Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 13 An Giblean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 16:32 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Pròifil Roinn-taghaidh: na h-Eileanan Siar
Ìý
Uibhist a Tuath (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Tha na h-Eileanan Siar am measg nan roinnean as bige a thaobh àireamh an t-sluaigh
Bho chaidh a stèidheachadh aig deireadh a' Chiad Chogaidh mar roinn-taghaidh fa-leth, bha na h-Eileanan an Iar mar a bu trice a' dol air an t-slighe aca fhèin.

Airson a' mhòr-chuid den 20mh Linn, ged a bha grèim teann aig na Lib-Deamaich air a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd, bhiodh na h-Eileanan an Iar aig na Làbaraich, no aig an SNP.

'S iad fearann, an t-iasgach, an clò, agus gu sònraichte cothroman cosnaidh as motha a th' air a bhith èiseil do luchd-bhòtaidh na sgìre tro na bliadhnaichean.

Ged a tha sluagh na sgìre an ìre mhath beag - mu 26,000 - tha cho sgaipte 's a tha an sgìre, agus gnothaichean siubhail, a' cur dùbhlain mhòir ro riochdairean poileataigeach na sgìre.

Roinn Phoblach / Roinn Phrìobhaideach

Tha cuideachd sluagh a tha a' fàs nas sine, agus eaconamaidh lag, a tha a' crochadh gu mòr air an roinn phoblaich, ag adhbharachadh duilgheadais, gu h-àraid agus ionmhas gu math gann.

Tha sgoiltean, buidhnean glèidhteachais, seirbheisean còmhdhail, cumhachd ath-nuadhachail agus glèidheadh na Sàbaid, uile air a bhith cudromach o chionn beagan bhliadhnaichean, do mhuinntir nan Eilean.

Thàinig lùghdachadh air an smachd agus an àite a bh' aig a' phrìomh bhuidhinn leasachaidh eaconamaich, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, bho bha an Taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.

ÌýGed a bhiodh duine airson rudeigin a dhèanamh, 's e a' chiad rud a tha a' tighinn suas nan rathad, 's e cnap-starra
Ìý
Eachann Stiùbhart

A rèir a' chomhailrliche neo-eisimeilich Iain MacAoidh, à Nis, ann an Leòdhas, tha an luchd-bhòtaidh fhathast den bheachd gu bheil feum air an sgìre a leasachadh.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e sin rud cho cudromach 's a th' ann. Gum bi obraichean aig daoine," thuirt e.

"Tha an t-uabhas dhaoine sna h-Eileanan a tha seo an dèis na h-obraichean aca a chall.

"Mur a bi obraichean ann, cha bhi sluagh ann - gu h-àraid an òigridh, a bhios a' dol a dh'fhalbh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil uallach mòr air an Riaghaltas ge b'e cò an riaghaltas a bhios ann, maoineachadh a dhèanamh airson 's gun tèid na h-obraichean sin a chur air chois sna h-Eileanan a tha seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil grunn rudan a tha iad a' smaoineachadh air.

"Tha foghlam ann, foghlam dhan chloinn. Agus tha rathaidean ann, 's prìs a' chonnaidh. Nuair a tha a' phrìs sin a' dol an-àirde, tha a h-uile càil a th' ann a' dol an-àirde.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e seo na ceistean as motha a bhios air na daoine a tha a' dol mu na dorsan an-dràsta," thuirt e.

Tha smachd a-niste aig Pàrlamaid na h-Alba air mòran de na tha a' bualadh air an eaconamaidh.

Do luchd-gnothaich, mar Eachann Stiùbhart ann an Griomasaigh, tha an dòigh sa bheil riaghailtean teann gan cur an sàs mus tèid aig gnìomhachas air rudan ùra a thòiseachadh, na fìor-chnap-starra.

"Bu chòir gun dèan iad leasachadh na b'fhasa," thuirt e.

"Tha buidhnean àrainneachail a' cur an aghaidh a h-uile sìon a tha daoine a' feuchainn ri dhèanamh, mar a chì sinn shìos am Barraigh 's ann an seo fhèin.

"Ged a bhiodh duine airson rudeigin a dhèanamh, 's e a' chiad rud a tha a' tighinn suas nan rathad, 's e cnap-starra.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an cumhachd a th' aig na daoine sin feumach air a lùghdachadh, agus barrachd taic a thoirt do dhaoine a bhiodh airson gnìomhachas a thoirt air adhart," thuirt e.

Na Tagraichean

O chionn ceithir bliadhna, bhuannaich an SNP an sgìre le mòr-chuid de 657 bhòt.

Uile gu lèir, thug 6,354 duine am bhòt dhan SNP san sgìre - cha-mhòr 47%.

Bha na Làbaraich san dàrna àite, le 5,667- cha-mhòr 42%.

Bha na Lib-Deamaich pìos air cùl an dà phrìomh phàrtaidh, le 852 a' cur am bhòt às an leth - còrr is 6%.

Bha na Tòraidhean anns an àite mu dheireadh le 752 - 5.5%.

An turas seo, tha Alasdair Allan a' dìon na sgìre don SNP.

Tha Dòmhnall Crichton aig na Làbaraich ag amas air a toirt bhuaithe.

Tha Peadar Moireasdan a' tagradh às leth nan Lib-Deamach.

Agus tha Teàrlach MacGriogair a' seasamh dha na Tòraidhean san sgìre.

Aig cridhe nan ceistean a chuireas daoine orra ann an iomairt an Taghaidh, bidh am balaiste eadar an roinn phoblach agus an roinn phrìobhaideach a thaobh seirbheisean agus cosnaidhean a chumail ris a' phoball.

Tha sin na uallach do dh'Eachann Stiùbhart cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh leis mar a tha gnothaichean an airgid air fàs, gum bi daoine tòrr nas fheumaiche air gnìomhachas an seo na bha iad a-riamh roimhe," thuirt e.

"Bidh an roinn phoblach a' fàs nas lugha, 's bidh e cudromach a bhith a' toirt taic do ghnìomhachasan mar a tha sinne.

"Tha thu a' coimhead airson daoine a bhith ag obair. Tha thu a' coimhead airson cuideachaidh dhan taobh sin, seach an roinn phoblach.

"Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, bha tòrr dhaoine a' faighinn obrach san roinn phoblaich. Tha mi a' smaoineachadh gum feum sin atharrachadh.

"'S gum feum sinn mar sin coimhead ri gnìomhachasan eile, agus ri gnìomhachasan a th' air a bhith againn o chionn bhliadhnaichean, mar a tha an t-iasgach fhèin," thuirt e.

Ged a tha mòr-chuid làidir aig an SNP - a rèir nam figearan air pàipear co-dhiù, 5% - tha àireamh an t-sluaigh fhèin cho beag 's nach fheumadh e mòran gus sin atharrachadh.

Chan eil teagamh sam bi gum bi sùilean nam pàrtaidhean uile gu lèir air na h-Eileanan an Iar, ged a tha i am measg nan roinnean-taghaidh as lugha a thaobh àireamh an t-sluaigh.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý