha thu a’ cleachdadh tè sam bith de ar seirbheisean:

  • Gu ìre mhòr gus d’ obair a dhèanamh – mar neach-obrach, mar chùmhnantair no mar neach-comhairleachaidh
  • Airson adhbharan coimeirsealta – airson prothaid a dhèanamh
  • Airson feumalachdan foghlaim, carthannach gun phrothaid, no riaghaltais

Iarr cead an seo airson stuthan a' BhBC a chleachdadh.

Tha riaghailtean a bharrachd ann do ghnìomhachasan co-cheangailte ri…

… Cleachdadh meata-dàta

Feumaidh tu cead airson ar meata-dàta a chleachdadh (leithid dealbhan, teacsa, meadhanan agus na ceanglaichean thuca). Cuir iarrtas a-steach airson cead meata-dàta.

… A’ cleachdadh 鶹Լ iPlayer

Faodaidh daoine nad thogalach iPlayer a chleachdadh airson prògraman a choimhead beò no air iarrtas, no faodar an luchdachadh sìos.

Ach feumaidh tu Cead Telebhisean. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig .

Feumaidh tu cead airson iPlayer a chleachdadh gus prògram no criomag a chluich gu luchd-amhairc. . 

Chan fhaodar càin a chur air daoine airson iPlayer a chleachdadh. 

... A' cleachdadh ceanglaichean RSS

Feumaidh tu ar cead fhaighinn mus tèid ar ceanglaichean RSS a chleachdadh airson feum gnìomhachais sam bith, agus 's dòcha gum bi agad ri cìs a phàigheadh.

Seo tuilleadh fiosrachaidh:

Airson cead ceanglaichean RSS rèidio nàiseanta, sgìreil agus ionadail san RA a chleachdadh.

Airson cead ar seirbheis rèidio eadar-nàiseanta agus ceanglaichean RSS Seirbheis na Cruinne air-loidhne a chleachdadh.

Airson cead podcastan a chleachdadh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: