Â鶹ԼÅÄ

Carson a dh’fheumas mi fiosrachadh pearsanta a thoirt seachad nuair a chlàras mi?

Air ùrachadh: 19mh dhen t-Sultain 2024

Tha sinn uabhasach faiceallach le d’ fhiosrachadh pearsanta. Mar sin, tha sinn airson mìneachadh carson a tha sinn ag iarraidh gach pìos fiosrachaidh, agus mar a thèid a chleachdadh gus am Â鶹ԼÅÄ a dhèanamh nas fheàrr.

Post-d/Ainm-cleachdaidh

Ma tha thu 13 no nas sine, iarraidh sinn do sheòladh post-d ort. Ma tha thu nas òige na 13, iarraidh sinn ort ainm-cleachdaidh a chruthachadh. Tha seo eadar-dhealaichte bho ainm taisbeanaichte. Gheibh thu mach tuilleadh mu ainmean taisbeanaichte an seo.

Bidh sinn a’ cleachdadh seo gus dèanamh cinnteach gur e neach dha-rìribh a th’ annad (seach ròbot) agus airson tèarainteachd, gus nach ruig duine ach thu fhèin air do chunntas Â鶹ԼÅÄ. Chan fhaic neach eile do sheòladh-d no d' ainm-cleachdaidh. 

Leigidh do sheòladh-d cuideachd dhut d’ fhacal-faire ùrachadh ma dhìochuimhnicheas tu e. Agus tha e a’ ciallachadh gu faigh sinn fios thugad ma tha rudeigin às ùr againn ri innse dhut, mar atharrachadh nar cùmhnant cleachdaidh.

Facal-faire

Tha d’ fhacal-faire a’ cuideachadh le do chunntas a chumail tèarainte, gus nach fhaigh daoine eile a-steach ann. Dèan cinnteach gu bheil e doirbh a thomhais agus gu bheil iad seo ann:

  • Ochd no barrachd charactaran
  • Co-dhiù aon litir
  • Co-dhiù aon àireamh no samhla

Latha-breith

Iarraidh sinn do latha-breith nuair a chlàras tu an toiseach. Leigidh seo dhut a bhith a’ cleachdadh pàirtean dhen BhBC a tha iomchaidh dha d’ aois. Mar eisimpleir, chan urrainn do dh’inbhich brathan fhàgail air bùird-brath chloinne. Leigidh seo leis a’ BhBC dearbhadh gu bheil thu nas sine na 18.

Tha e cuideachd a’ ciallachadh gu faic sinn mar a tha daoine de dh’aoisean eadar-dhealaichte a’ cleachdadh a’ BhBC. A bharrachd air fios mu àite is gnè dhaoine, tha e gar cuideachadh ann a bhith a’ tomhas a bheil sinn a’ dèanamh rudeigin dhan h-uile duine.

Ma tha fios againn air do latha-breith, thèid againn air fiosrachadh buntainneach bhon a’ BhBC a thoirt thugad agus ann am puist-d sam bith a dh’iarr thu oirnn.

A’ stòradh do latha-breith

Ma tha thu 18 no nas sine, cumaidh sinn do bhliadhna breith a-mhàin, cha chùm sinn an latha no mìos. Cha chùm sinn ach an dàta a dh’fheumas sinn airson am Â鶹ԼÅÄ a dhèanamh nas pearsanta dhut. Chan fheum sinn latha no mìos do bhreith airson seo is mar sin, cha bhi sinn gan cumail.

Ma tha thu fo 18 agus gun deach do chunntas a chruthachadh ro LL/MM/BBBB, gleidhidh sinn do latha-breith slàn gus am bi fios againn nuair a ruigeas tu 18 bliadhna a dh’aois. Nuair a thachras sin, dubhaidh sinn às an latha agus am mìos bho ar clàran.

 

Ma tha thu fo 18 agus gun deach do chunntas a chruthachadh an dèidh 19/9/2024, cha dhubh sinn às an latha agus am mìos nuair a ruigeas tu 18 bliadhna a dh’aois.

 

Taobh a-muigh na RA?

Bidh sinn ga chleachdadh airson nan adhbharan air an ainmeachadh. Agus leis gu bheil am Â鶹ԼÅÄ air a mhaoineachadh gu coimeirsealta air taobh a-muigh na RA, bidh Â鶹ԼÅÄ Global News Limited ga chleachdadh airson sanasachd a phearsanachadh. Nam b' fheàrr leat nach cleachdadh sinn d' fhiosrachadh san dòigh seo, faodaidh tu do sheataidhean cookie atharrachadh.

³Ò²Ôè

Bidh sinn a’ faighneachd do gach neach dè an gnè air a bheil iad airson a bhith air an aithneachadh. Faodar boireann, fireann no gnè sam bith eile a thaghadh. Tha e cuideachd comasach gun taghadh a dhèanamh.

