Air ùrachadh: 20 Am Mà rt 2019
Bha sinn airson innse dhut gu bheil d’ fhiosrachadh sà bhailte is e againne. Seo beagan fiosrachaidh mu mar a bhios sinn a’ dèiligeadh ri d’ fhiosrachadh nuair a chuireas tu na chruthaich thu thugainn.
Dè am fiosrachadh a bhios sibh ag iarraidh mum dheidhinn?
'S dòcha gun iarr sinn fiosrachadh ort, do chiad ainm, d’ aois agus do bhaile mar eisimpleir.
'S dòcha gun toir thu seachad fios mud dheidhinn fhèin anns na cruthachaidhean a chuireas tu thugainn. Uaireannan thèid againn air faighinn a-mach cò th’ annad ma chuireas tu thugainn dealbh no bhidio anns a bheil thu fhèin.
Na toir dhuinn fiosrachadh prìobhaideach mud dheidhinn fhèin, do charaidean no do theaghlach.
Carson a bhios sibh ag iarraidh am fiosrachadh sin?
'S dòcha gum foillsich sinn na chruthaich thu. Tha seo a’ ciallachadh gum faod e nochdadh air ar prògraman TBh no air-loidhne, agus gun tèid an coimhead. Ma dh’fhoillsicheas sinn na chruthaich thu, ‘s dòcha gu seall sinn d’ ainm agus d’ aois ach am faic daoine cò chruthaich am pìos mìorbhaileach agad!
Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m’ fhiosrachadh a chleachdadh?
Faodaidh sinn am fiosrachadh no an stuth a chruthaich thu a chleachdadh anns na dòighean a mhìnich sinn dhut, agus tha seo a’ gabhail a-steach nuair a tha na stuthan a’ cleachdadh fiosrachadh a tha pearsanta no sònraichte dhut fhèin, mud shlà inte no do chreideamh mar eisimpleir.
Faodaidh tu d’ inntinn atharrachadh uair sam bith. Cuir fios thugainn mu dheidhinn stuthan a chur thu thugainn roimhe.
Ciamar a bhios sibh a’ cumail sùil air an fhiosrachadh a th’ agaibh mum dheidhinn?
Bidh sinn ga chumail sà bhailte.
Bidh sinn a’ tionndadh am fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn (ach chan e na chruthaich thu!) na chòd dìomhair gus nach faic duine eile e.
Dè cho fada ‘s a bhios sibh a’ cumail fiosrachadh mum dheidhinn?
Bidh sinn ga ghleidheadh arison 7 bliadhna.
Dè cho fada ‘s a bhios sibh a’ cumail na suthan a chruthaich mi?
Ma fhoillsicheas sinn na chruthaich thu, faodaidh sinn a chleachdadh an à ite sam bith san t-saoghal, gu brà th agus air meadhan sam bith. Gheibh thu a-mach tuilleadh mu na dh’fhaodas sinn a dhèanamh le na chruthaich thu anns na Cumhaichean Cleachdaidh.
Mura foillsich sinn na chruthaich thu, dubhaidh sinn e far ar siostaman cuide ri fiosrachadh mu dheidhinn an taobh a-staigh dà bhliadhna.
Dè thachras dhan stuth a chruthaich mi ma dhubhas mi à s mo chunntas Â鶹ԼÅÄ?
Ma tha e air fhoillseachadh, bidh na chruthaich thu beò ged a dhubhadh tu à s do chunntas Â鶹ԼÅÄ. Dubhaidh sinn à s am fiosrachadh a thug thu dhuinn airson do chunntas fhosgladh no ùrachadh ma dhubhas tu à s do chunntas Â鶹ԼÅÄ an taobh a-staigh dà bhliadhna. Le bhith dubhadh à s do chunntas, dh’fhaodadh seo d’ ainm-taisbeanaichte atharrachadh is cha bhi fios aig daoine gur tu a th’ ann. Aig amannan cha tèid againn air d’ ainm-taisbeanaichte atharrachadh, mar eisimpleir nuair a tha deasaiche air d’ ainm-taisbeanaichte a chur a-steach.
Cò leis am bi sibh a’ sgaoileadh fiosrachadh mum dheidhinn?
Bidh sinn a’ cleachdadh companaidhean eile airson cuideachadh le ar seirbheisean agus, aig amannan, iarraidh sinn orra d’ fhiosrachadh a’ là imhseachadh dhuinn. Mar eisimpleir, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil na cruthachaidhean a tha sinn a’ foillseachadh sà bhailte is freagarrach. Leis a sin, bidh sinn a’ cleachdadh a’ chompanaidh ICUC. Social gus sùil a thoirt orra. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu
bheilear a’ gabhail cùram den fhiosrachaidh agad san aon dòigh ‘s ged a b’ e sinn fhèin a bha dèiligeadh ris. Thèid na companaidhean a thaghadh gu faiceallach, is cha sgaoilear ach na dh’fheumar de dh’fhiosrachaidh agus nì sinn cinnteach gun tèid a chumail sà bhailte.
Cha sgaoil sinn fiosrachadh mud dheidhinn ri neach sam bith eile, ach a-mhà in ann an suidheachaidhean sònraichte, mar eisimpleir airson do chumail sà bhailte.
Faigh a-mach tuilleadh!
Thoir sùil air ar duilleagan prìobhaideachd, far an lorg thu Poileasaidh Prìobhaideachd is Cookies a’ BhBC agus tòrr a bharrachd mu mar a bhios sinn a’ dèiligeadh ri fiosrachaidh mud dheidhinn, dè na còraichean a th’ agad, agus dè nì thu ma tha ceist no gearain agad.