Cuidichidh seo sinn ann a bhith a’ faicinn mar a tha daoine de gach gnè a’ cleachdadh a’ BhBC. A bharrachd air aois is àite dhaoine, tha seo gar cuideachadh ann a bhith a’ tomhas a bheil sinn a’ dèanamh rudeigin dhan h-uile neach. Dh’fhaodadh gun cleachd sinn seo, cuide ri fiosrachadh eile mud dheidhinn, gus fiosrachadh buntainneach a thoirt thugad air feadh a’ BhBC agus ann am puist-d sam bith a dh’iarr thu oirnn.

À¾±³Ù±ð

Ma tha thu san RA agus 13 no nas sine, iarraidh sinn do chòd puist. Ma tha thu san RA agus fo 13, iarraidh sinn do bhaile. Sin an t-àite anns a bheil thu a’ fuireach.

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ àite:

  • airson fiosrachadh buntainneach ionadail a thoirt thugad ann am puist-d sam bith a dh’iarr thu oirnn
  • airson adhbharan rannsachaidh is anailis gus ar cuideachadh seirbheisean a' BhBC a leasachadh. Dh'fhaodadh seo fiosrachadh geo-deamografaigeach a ghabhail a-steach bho chompanaidhean eile, gus dearbhadh a thoirt dhuinn gu bheil sinn a' dèanamh rudeigin dhan h-uile duine. 

Le bhith tabhann do chòd puist slàn, cuidichidh seo sinn a’ dearbhadh mar a thathar a’ cleachdadh a’ BhBC ann an diofar sgìrean. Mar sheirbheis poblach, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh dhan h-uile duine agus an luach as fheàrr fhaighinn bhon chead craolaidh. Leugh tuilleadh mu carson a dh’fheumas a h-uile càil a tha sinn a’ dèanamh a bhith gu buannachd ar luchd-amharc, luchd-èisteachd is luchd-cleachdaidh.

Taobh a-muigh na RA?

Ma tha thu taobh a-muigh na RA, faighnichidh sinn dè an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach.

Bidh sinn ga chleachdadh airson nan adhbharan air an ainmeachadh. Agus leis gu bheil am Â鶹ԼÅÄ air a mhaoineachadh gu coimeirsealta, bidh Â鶹ԼÅÄ Global News Limited ga chleachdadh airson sanasachd a phearsanachadh.

Nam b’ fheàrr leat nach cleachdadh sinn d’ fhiosrachadh san dòigh seo, faodaidh tu do sheataidhean cookie atharrachadh.

Mar a chleachdas sinn d’ fhiosrachadh pearsanta

’S e seirbheis phoblach a th’ anns a’ BhBC. Feumaidh a h-uile càil a nì sinn a bhith gu buannachd ar luchd-èisteachd, luchd-amharc agus ar luchd-cleachdaidh. Agus tha sin a’ gabhail a-steach dè nì sinn led fhiosrachadh pearsanta.

Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gus buannachd a thoirt dhut ann an dà dhòigh:

1. Â鶹ԼÅÄ nas pearsanta dhut

Tha e gar cuideachadh gus am Â鶹ԼÅÄ a dhèanamh nas pearsanta dhut. Tha e a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn:

  • Rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut a mholadh dhut
  • Stuthan a shealltainn dhut a tha buntainn ri far a bheil thu a’ fuireach
  • Dèanamh cinnteach gun urrainn dhut rudan a tha freagarrach airson d’ aois a chleachdadh.

2. A' dèanamh rudeigin dhan h-uile duine

Mar sheirbheis poblach feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh dhan h-uile duine.

Mar a tha daoine a’ cleachdadh barrachd dhen stuth againn air-loidhne, feumaidh sinn tuigse fhaighinn air cò iad a tha ga chleachdadh. Tha goireasan mar an iPlayer a’ tairgsinn barrachd dhòighean airson tlachd fhaighinn à stuthan Â鶹ԼÅÄ. Agus fhad ’s a tha iad sin a’ leigeil dhuinn faicinn cia mheud neach a tha a’ faighinn tlachd às na goireasan againn, chan eil iad ag innse dhuinn dad mun deidhinn. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil e doirbh dhuinn fios a bhith againn a bheil sinn a’ dèanamh rudeigin dhan h-uile duine no nach eil.

Sin an t-adhbhar a tha sinn ag iarraidh ort logadh a-steach agus beagan fiosrachaidh a thoirt dhuinn.

A’ cumail d’ fhiosrachadh sàbhailte

Cha reic sinn d’ fhiosrachadh pearsanta gu bràth ri duine sam bith agus cha chleachd sinn do dhàta airson adhbharan malairteach ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh seirbheis choimeirsealta Â鶹ԼÅÄ. Cha toir sinn d’ fhiosrachadh pearsanta do dhuine sam bith taobh a-muigh a’ BhBC gun do chead.

Faigh a-mach tuilleadh mu d’ fhiosrachadh agus do phrìobhaideachd.

Bidh sinn a’ roinn cuid dhen dàta pearsanta agad le sgioba Cead-cleachdaidh TBh airson dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh Â鶹ԼÅÄ iPlayer agus airson am fiosrachadh as ùire a chur dhan stòr-dàta aca. Faigh a-mach tuilleadh mu Chead-cleachdaidh TBh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: